caraidean

Sleite
Beiträge: 1697
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Fr Apr 07, 2006 7:46 pm

Tha mi ag obair cus an-dràsta. Bha latha dheth agam Disathairne agus tha mi air a bhith ag obair bho Dhidomhnaich agus bidh mi fhathast ag obair gu Diciadainn gun latha dheth. Ach an uairsin thèid mi air saor-làithean dhan na Hearadh agus a Leòdhas.

Tha e gu tùr eadar-dhealaichte an seo a-nis oir tha na h-oileanaich air falbh agus tha cùrsaichean goirid ann. Bidh mi a' bruidhinn ri Alasdair à Leòdhas gu tric oir tha Gàidhlig uabhasach brèagha aige. Thachair mi ri dithis as aithne dhomh bhon bhòrd-bhrath eadar-naiseanta, Niall Beag agus Cam. Ach bidh an ath sheachdain fiu 's nas fheàrr. Thàinig Ruairidh an-diugh agus ghabh sinn dìnnear comhla. Thèid sinn dhan taigh-sheinnse comhla a-nochd. Thig Judith agus Silke cuideachd agus thig Inge Didomhnaich. Tha mi a' dèanamh fiughair ris a h-uile duine fhaicinn a-rithist.
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast