droch bhruadar

Sleite
Beiträge: 1699
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Mo Feb 14, 2005 11:02 pm

Bi deuchainn agam Dihaoine agus deuchainn eile ann an dà sheachdainn (Staatsexamen). Cha sgrìobh mi ann am Beurla. Nì mi sin ann an leth bhliadhna. Ach bha bruadar dona agam a-raor:
Bha mi a'sgrìobhadh deuchainn agus bha mi deiseil gu math luath. Cha robh mi air mòran a sgrìobhadh idir ach bha mi coma. Chaidh mi a-mach, dh'òl mi cofaidh agus ghabh mi fois oir bha mi deiseil cho trath. An uairsin chaidh mi air ais a-steach agus mhothaich mi gum feum mi sgrìobhadh anns a'bheurla ach sgrìobh mi anns a'Ghearmailtis. Cha robh ach leth uair a thìde ann agus thoisich mi a h-uile rud a sgrìobhadh a-rithist anns a'Bheurla. Chan eil fhios agam an do chrìoch mi an rud oir dhùisg mi.

Feumaidh mi radh gu bheil mi a'smaoineachadh beagan mu dhèidhinn nan deuchainnean ach chan eil eagal orm (fhathast). Tha mi deiseil agus dh'ionnsaich mi gu leòr airson a'chuspair a' chiad dheuchainne. Agus tha tìde gu leòr agam airson an fhir eile. Chan eil sin a'cur dragh orm. An aon rud a tha a' cur dragh orm, sin gun do dh'ionnsaich mi cuspair eile na dh'innis mi gun ollamh....

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 2 Gäste