duilleag-lìn ùr

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

duilleag-lìn ùr

Beitragvon An Gille Donn » Fr Sep 17, 2010 11:26 pm

A Chàirdean chòir,

tha mi beò fhathast, agus is e mi-fhèin a tha a' sgrìobhadh na teachdaireachd seo is chan e mo thaibhse...no deamhan a th' air mo riochd a ghabhail. :twisted:

Seadh, àidh, tha e follaiseach - tha mi air cus sgeulachdan H.P. Lovecraft a leughadh ris na cinn-seachdainn seo chaidh :wink: ...agus co-dhiù, is e naidheachd gu tur diofraichte a tha fainear dhomh:

Tha duilleag-lìn agam a nise. Uill, is e rud roimh làimh a th' innte, agus chan eil mi cho riaraichte leatha fhathast, is chan eil i buileach coimhlionta fhathast...ach a dh' aindeoin sin, b' fhiach e sùil a thoirt oirre:

https://sites.google.com/site/acsailognanron/home

Nise, cò agaibh a b' urrainn dhà no dhi comhairle a thoirt dhomh air duilleagan-lìn Google, agus ciamar a ghabhadh clò Gàidhealach a ghabhail a-steach, ma ghabhas sin a dhèanamh idir ? :?: :?: Tha diofar seòrsa clò Gàidhealach agam, ach cha deach agam fhathast air gin sam bith dhiubh a chleachdadh ann...

Uill, agus nach sgrìobh sibh 'ugam mar a tha 'n duilleag-l a' còrdadh ruibh, mas e ur toil e ? Bithidh fàilte bhlàth air gach uile beachd no comhairle - fhad 's as cothromach is modhail e / i...

Dùrachdan,

Acsail

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: duilleag-lìn ùr

Beitragvon NoClockThing » Mi Sep 22, 2010 7:00 pm

Halò!

Tha mi duilich nach eil mi eòlach air na goireasan Google idir. Ach rud eile a mhothaich mi: chan eil tiotal an Làrach ri fhaicinn gu math air sgàth 's gu bheil na dathan aig an dealbh os a chionn glè làidir.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Re: duilleag-lìn ùr

Beitragvon An Gille Donn » Mi Sep 22, 2010 10:03 pm

Uill, uill, a Nighean - chan e tusa an neach a mhàin a mhothaich e. Nì mi mo dhìcheall gus sin atharrachadh cho luath 's a ghabhas. Nise, tha mi dìreach air tilleadh bhon treas clas Gàidhlig agam 'san t-seimeastair seo aig VHS Giessen, agus chan eil adhbhar ghearain agam. Tha iad trang, agus deiseil is deònach. Aig deireadh a' chlais, bha sinn a' coimhead Seasaidh Lexy...agus oidhche Shathairne seo tighinn, thèid sinn gu taigh-seinnse Eireannach Ghiessen far am bi còmhlan Albannach-Gearmailteach a' cluich air a bheil Mac na Bracha mar ainm.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: duilleag-lìn ùr

Beitragvon NoClockThing » Do Sep 30, 2010 12:15 am

Tha mi an dòchas gun robh oidhche mhath agaibh :)
'S e saoghal a th' anns gach cànan

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Re: duilleag-lìn ùr

Beitragvon An Gille Donn » Di Okt 05, 2010 12:49 pm

Bha, ann an dòigh. Uill, chan e nach e deagh-cheòl a bha iad a' dèanamh - ach...

...uill, càite an toisich mi gun a bhith ro-chosmhuil ri seana-bhodach a' gearain ? :wink:

- ged a bha ainm Gàidhlig orra, chan eil a' chànan aca idir...agus sheinn bean a' phìobaire 'Far am bi mi fhèin' air an dòigh fhogharaich - uill, uill, bhiodh tuilleadh Gàidhlig na sin fiù aig Karen Nic Mhathain...

- is e deagh-phìobair agus seinneadair a th' ann an Jimmy MacCowat, ach is ann à Lìte a tha e agus cha ghabh e gnothach ri Gàidheil na ri Gàidhlig idir...nise, is toigh leam òrain Bheurla na h-Albann cuideachd, ach Donald where's yer troosers ? Mo chreach ! Tha sin na 's fhaisge air Harry Lauder na air fìor-dhualchas na Machaire Gallda ! Shaoileadh duine gur ann ri Tartanachas a bha 'n comhlan seo !

- tha bean a' phìobaire ri pìobaireachd cuideachd, ach bheireadh e droch-bhuaidh air leithid Ailein Ghlinn Uige ! Gheibheadh e Tinnitus fad bliadhnaichean ! Is mura robh a cuid pìobaireachd pianail gu leòr, is ann nuair a thòisich i ri seinn a thàinig an clisgeadh orm ! Thùirt fiù an fheadhainn a bha an làthair is nach robh tuigseach air Gàidhlig na air ceòl Gàidhealach nach robh i math air seinn...

- ...agus obh ! obh ! An dreach a chuir i air Amhran an t-Sean-Bhaile Salaich ! Chuireadh e 'n dearg-chuthach air Sean Mac a' Ghobhainn agus na Pògan ! Thigeadh an cadal-dealganach orra !

Ach tha deagh-naidheachd agam, cuideachd: Shoirbhich leam lem' sgrìobhainn mu Ghoethe agus a chuid ceanglan ri saoghal na Gàidhlig ! Chaidh iarraidh orm a chur an dreach leabhair...agus is e seo a tha mi ris an ceartuair, is e chun a nochdadh anns a' Cheiteann an ath-bhliadhna - gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh an sin: https://sites.google.com/site/acsailognanron/home/goethe-agus-na-gidheil---goethe-und-die-glen...

Bithidh e a' nochdadh ann an sreath sgrìobhainnean sgolaireil Leabharlann Mòr nan Ùrsgeulan Neònach (Phantastische Bibliothek) ann an Wetzlar, far am bi mi ga chur air bhog troimh 'n òraid agam mun aon chuspair...agus bithidh Comann Ghoethe Wetzlar an làthair, cuideachd.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: duilleag-lìn ùr

Beitragvon NoClockThing » Mi Okt 06, 2010 11:29 pm

Meall do naidheachd mun aiste agad ;D
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 2 Gäste