a' siubhal a-rithist

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Do Mai 18, 2006 11:01 am

Tha mi dìreach cho toilichte, feumaidh mi innse dhuibh :) Tha mi dìreach air ticeadan a cheannachd aig Ryanair, airson siubhal a Liotuàinia san t-Sultain (uill, leis an fhìrinn, tha Ryanair a' dol a Riga, ann an Laitbhia, ach thuirt an tidsear agam aig an oilthigh gum bi sin ceart gu leòr, bidh bus ann gu Vilnius no Kaunas ann an Liotuàinia).
Cha robh dùil agam, bha mi dìreach airson coimhead air na ticeadan agus na prìsean, ach an uair sin chunnaic mi gun robh feadhainn uabhasach saor ann (0,50 €) agus chunnaic mi cuideachd nach feum mi càirt creidis, tha roghainn eile aca a-rithist, gheibh iad an t-airgead tron chunntas banca agam. Dè rinn mi ma-tha? :) Cheannaich mi ticeadan :D (Gun teagamh, bha e nas daoire na 0,50 € nuair a bha mi deiseil leis a h-uile rud a lìonadh... bha cìsean ann, ach cha robh iad glè dhaor nas motha.)
Thèid mi ann an còigeamh latha dhen t-Sultain agus tillidh mi an naoidheamh. Chan eil sin cho fada, ach tha mi ag iarraidh cèilidh air cuid daoine air a bheil mi eòlach bhon eadar-lìon agus tha mi dìreach airson àite no dhà fhaicinn, oir tha mi air an cànan ionnsachadh o chionn dà bhliadhna agus cha robh mi riamh ann.
:)
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast