a dh' Alba a-nis

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

A' sìor-ionndrainn na h-Albann...

Beitragvon An Gille Donn » Mo Jul 13, 2009 11:03 pm

...is mi an sàs aig an t-seann-dùthaich fhathast ! Obh, obh agus ochan ò ! :? :cry:

Uill, a Chàirdean chòire,

nach buidhe dhuibh gun tèid agaibh uile a dhol null a dh' Albainn an ceartuair. Bhithinns' fhèin toilichte gu leòr nan rachadh agam air dol a null, is bu mhiann leam a bhith thall 'am Beàrnaraigh ann an Caolas na Hearadh far as àbhaist dhomh a bhith aig an àm seo - o ! Tha mi duilich ! B' fheàrr dhomh a ràdh "far am b' àbhaist dhomh", oir chan eil mi ann an dùthaich mo ghaoil tuilleadh an dràsda, is mi fhathast a' sìor-fheuchainn obair-(rannsachaidh) fhaighinn ann an Albainn. :roll:

Ach mar a tha e coltach an ceartuair, is gann gum faigh mi obair ann. Dh' fhaodadh cùisean a bhith fada na bu mhiosa, ge tà, is mi an sàs ann am pròiseact rannsachaidh annasach is inntinneach an seo ann am Marburg. Tha mi an ceartuair a' cur ri chèile clàr-uidheim (no catalog) sean-leabharlann Iain Bolte...seadh, Johannes Bolte, oir is e Gearmailteach a bh' ann, is e na eòlaiche ainmeil beul-aithris. Is ann an Roinn Eitneòlas na Roinn Eòrpa a tha am pròiseact seo suidhichte, agus thèid gach uile mìr a dh' fhoillseachadh nuair a bhitheas e ullamh. Agus abair leabharlann miannach miorbhaileach ! Gheibhear stuth Gàidhlig innte cuideachd, mar eisimpleir seann-eòlaich leithid Sgeulachdan Iain Òig Ìle...ach cuideachd na Sean-Sgeulachdan Arabianach às mìle oidhche agus a h-aon, sean-sgeulachdan Lochlannach, Persianach, Ungarach amsaa. Bidh mi a' sgrùdadh gach leabhar, is mi a' toirt iomradh air na gheibhear ann a thaobh beul-aithris is seann-chreideamhan agus air na h-ùghdaran no 'n luchd-deasachaidh. Agus a bharrachd air sin, bithidh mi a' sgrìobhadh iomraidh air beatha Iain Bolte chòir nach maireann is air a chuid sgrìobhaidhean fhèin. Agus aig deireadh an latha, tha mi làn dùil is dòchais gun tèid agam air dol a null gu Beàrnaraigh airson na Seachdainn Mòire co-dhiù an ath-bhliadhna :) :!:

Biodh sin mar a bhios e, agus co-dhiù no co-dheth, tha tiodhlac beag agam dom' chuid càirdean a tha nam buill ann an duilleag AbairThusa - àidh, nach toir sibh sùil air :wink: ...dh' fhaoidte gun còrd e ruibh, dh' fhaoidte nach còrd, dh' fhaoidte gum bi ioghnadh oirbh :o ...ach b' fhiach e èisteachd ris ! Tha mi dìreach air a chur ann, ach chaidh a chlàradh o chionn greiseig mhaith...agus is ann dom' chuid càirdean thall 'an Uidhist agus Beàrnaraigh a tha e, is iad gun dòigh mo chluinntinn am bliadhna-sa. Tha cuid dhiubh air gearain cheana gum feum iad Seachdainn Mhòr Bheàrnaraigh agus a cuid cèilidhean a chur seachad as m' aonais fhèin, agus na madainnean as aonais m' fhòn-làimhe :wink:

Tùdalù an ceartuair, feumaidh mi tighinn gu crìoch a nis, is mi a' toiseachdainn tràth am màireach...

Acsail Òg

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Sa Jul 18, 2009 10:55 am

Tha mi toilichte gun d' fhuair thu obair a chòrdas riut, ged nach ann ann an dùthaich do chridhe a tha e. Is dòcha gum bi e nas fhasa obair fhaighinn nuair a bhios tu air am pròiseict sin a dhèanamh, cò aige a tha fios...
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast