Càr air mhàl ann an Leòdhas

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Càr air mhàl ann an Leòdhas

Beitragvon mona nicleoid » Do Jun 04, 2009 11:22 pm

A charaidean,
an tug cuideigin dhibh a-riamh càr air mhàl ann an Leòdhas? Tha dùil agam sin a dhèanamh nuair a thèid mi an sin am mìos seo, agus chunnaic mi gu bheil dà chompanaidh ann. Chan eil na prìsean glè eadar-dhealaichte, agus chan eil mi cinnteach dè an companaidh as fheàrr.
Tha an t-eagal orm co-dhiù... (rud beag) ;) o chionn 's nach eil mi air draibheadh o chionn fhada fhada, ach saoilidh mi nach bi e cho dona ann an Leòdhas.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Sa Jun 06, 2009 10:12 pm

Bidh air do shocair is bidh thu ceart gu leòr... is leig an luchd luath a' dol seachad ort ma bhios passing places ann, ach tha fios agaid air seo roimhe gun teagamh :D

Cha bhi mi fhìn a' dràibheadh gu tric is cha robh e ro dhona.
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast