Turas dhan bhuncair

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Turas dhan bhuncair

Beitragvon mona nicleoid » Sa Jun 06, 2009 9:29 pm

Ma tha sibh a' fuireach faisg air Bonn / Remagen, no ma tha sibh airson tadhal ann, seo moladh dhuibh:
http://www.ausweichsitz.de/ -> Dokumentationsstätte Regierungsbunker, no gu h-oifigeal "Ausweichsitz der Verfassungsorgane der Bundesrepublik Deutschland" :)

Sin àite uabhasach inntinneach!! Bha sinne ann an-diugh agus chòrd e gu mòr ruinn.
Chaidh an t-àite sin a thogal anns na 60an, nuair a bha an "cogadh fuar" ann agus eagal mòr ro bhomaichean atomach bhon Ruis. Bha riaghaltas na Gearmailt feumach air àite falaich no "ionad dìomhair" far an teicheadh an luchd-polataigs nam bitheadh cunnart mòr ann.
Bha seann tuill anns na beanntan (a bheil facal airson "tunnel" anns a' Ghàidhlig idir?) faisg air Ahrweiler co-dhiù, bhon a dh' fheuch iad rathad-iarainn a thogal aig tòiseach an 20mh linn. Agus aig àm an dàrna chogaidh bha iad a' dèanamh innealan-chogaidh / armaichean mòra an sin. Mar sin bha an t-àite freagarrach gu leòr, agus chan eil e ach 30 km bho Bhonn.
Thòisich iad seòrsa baile bhon talamh a thogal an sin anns na 60an, àite mòr mòr, agus bha a h-uile rud fìor dhìomhar... uill, cha robh dha-rìribh a-rèir coltais, leis gun robh cus dhaoine an sàs leis, ach co-dhiù dh' fheuch an riaghaltas am pròiseact a chumal dìomhair agus cha robh cead aig an luchd-obrach bruidhinn air sin idir. Bha a h-uile rud uabhasach daor cuideachd agus cha robh na h-àireamhan sin ri fhaighinn gu h-oifigeal nas motha.
Chaidh an t-àite a chùmal deiseil fad na h-ùine, bha gu bhith 200 luchd-obrach an sàs ann, agus gach dàrna bliadhna bhitheadh "deuchainnean" ann le tuilleadh na 1.000 daoine ag obair airson an riaghaltais ann am Bonn a' tighinn dhan àite ud (ach cha bhitheadh an luchd-polataigs cudthromach fhèin ann idir).
Chuir iad stad air a h-uile rud as-dèidh an "tionndaidh" mhòir ann an 1990, agus an uair sin cha robh fhios aca dè dhèanadh iad leis an àite, agus bha e cunnartach dhan àrainneachd cuideachd (tòrr dhen stuth-togail a chleachd iad anns na 60an is 70an a' tuiteam às a chèile, agus bhitheadh òla a' dol dhan uisge san sgìre sin, agus m.s.a.a.)
Mar sin, chaidh mòr-chuid a' "bhaile bhon talamh" a chur air falbh a-rithist, ach tha pàirt dhe a-nis na taigh-tasgaidh no taisbeanadh (dh' fhosgail e an-uiridh), agus sin far an robh sinne an-diugh. Seo cuid de na dealbhan a thog mi:

Aon dè na dorsan mòra tiugha:
Bild

Bhitheadh iad a' deasbad mun chogadh an seo:
Bild

Agus seo far am bitheadh ceann-àrd na dùthcha a' "fuireach":
Bild

An robh cuideigin dhibh an sin mar-tha? A Mhìcheil, a bheil cuimhne agad-sa air na sgeulachdan neònach a bha ann san sgìre seo, gum bitheadh slighe dhìomhar ann bhon talamh bho thogalaichean an riaghaltais ann am Bonn dho dh' àite dìomhair àiteigin anns na coilltean? ;)

Nise, a' cheist a tha orm-sa a-nis, 's e: càit a bheil an t-àite dìomhair airson an riaghaltais an-diugh, àiteigin faisg air Berlin? Agus dè cho daor a tha sin??! ;)
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » So Jun 07, 2009 11:07 am

Cha robh mi fhìn ann a-riamh, ach chunnaic mi prògram air an telebhisean ma dheidhinn bho chionn fhada. 'S e àite gu math inntinneach a th' ann.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » So Jun 07, 2009 11:21 am

is e seann tunail-reìlichean a tha anns a' bhuncair seo agus chaidh a thogail airson chogaidhean an-aghaidh nam Frangach. Cha deach a chrìochnachadh a-riamh, agus mar sin chaidh a chur gu feum airson buncair an riaghaltais. B' e innealadair a bha anns mo sheanair agus tharraing esan na planaichean airson nan tunailean. Bha iad aig mo sheanmhair fhathast nuair a bha mi nam bhalach òg gus an tug i seachad iad dhan taigh-tasgaidh far a bheil iad an-diugh.



Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » So Jun 07, 2009 1:26 pm

Tha seo inntinneach a Mhìcheil! :) Dè do bheachd ma-tha, an robh na tunailean a-riamh cho dìomhair 's a bha an riaghaltas ag iarraidh? Nach robh fhios aig mòran daoine anns an sgìre co-dhiù? Leis a h-uile duine a bha ag obair an sin tro na bliadhnaichean? Chaidh innse dhuinn anns an taigh-tasgaidh gun robh fiù 's riaghaltas an DDR glè eòlach air na tunailean (tro luchd-brath) :lol:
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » So Jun 07, 2009 7:49 pm

Gu dearbh fhèin bha fios aig a h-uile duine na bha a' dol a-staigh dha na tunailean - ach ged cho diomhair agus a bha e gu h-oifigeil, cha bhiodh riaghaltas na Gearmailt idir air a bhith a' fuireach ann - bha buncair acasan ann am Florida - seagh! Florida gus am biodh iad sàbhailte nam biodh ionnsaigh niùclasach a' dol. Cha bhiodh ach seòrsa sgioba-siùiridh air a bhith anns a' bhuncair seo.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » So Jun 07, 2009 8:02 pm

Seadh, Florida, sin na chuala mise cuideachd, ach air an làimh eile, is math dh' fhaodte nach bitheadh ùine gu leòr air a bhith aca gus dol an sin... tha a h-uile rud gu math "surreal" co-dhiù. Bha na tunailean cho uabhasach daor, agu a-rèir coltais cha bhitheadh iad làidir gu leòr idir an-aghaidh bomaichean mòra - fhuair iad sin a-mach anns na 60an mar-tha, ach chùm iad orra an togal ge-tà. Agus bho àm gu àm bidh crith-thalmhainn beaga anns an sgìre sin, agus dh' fhaodadh sin a bhith cunnartach do na tunailean cuideachd. Mar sin, 's e plana gu math craicte a bh' ann, ach bha aca sin a dhèanamh air aobharan polataigs, a-rèir coltais.
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast