tubaist bainne

Sleite
Beiträge: 1697
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Fr Mär 03, 2006 7:32 pm

rinn mi rudeigin eibhinn agus uabhasach an-diugh. Tha fios agaibh gu bheil mi ag obair anns a' chidsin.
Uill, thàinig orm bainne a chur dhan frids. Bha mòran ann mar sin chuir mi iad dhan sgealp agus dà air na botailean eile. 'S e frids mòr a th'ann. Thathar a' dol innte mar ann an seòmar. Dhùn mi an doras agus as dèidh 20 dìog chuala mi brag!

Dh'fhosgail mi an doras agus bha bainne air gach àite. Air an làr, air na sgealpaichean, air a' bhiadh agus air na ballan. Thug mi am bainne briste dhan sinc taobh eile a' chidsin ach thainig bainne a-mach às na botailean air an t-slighe. Mar sin thàinig orm ri làr a' chidsin a ghlanadh an toiseach agus an uairsin a h-uile rud a thoirt a-mach às an frids, glanadh an frids gu lèir, an làr, na sgealpaichean a h-uile biadh a bha ann...... Bha agam ri a h-uile rud a thioramachadh cuideachd oir chan eil an adhar anns an frids tioram agus blath ;-) Bha mi trang gu leòr airson barrachd na uair a thìde. Ach bha mi a' smaoineachadh gun robh e gu math èibhinn cuideachd ged as e obair cruaidh a bh'ann. Tha an frids glan a-nis gu dearbh ;-)

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast