Dè ur naidheachd?

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Do Aug 07, 2008 12:50 pm

Tha mi toilichte gun robh turas math agad! :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Isbeal
Beiträge: 1032
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Di Aug 12, 2008 11:29 pm

Bha mise ann an Alba cuideachd, agus bha mi fòrtanach air a bhith aig ceithir cuirmean-chiùil! (Barrachd fon chuspair Ceòl, Bàrdachd gu h-ìosal).

Bha mi anns a' Ghàidhealtachd agus ann an Dùn Eideann, agus s' ann dìreach coileanta a bha an t-sìde - grìanach, blath (20 -25°), tioram, le speuran sollier agus gach oidhche cha mhòr dol fodha na grèine mìorbhaileach! :D

A' bharrachd b' urrainn dhomh bruidhinn beagan Gàidhlig ri caraid agam agus thoisich mi air nobhail bheag Ghàidhlig a leughadh, Lìtir à Ameireagaidh, le Flòraidh NicDhòmhnaill. (Barrachd gu h-ìosal a-rithist...)

A-nis tha mi anns an oifis a-rithist agus bha tòrr obair a' feitheamh rium... mar as àbhaist. Obh uill... :cry:

Ach tha na dealbhan brèagha...:lol:

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mi Aug 13, 2008 8:36 am

Am faic sinn na dealbhan agad an-seo? :D

Nach eil e math cothroman bruidhinn 'sa Ghàidhlig fhaighinn?
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Isbeal
Beiträge: 1032
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Mi Aug 13, 2008 4:46 pm

NoClockThing hat geschrieben:Am faic sinn na dealbhan agad an-seo? :D



Nuair a bhios àm gu leòr agam airson an cur dhan eadar-lìon!

Ceistean do Mhìcheal, ma chì e seo:

1. Carson 'cuirm-chiùil' ach 'luchd-ciùil' ? (Stòr-dàta is a h-uile faclair eile)

2. Dè am facal as fheàrr airson 'blau' le 'speuran'? Gorm?

3. Dè an cumadh iolra airson 'dol fodha na grèine'? (Schöne Sonnenuntergänge)

Lorg mi doighean eile airson a h-uile rud, ach bu toil leam na freagairtean ceart fhaighinn a-mach.

Neònach, mar as àhbaist! :lol:

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Aug 13, 2008 8:12 pm

Isbeal hat geschrieben:
NoClockThing hat geschrieben:Am faic sinn na dealbhan agad an-seo? :D



Nuair a bhios àm gu leòr agam airson an cur dhan eadar-lìon!

Ceistean do Mhìcheal, ma chì e seo:

1. Carson 'cuirm-chiùil' ach 'luchd-ciùil' ? (Stòr-dàta is a h-uile faclair eile)

2. Dè am facal as fheàrr airson 'blau' le 'speuran'? Gorm?

3. Dè an cumadh iolra airson 'dol fodha na grèine'? (Schöne Sonnenuntergänge)

Lorg mi doighean eile airson a h-uile rud, ach bu toil leam na freagairtean ceart fhaighinn a-mach.

Neònach, mar as àhbaist! :lol:


Nist, chan e ceistean neonach a th' annta idir:-)

1. Is e facal boireann a tha ann an cuirm agus thèid ceòl an uair sin a làimhseachadh mar buadhair (Adjektiv). Mar sin feumaidh sèimheachadh a bhith ann. A bharrachd air an sin feumaidh ceòl a bhith anns a' Ghinideach agus voilà sin agad e: cuirm-chiùil
Is e "Kollektiv" a tha ann an luchd, gun ghnè gràmmadach ann an dòigh (neo fireann ma thogras tu), mar sin chan eil sèimheachadh ann.

2. Cleachdaidh mise gorm, m.e. na speuran gorma neo an iarmailt gorm.

3. Uill, tha eagal orm nach bi iolra ann ach chan eil fhios agam ann an da-rìreabh. Chanainn-sa rud mar: Chunnaic sinn iomadh dol fodha na grèine a bha uabhasach fhèin breágha....neo rud mar sin.


An dòchas gu bheil sin cuideachail ann an dòigh air chòireigin

leis gach beannachd

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Isbeal
Beiträge: 1032
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Mi Aug 13, 2008 10:51 pm

Cuideachail gu dearbh - mìle taing! :lol:

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Quo vadis - càite am bi 'n rathad a' dol ?

Beitragvon An Gille Donn » Do Aug 14, 2008 2:03 pm

A Chàirdean,

ràinig mi a' Ghearmailt an raoir, is mi slàn agus sàbhailte. Tha mi làn dòchais gu bheil mo chuid màileidean sàbhailt', cuideachd - chaidh iad air allaban. Gu dearbha, chaidh mi troimh Togalach-uidhe a Còig aig Heathrow...eil iognadh sam bith ann, ma tha ? :wink:

Mar a theireadh Mòrag Dhòmhnallach chòir, "cò aige tha fios cà 'n do lannd 'ad ?" Uill, fhuair mi fòn bho BA - Bhuidheann-Adhair (na Breatainne) 'sa mhadainn an diugh gun do "lannd" e 'am Frankfurt ceart gu leòr...beagan uairean a thìde as mo dhèidh. Agus gheall iad gum faighinns' air ais iad ri rèim an fheasgair an diugh...mas fhìor. :)

Ceart ma tha, siud 'n deagh-naidheachd. Agus seo dhuibh an droch-naidheachd:

- chan eil àite-fuirich agam 'an Albainn tuilleadh, gus an soirbhich leam lem' chuid iarrtasan-obrach thall 'an dùthaich mo ghaoil agus m' eòlais...mar eisimpleir 'am Port Rìgh, far an do chuir mi 'steach mar neach-taic leabharlainn, no 'an Inbhir Nis, far 'n do chuir mi 'steach mar neach-taic tasglann Chomhairle na Gàidhealtachd.

Aidh, agus bithidh mi a' cumail orm a bhith a' cur a-steach 'an Albainn.

Ach gus an nochd solas - agus sòlas - air an fhàire, bithidh mi 'feuchainn cothrom-obrach fhaighinn an seo mar thoiseach tòiseachaidh. Ach cha mhair mi fada a bhos, cuiridh mi geall - cha bhi mi 'gabhail àite 'an dùthaich m' òige gu bràth.

- cha ruig mi Baile na Lise 'am Monadh nan Dùn an nochd, tha mi duilich - a Mhìcheil, chan urrrainn dhomh tighinn don chuirm-chiùil, oir tha mo chuid càirdean a bhos gam thrèigsinn - agus tha cothrom shiùbhail a dhìth orm. Chuir mi romham tighinn, ach mar a tha 'n gnothach, chan fhaigh mi air falbh idir a nochd... :( :cry: :evil: :x Daingeadaidh !

Mo chreach - 'se seo 'n dara turas nach faigh mi ann, is e cho faisg air ceàrn Baile na Mòintich ('se seo 'n Gàidhlig air "Giessen"), co-dhiù nas fhaisge oirrn na sgìre Bhonn...is mi 'g ionndrainn na h-Albann cheana !

Tìoraidh an dràsda, ma tha, 'an dòchas gum faigh mi gu cuirm-chiùil eile agaibh fhathast,

Acsail Òg

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Do Aug 14, 2008 8:34 pm

Tha mi duilich nach robh mi anns an Skype Oidhche Luain. Tha mi toilichte cluinntinn bhuat is gun d' ràinig thu an-seo slàn sàbhailte. Thig an latha a thilleas tu dhan dhùthaich ar cridhe :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Aug 15, 2008 3:29 pm

Bha a' chuirm-chiùil dìreach sgoinneil an-raoir. Chluich sinn (Thomas Zöller, Ailean Domhnallach, Griogair Lamhraidh, Alasdair Whyte (Battlefield B.) agus mi fhìn còmhla airson gu bhith trì uairean a thìde ann an Hofheim. A-rèir na chuala sinn bhon luchd-èisdeachd chòrd e riutha gu mòr.
Bha roghainn mhath de dh òrain againn, bha sinn a' leum bho eilean gu eilean. Bho Hiort gu Peairt mar a chanas iad.
Bha mi fhìn nam leabaidh aig 3:30 sa mhadainn agus tha mi caran sgìth an-diugh ach toilichte.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Isbeal
Beiträge: 1032
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Fr Aug 15, 2008 7:23 pm

Taing mhòr dhut airson na h-aithrise sin. :D

Bha mi ag iarraidh a dhol ann fhìn, ach mar a thachair, b' fheudar dhomh pairt a ghabhal ann an coinneamh glè chudromach an àite a' cheannaird agam an-diugh, agus mar sin bha mi ag ullachadh gu dà uairean sa mhadainn air a shon. :x

Bhiodh e air còrdadh rium glan! :cry:

Abair dragh gun do chaill mi i! Chan e seòrsa cuirm-chùil a gheibh thu oidhche sam bith - neo air clàr sam bith nas motha.
Zuletzt geändert von Isbeal am Sa Aug 16, 2008 1:29 am, insgesamt 1-mal geändert.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Aug 15, 2008 9:18 pm

Abair deagh chuirm a bh' agaibh! Tha mi a' fuireach anns an àite ceàrr Bild
'S e saoghal a th' anns gach cànan

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Aug 29, 2008 9:56 am

Ciamar a tha na cuisean?

Thòisich mi air a' Chùrsa Adhartais a dhèanamh leis an t-SMO agus tha e gam chumail trang gu leòr :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Hò ro, thèid mi a Dhùn Èideann...

Beitragvon An Gille Donn » Di Okt 14, 2008 11:53 pm

A Chàirdean,

tha mi toilichte innse dhuibh gun d' fhuair mi cothrom tilleadh a dh' Albainn, ach dìreach fad leth-sheachdainn. Ma shoirbhicheas leam leis an agallamh-obrach, ge tà, bithidh mi air ais ann an Albainn - agus ann an Dùn Èideann - gu math nas fhaide :D

Mar sin, tha mi làn dòchais gum bi ur cuid beannachdan is deagh-ghuidhean leam nuair a thèid mi don agallamh. Chan innis mi dhuibh na th' ann de chothrom-obrach, ge tà, gus am bi 'n agallamh seachad, ach dìreach gur e obair chultarail agus taiceil don Ghàidhlig, do Ghàidheil agus do Ghearmailtich a th' innte...

Fuirichibh gu 'm faic sibh !

Mar sin leibh,

Acsail Òg

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mi Okt 15, 2008 7:57 am

Meal do naidheachd is guma math a thèid leat! :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Sa Okt 25, 2008 9:00 am

Uill, ciamar a bha e? An d'fhuair thu an obair? A bheil fios agad mu thràth?
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast