tha bean agam, tha taigh agam...

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: tha bean agam, tha taigh agam...

Beitragvon Sleite » Di Nov 16, 2010 7:42 pm

Tha mi beò fhathast! Chuir mi an làr sìos (thug sin 2 sheachdain) agus bha mi aig Ikea, thog mi an àirnis agus chuir mi curtairean suas... agus a-nis chan fheum mi ach na leabhraichean agam a chur a-staigh agus an cidsin a sgioblachadh. Thàinig m' athair le seann phreas bho mo shìn-sheanmhair agus tha e a' dol glè mhath leis na sgealpaichean ùr fhasanta agam. Tha fhathast rèile shearbhadairean ri dhol suas agus rèilichean sa chidsin gus rudan a chrochadh air. Tha an taigh a' coimehad uabhasach snog a-nis, ach tha mi cho sgìth ri cù às dèidh na h-obrach seo. Ach tha mi cho sona ri bròg gu bheil taigh cho snog agam :-)
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: tha bean agam, tha taigh agam...

Beitragvon Isbeal » Mi Nov 17, 2010 3:01 am

Tha sin sgoinneil! Còrdaidh an obair (ge b' e dè cho cruaidh 's a tha i) fada nas fheàrr riut is i obair anns an taigh agad fhèin a th' ann! :D

Am bi dealbhan ann uair sam bith....? :wink:

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: tha bean agam, tha taigh agam...

Beitragvon NoClockThing » Mi Nov 17, 2010 9:21 pm

Glè mhath, gu sònraichte gu bheil i a' fàs caran fuar an-dràsta ach bi an taigh agad blàth :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast