tachartasan èibhinn le Gàidhlig

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Mär 12, 2004 9:56 pm

An do thachair riamh rudan èibhinn no neònach ruibh co-cheangailte ri Gàidhlig?

Aon latha an seachdain seo, bha mi nam shuidhe anns an treana agus a' leughadh leabhar Gàidhlig. Tha na litrichean anns an leabhar gu math mòr, mar sin, b' urrain don duine a bha na shuide ro mo thaobh a' coimhead air an leabhar... agus dh' fhaignich e dhìomh (anns a' Ghearmailtis): "Gabhaibh mo leisgeul, dè 'n seòrsa cànan a tha sin? Chan fhaca mi riamh e." Dh' innis mi dha gur e Gàidhlig Albannach a tha ann, agus cha robh fios aige mu dheidhinn an cànain sin idir. Ach bha ùidh mòr aige anns a' chànan, agus dh' fhaignich e càit am faigheadh e tuilleadh fiosrachadh. Dh' innis mi dha gu bheil mòran Gàidhlig anns an eadar-lìon agus chuir sin iongnadh mòr air. Gu mì-fhortanach bha aige ri falbh bhon treana aig an àm sin, ach tha mi an dòchas nach dìochuimhnich e seòladh an làrach-lìn seo :)

Rud eile:
An-dè bha Janni a' cèilidh orm, agus mus tàinig i bha mi a' dèanamh biadh agus mhothaich mi gun robh rudan a dhìth orm. Ruith mi don bhùth, ach chuir mi pìos beag pàipear air an doras a-muigh, do Janni, agus sgrìobh mi anns a' Ghàidhlig "tha mi aig a' bhùth, blablabla..."
Agus 'sa mhadainn an-diugh thachair mi ri cailleach a tha a' fuireach anns an taigh seo cuideachd - tha i beagan neònach (ro "neugierig") ach uill... co-dhiù, thuirt i rium: "Cha robh fios agam gu bheil "Tschechisch" (?) agaibh!" Uill... mhìnich mi dhi gur e Gàidhlig a tha ann, ach cha robh i a' tuigsinn gu tur... Bha i a' smaoineachadh gur e seòrsa Beurla a tha ann... Cha chuala i riamh rud sam bith mu dheidhinn nan cànanan ceilteach. 'S dòcha gu bheil i a' smaoineachadh gu bheil terrorist a tha annam a-nis...
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast