Carnabhal

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Carnabhal

Beitragvon Micheal » Do Feb 11, 2010 10:54 pm

Tha Carnabhal air tòiseachadh anns an Rheinland. An-diugh le carnabhal nam boireannach. Agus tha seo a' ciallachadh nach fhàs cùisean nas fhasa do na fireannaich. Ghabh na boireannaich làm han uachdair an-diugh - chaidh togalaichean poblach a "chreachadh" agus chan eil duine sam bith ag obair tuilleadh anns na h-oifisean, na companaidhean mòra is sna bùitean - tha a h-uile duine a' dannsadh, ag òl leanna is schnaps, a' dol gu coinneamhan far am faighear barrachd schnaps is leann... agus Di-Ciadain bidh e h-uile sìon seachad.
Ach bidh mi fhìn a' teicheadh a Pharis a-màireach.
Leis an Thalys bho Khöln gu Paris ann an 3 uairean a thìde a-nist
oidhche Haoine anns an opra Palais Garnier agus oidhche Shathairne ann an taigh-cluiche, biadh math Frangach, taighean-tasgaidh, metro
et je sais que ca me plait beaucoup
Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Isbeal
Beiträge: 1018
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Fr Feb 12, 2010 2:43 pm

Sin thu fhèin - tha mi cinnteach gun còrd a h-uile rud ruibh!

Bidh mise a' teachadh cuideachd - air cèilidh aig taigh ùr charaidean air an dùthaich faisg air a' chrìoch Eilbheiseach.
Agus tha mi a' dol ann air an treana - mar sin 's urrainn dhomh na fhuair mi aig Nollaig de leabhraichean a leughadh, neo cuid dhiubh co-dhiù, mu dheireadh thall!

:lol:

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » So Feb 14, 2010 1:13 pm

Gun soirbich an teicheadh leibh! :lol:

Bild
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast