Cìrsa Gàidhlig anns an E. Sgitheanach

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Cìrsa Gàidhlig anns an E. Sgitheanach

Beitragvon Micheal » Do Sep 30, 2010 12:25 pm

Foghar ann am Flòdaigearraidh – Seachdain tro Mheadhan na Gàidhlig
25 – 29mh An Dàmhair, 2010


Clàradh tro http://www.smo.uhi.ac.uk




Là na sàbaid 6f Seirbheis Ghàidhlig (ri aontachadh)
8f Fàilte, san Ostail (SMO & muinntir Fhlòdaigearraidh)

Diluain 10 - 12 Cuairt air Flòdaigearraidh – Eàrdsaidh MacNeacail
2.00 – 4.30 A’ dèanamh bàrdachd còmhla, Renga le Maoilios
Caimbeul
6f Dìnnear san ostail – air ullachadh le muinntir
Fhlòdaigearraidh
8f. Cèilidh Lachie Gillies & muinntir a’ chùrsa – measgachadh de
sgeulachdan, ceòl agus crac

Dimàirt 9.30 – 12.00 A’ togail a’ bhuntàta – còmhla Calum a’ Chladaich
2.00 – 4.30 Cuairt gu Rubha Hùinis le Eàirdsidh MacNeacail
6f Dìnnear san ostail – air ullachadh le muinntir
Fhlòdaigearraidh
8f. Cèilidh Eòin Dòmhnallach & muinntir a’ chùrsa – measgachadh
de sgeulachdan, ceòl agus crac

Diciadain 9.30 – 12.00 Taigh-tasgaidh Chille Mhòire – Eòin Dòmhnallach
2.00 – 4.30 A’ dèanamh marag gheal le boireannaich Fhlòdaigearraidh
agus brot càil-duilisg le Neilie MacNeacail
6f Dinnear san ostail – air ullachadh le muinntir
Fhlòdaigearraidh

8f. Cèilidh Dolaidh NicAonghais & Dòmhnall Aonghais Mhòir &
muintir a’ chùrsa, measgachadh de sgeulachdan, ceòl agus crac

Diardaoin 9.30 – 12.00 A’ togail gàrradh cloiche le ???
2.00 – 4.30 Turas dhan chladach & do Thaigh-tasgaidh Stafainn –
Dùghall Ros/ NO tìde dheth
6f Dinnear san ostail – air ullachadh le muinntir
Fhlòdaigearraidh
8f. Cèilidh / An Ostail – muinntir Fhlòdaigearraidh agus
muinntir a’ chùrsa

Dihaoine m. 9.30 – 12.00 Cuairt gu Loch Langaig - Neilie/ Maoilios / Sìne Gilleasbuig
f. 2.00 – 3.00 An Ostail – ‘fios air ais’ mun t-seachdain
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Cìrsa Gàidhlig anns an E. Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Sa Okt 02, 2010 10:50 pm

Tha seo a' coimhead glè mhath. Ged nach do rinn mi an cùrsa seo roimhe, cha chuala mi ach deagh mholaidhean agus tha mi a' creidsinn gur e fìor deagh chùrsa a th' ann don fheadhainn aig a bheil saor-làithean air fhàgail. Agus tha Alba cho brèagha as t-fhoghar!
Cha dèan brògan tioram iasgach.


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast