lèisg lèisg lèisg

Sleite
Beiträge: 1696
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Mo Jul 05, 2004 12:03 am

Hallo a h-uile duine (agus boireanach ;-) )
Tha mi'n dochas nach eil sibh cho leisg rium fhèin! Ghabh mi dà leabhair bhòn leabharlann Di-haoine airson an deireadh-sheachdainne agus de rinn mi? Dad sam bith! Bha mi airson an leughadh an-dè ach bha mi ro thrang anns an sgoil (bha latha spors ann agus thàinig orm ciudeachadh) agus ag obair anns an t-sauna. Bha mi aig an taigh dà uair a thìde ach cha robh mi airson leabhraichean cànanachas a leughadh idir. Mar sin, leugh mi beagan 'sa mhadainn an-diugh, ach thill mo theaghlach dhachaidh à Olaind an-uairsin, ghabh sinn tì agus cèic comhla agus chaidh mi dhan taigh aig Mona as deigh. Bha sinn airson Gàidhlig a bhruidhinn, ach bha sinn ro leisg. Uill, 's docha nach robh ise ro leisg, ach thoisich mise ann an Gearmailtis, agus mar sin, bha sinn a'bruidhinn ann an Gearmailtis fad an fheasgair. Ach, air a char as lugha, bha sinn a'bruidhinn mu dheidhinn Gàidhlig agus Alba :-) Tha ise a'dol a Alba Disathairne agus tha mi fhèin farmadach.
Uill, bha mi ag iarraidh barrachd obair a dheanamh airson an oilthigh ach de rinn mi? Choimhead mi an Tatort.
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast