tha an geamhradh ann mu dheireadh thall

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

tha an geamhradh ann mu dheireadh thall

Beitragvon mona nicleoid » Sa Dez 19, 2009 12:15 pm

A bheil i fuar agaibh-se? A bheil sneachd ann?

Tha i fuar gu leòr an-seo (-15°C sa mhadainn an-diugh), grianach is tioram, agus tha beagan sneachd ann :)

Bild

Bild
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Sa Dez 19, 2009 3:01 pm

Tha againn cuideachd - gu math àrd agus tha dùil ri barrachd a-màireach!
Tha a h-uile sìon a' coimhead uamhasach romansach - pùdar geal air gach rud...

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Sa Dez 19, 2009 3:45 pm

Chan eil e cho romansach an-seo sa bhaile mhòr. Bha mi airson coiseachd anns na coilltean, ach nuair a bha mi aig stèisean nam busaichean sa mhadainn chuala mi nach tèid na busaichean a-mach do na cnuic oir tha cus sneachd ann. Bha aca ri feitheamh gus an tèid na h-innealan mòra an sin a ghlanas na rathaidean.
Ach tha sealladh brèagha ann bhon uinneag air beulaibh an deasg agam (agus abair uinneag salach ;))
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Sa Dez 19, 2009 7:10 pm

an aon rud an-seo. Cus sneachda airson trèanaichean is busaichean a ruith.
Nàire air an SWB! (Stadtwerke Bonn)

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » So Jan 10, 2010 11:27 pm

Tha e doirbh creidseinn gu bheil an geamhradh - no tha mi a' ciallachadh an sneachd - a' maireachdainn cho fada an seo ri taobh dhen Rhein. Cha b' àbhaist dhuinn fhaicinn mar seo.

Bha mi air chuairt fad an t-slighe ri taobh na h-aibhne an diugh, agus bha a h-uile sgudal a dh'fhàg an 'Hochwasser' (làn-aibhne?) mu dheireadh fhathast air an t-slighe, ach fo sneachd is dheidhe.

Bild

Ach bha na daoine uile a-muigh, le aodach blàth, agus bha spòrs mòr aca, leis a' clann cho toilichte le slaodan seach rothairan, agus a' tilgeil bàlaichean-sneachda. Bha fiù 's na coin is na cait air an doigh!

Bild

Bild

Bild

Bild

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mo Jan 11, 2010 8:30 am

Sin mar a tha cùisean ann am Bonn cuideachd.



Hochwasser> tuiltean


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mo Jan 11, 2010 1:35 pm

Chan fhaca mi sneachda mar sin bhon àm a bha mi òg. Tha cuimhne agam fhathast air an àm nuair a bha an sgoil dheth air sàilleabh an t-sneachda agua latha a bha againn ris a' chàr a phutadh gus mullach a' chruic a ruigsinn.
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast