'Cogadh nan drathairs’

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Do Sep 01, 2005 2:01 pm

‘Cogadh nan drathairs’

‘Cha bhi trod ach an cuid aodaich’

Nach iomchaidh an seanfhacal sin? A-rèir cuid bidh na bùithtean-aodaich falamh ann an ùine nach bi fada. Tha ‘Cogadh nan drathairs’ a’ dol eadar an Roinn Eòrpa ‘s Sìna: tha na ùghdarrasan a’ gearain gu mòr gu bheil cus aodaich a’ tighinn a-steach bho Shìna ‘s tha iad air an cuid cuotathan air briseadh. Mar sin tha bogsaichean-stòraidh air an glacte aig a h-uile baile-puirt san Roinn Eòrpa, a h-uile fear aca làn le aodaich airson cruinnichean an fhoghair ‘s a’ gheamhradh. Tha feadhainn den na bùithtean-mòra a’ sealltainn air cuisean gu iomagaineach ach cha b’ fheàrr leotha rudeigin a ràdh air sgàth ‘s gu bheil eagal orra gun dèan sin cron mòr air an ìomhaigh aca. Nas miosa buileach chaidh an gnìomhachas-aodaich san Roinn Eòrpa a thilgeil dhan t-sitig, chan eil mòran àiteachean air fhàgail san dùthaich seo mar eisimpleir far an dèan aodaich nas saoire iad na na Sìonich. Dè thachair dhan luchd-obrach a bha an sàs an gnìomhachas-aodaich san Roinn Eòrpa? Chaidh iad dhan t-sitig cuideachd ach cha do chuala sinn mòran mu a dheidhinn.
Tha mòran stuth eile a tighinn bho Sina cuideachd, bhathar gu leòr a tha lìonadh na sgeilpean againn sna sràidean mòra. Tha rudeigin a’ cur dragh orm ge-tà, chan eil sinn a’ dèanamh mòran bhathar san dùthaich fhèin a-nis ach ciamar a tha an t-eaconamaidh a’ cumail a’ dol? Tha mi amharasach gur e chan eil ach aon adhbhar airson sin; tha a h-uile duine a’ ruith mu cuairt na bùithtean le làmh loma-làn de chairtean-creideas. Chan eil mi a’ tuigsinn eaconamas idir ach ‘s e sin mo bheachd-sa, ged ‘s a tha e mi-shaidheansail, agus dè thachras nuair a bhios an creideas sin seachad?
Co-dhiù, chuir an cuspair sin nam chuimhne dàn a chaidh a sgrìobhadh le Anne Frater, thog mi am pìos mu dheireadh às.

‘Ach, an dèidh ùine
thàinig an geamradh
agus tha chumhadh an t-aodach lom
le na snàithean brèagha
agus na dathan soilleir
a-mach am fuachd,
agus cha robh feum
anns na beairtean ùra
Lorg iad am bodach
agus chunnaic iad a’ bheairt,
agus chunnaic iad an clò
ach cha b’ urrainn dhaibh’
a’ bheairt obrachadh,
oir bha i air fàs meirgeach
agus bha am bodach marbh.
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/

Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast