Dè seòrsa dearbhadh a dhith ort?'

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Fr Jul 02, 2004 8:46 pm

An Neo-Dhiadhaire

Leugh mi sgeulachd goirid 'An Neo-Dhiahaire'. Sgrìobh fear ris an canar Dòmhnall Alasdair am pìos seo airson an leabhar 'Starsach'. Chaidh a fhoillseachadh ann an 1998 leis a'Chomunn Ghàidhealach. 'Starsach' - 'Se anthology a th'ann 's tha mòran gnàthas-cainnt taobh a staigh na sgeulachdan cuideachd

Ma bhios an sgeulachd seo an fhìrinn tha e nas neònaiche na ficsean.
Thachair Dòmhnall air fear ris an canar 'Nobby Diadhaidh' nuair a bha e anns an RAF. Bha Nobby fada an aghaidh Crìosdaidheachd 's ga caineadh aig a h-uile cothrom.Thuirt Dòmhnall:
'Chaidh mise a thogail ann an Eilean Leòdhais, far am beil an creideamh a'riaghladh beatha dhaoine mar nach eil e ann an ceàrn eile is dòcha Iran. Mar sin, cha chuala mi duine a-riamh ag ràdh nach robh Dia ann gus na choinnich mi ri Nobby.'
Bha Dòmhnall a deasbaid a'chuspair le Nobby iomadh turas 's chuir e ceist air'
Dè seòrsa dearbhadh a dhith ort?'
Fhreagair Nobby: 'Nan cuireadh e grèim air cùl m'amhach an dràsta agus gun canadh e rium, ' an creid thu mi nì mi spealgan dhen ghealach sin dhut?' '

Chaidh Dòmhnall gu staisean eile 's aon latha d'fhuair e brath gun robh Nobby ann an ospadal leigheas-inntinn. Uil, a rèir Nobby d'fhuair e a h-uile dearbhadh a bha dhìth air - rinn Dia spealgan dhen ghealach às dèidh beagan còmhradh.
Chaidh Nobby a bhith na mhinistear ach bha e as eudmhorach leis an obair a rinn e airson Dhia 's a bha e nuair a bha e air an taobh eile.
'Chan eil an eudhorachd ag atharrachadh, creideamh ann no às.' Thuirt an ùghdair.

Dè an tarraing ann an sgeul sin dhomsa. Uil tha e goirid 's tha deagh gnàthas-cainnt a th'ann. Bu toil leam a bhith comasach a leithid a sgrìobhadh.
Chuir e nam chuimhne fear a dh'fhuireach ann an Inbhir Narann. Bha esan fada an aghaidh Crìosdaidheachd 's measail air deoch. A-nis tha e na mhinistear cuideachd 's dòcha gun robh e air a rathad dhachaigh bhon ran dan 's chuir Dia grèim air cùl amhach.
Aig an àm bha an fear seo ag ionnsachadh a bhith nam chlachair - aon latha bha e ag obair aig Caisteal Urchardan (ri taobh Loch Nis). 'S e punc a bh'ann cuideachd le falt purpaidh, orains, uaine 's biorach 's a h-uile càil. Chuir feadhainn luchd-turais Ameireagaidh fòn dhan phoileas: smaoineachadh iad gun robh sgrìosadair a bh'ann. Ach tha sgeul eile a th'ann an sin.
Saoilidh mi gu bheil e furasta airson spioraid Mhic an duine a bhith faighinn dhachaidh ann an àiteachan gu math taobhach. Thuirt an ùghdair, 'An feadhainn a tha creidsinn, chan eil iad ag iarraidh dearbhadh; agus an feadhainn nach eil, chan eil dearbhadh ann a riaraicheas iad.' Sin mar a tha e uaireannan nach e?
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/

Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast