Seite 1 von 2

a dh' Alba a-nis

Verfasst: Do Jun 18, 2009 10:09 pm
von mona nicleoid
Am faic mi cuideigin dhibh ann an Alba an deireadh-seachdaine seo no an ath-sheachdain? Bidh mi ann an Leòdhas / na Hearadh, agus an uair sin aig a' cho-labhairt aig SMO :)
Mona

Verfasst: Do Jun 18, 2009 10:28 pm
von Catriona
@ Mona

Cha bhi mi ann aig an àm seo, gu mì-fhortanach!
Ruigidh sinn anns an Eilean Leòdhas às dèidh na làithean-saora agad.

Turas math,

Caitrìona

Verfasst: Do Jun 18, 2009 10:41 pm
von Micheal
Catriona hat geschrieben:@ Mona

Cha bhi mi ann aig an àm seo, gu mì-fhortanach!
Ruigidh sinn anns an Eilean Leòdhas às dèidh na làithean-saora agad.

Turas math,

Caitrìona


Ruigidh sinn Eilean Leòdhais às dèidh nan saor-làithean agad.

M :)

Verfasst: Do Jun 18, 2009 10:43 pm
von Micheal
Thèid mise a dh'Alba Di-Dòmhnaich. Bidh mi aig a' cho-labhairt cuideachd. an uair sin thèid mi a dh'UIbhist a Deas is dha na Hearadh agus tha coinneamhan agam ann an Steòrnabhagh.
Mar sin chì mi aig SMO thu.

Mìcheal

Verfasst: Do Jun 18, 2009 11:52 pm
von mona nicleoid
Sgoinneil :D Is fhada bhon a choinnich sinne!
Mona

Verfasst: Fr Jun 19, 2009 8:09 am
von NoClockThing
Turas math dhuibh! :D

Verfasst: Fr Jun 19, 2009 1:12 pm
von Micheal
@Mona: Ciamar agus cuin a gheibh thu ann?

Mìcheal

Verfasst: Fr Jun 19, 2009 11:11 pm
von mona nicleoid
Tha mi ann mar-tha! :) An-dràsda fhèin, tha mi nam shuidhe san osdail ann an Inbhir Nis. A-màireach thèid mi a dh' Ulapul air a' bhus agus thairis a Steòrnabhagh, an sin gheibh mi càr agus thèidh mi dhan Tairbeart far am bi mi a' fuireach ann an L+B le Gàidhlig... bidh deireadh-seachdaine sàmhach agam anns na Hearadh + Leòdhas, agus Di-Màirt thèid mi dhan Eilean Sgitheanach.
Chì mi an-sin thu!
Mona

Verfasst: Sa Jun 20, 2009 5:08 pm
von Sleite
Bidh trèanadh agam anns an Ath-Leathan Diluain agus Dimàirt. Bidh mi deiseil timcheall 4. Ma tha thu ag iarraidh lioft dhan cholaiste.....
Slèite. A Mhìcheil, thig mi a thadhail ort feasgar Diluain. Cha bhi mi aig an taigh feasgar Didòmhnaich.

Slèite

Verfasst: So Jun 21, 2009 8:45 pm
von mona nicleoid
Bhitheadh sin sgoinneil...! Bidh mi ann an Uig aig 1:30f, gheibh mi bus agus feuchaidh mi a bhith san Ath-Leathann timcheall 4f. Tha mi an dòchas gum bi bus ann. Càit am bi thu an-sin? Cuir p-d no teacsa thugam :)

Verfasst: Mo Jun 22, 2009 12:48 pm
von mona nicleoid
Janni, tha sin dìreach uabhasach freagarrach, bidh bus ann an Uig agus ruigidh e an Ath-Leathann aig 4f! :D So, thig mi an-sin gun teagamh.
Chì mi thu,
Mona

Verfasst: Di Jun 30, 2009 8:54 pm
von Isbeal
Tha mi 'n dòchas gum bi aithris bheag againn uair sam bith? :twisted:

Verfasst: Di Jun 30, 2009 9:04 pm
von mona nicleoid
Chan eil mi cinnteach... an-dràsda fhèin tha mi trang le rudan eile, oir bidh deuchainnean gu leòr agam gus deireadh a' mhìos seo. Ach is dòcha as-dèidh sin. A bheil ùidh agad leughadh mun cho-labhairt? :)

Verfasst: Mi Jul 01, 2009 8:11 am
von NoClockThing
Tha!

Dèan na deuchainnean agad co-dhiù, tha iad nas cudromaiche. Guma math a thèid leat! :D

Verfasst: Mi Jul 08, 2009 12:06 am
von Isbeal
Thòisich me cuspair sònraichte 'Co-labhairt Cleachdadh na Gàidhlig SMO' san raon 'Coimhearsneachd eadar-naiseanta'. :D