rud eile mu dheidhinn ciùil...

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » So Jun 05, 2005 11:34 pm

Tha féis ciùil roc mhòr ann an deireadh-seachdaine seo anns a' Ghearmailt, "Rock am Ring". Cha rachainn ann idir, tha clìu aice a bhith na féis as salaiche, sgudalaiche agus as daoire air feadh na dùthcha.

Ach chluich buidheann ciùil ann as toigh leam gu mòr - Sonic Youth. Tha gaol agam air an ceòl aca fad 15 bliadhna no mar sin, 's e sin tuilleadh air an dàrna leth mo bheatha gu ruige seo :) Bha agus tha iad glè glè chudthromach dhomh. Tha iad a' dèanamh ceòl neònach, fiadhaich agus àlainn àlainn... nuair a bha mi nas òige bha mi daonnan ag iarraidh a bhith coltach ris an seinneadair boireanta aca, Kim Gordon.

Bha mòran de na cuirm-ciùil aig "Rock am Ring" ri fhaicinn air an eadar-lìon, agus choimhead mi air Sonic Youth a-raoir. Bha sin fada nas fheàrr na bhith am measg daoine gòrach anns an uisge, nam bheachd-sa :) Cha robh an cuirm-ciùil cho uabhasach math... bha e ro ghoirid, agus coltach nach robh ùidh mhòr aig a' bhuidheann cluiche an-sin. Ach bha e ceart gu leòr.
Dh' éisd mi riutha air cuirm-ciùil eile da thuras roimhe, mu 10 no 11 bliadhna air ais agus mu 3 no 4 bliadhna air ais, agus bha sin air leth math.
mona

Bild
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast