Uisge, Cat is Cèilidh

Sleite
Beiträge: 1685
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Fr Jul 09, 2004 10:15 pm

Hallo an-seo!
Tha mi beagan fadalach agus tha a h-uile duine air saor-laithean neo ann an cùrsaichean gàidhlig. Bha mi aig an taigh fad an latha an-diugh agus tha mi toilichte gun robh. Bha an t-uisge cho trom gun deach e tro na h-uinneigean againn agus tarsuinn (??) na errm Regenrinnen) Ach tha sin gle mhath airson a'gharaidh. Bha mi chat Fìliz a-muigh agus thill i fluich ri cù. ghlan i i fhèin agus laigh i sios air mo bhroinn air clo albannach nuair a bha mi nam laighe air an leabaidh. bha mi cho fuar, ach dh'fhàs mi blath an uairsin ;-) Bha mi toilichte gun robh i ann agus bha leisgeul sgoinneil agam nach urrainn dhomh obair airson an oilthigh a dheanamh.

Bha mi leisg an-dè cuideachd. Cha do rinn mi dad airson an oilthigh ach chruinnich mi ceòl airson na cèilidh a nì mi ann an dà sheachdainn. Lorg mi cuid fuinn snoga airson cuid dannsaichean agus bha mi ag iarraidh dannsadh tro'n seòmar agam. 's toigh leam dannsaichean tradaiseanta albannach agus tha mi a'coimhead air adhart ri (?) mo chèilidh mu thrath. Tha mi'n dochas gum bi mòran duine a'dannsadh. 's truagh nach eil Mìcheal ann an-uairsin. Ma bhios uidh aig duine sam bith, sgriobhaibh post-delain thugam.

Sin e bhuam-sa an-diugh
Mar sin leibh
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast