Dè ur naidheachd?

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Mo Jun 02, 2008 2:15 pm

Bha fìor deagh shìde againn fad 6 seachdainean agus rinn mi tòrr sreap còmhla ri Rob. Bha sinn ann an Coire Lagain anns a' Chuiltheann an deireadh seachdaine seo chaidh agus bha sinn a' sreap fad dà latha. Bha an t-àite uabhasach trang, air sgàth 's gu bheil saor-làithean aig mòran daoine ann an Sasainn agus aig na h-oileanaich. Seallaibh air na dealbhan agam air mo mo bhlog. Tha camara didseatach agam mu dheireadh thall.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Jun 03, 2008 10:14 am

'S toil leam gu h-àraidh an dealbh mu dheireadh. Abair brèagha!
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Di Jun 03, 2008 4:52 pm

NCT

Taing airson sin. Tha mi toilichte gu bheil na dealbhan a' còrdadh riut.

Ceartachadh:
Abair - tha "abair" dìreach a' dol le ainmearan:
abair deagh shìde, abair dealbh brèagha, abair latha!
le buadhairean feumaidh tu "nach" a chleachdadh:
Nach brèagha an t-àite, nach snog sin!

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Jun 03, 2008 7:08 pm

Tapadh leat!

Nach brèagha an dealbh :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Isbeal
Beiträge: 1029
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Mi Jun 04, 2008 11:32 pm

Nach brèagha iad gu dearbh!

'S e seachdain gu math dona a tha agamsa an-dràsta. :cry:

Cha b' urrainn dhomh dol dhan chùrsa mu dheireadh oir tha ruidegin cearr air a' chàr agam agus bha e a' stad aig sòlasan trafaige agus cha toisich e a-rithist, neo ach an deidh deich mionaidean. Sgùr e mu dheireadh air an t-Sraid Frankurt faisg air Köln, meadhanan ann an tachdadh, agus b' fheudar dhomh an ADAC fhònadh.

Tha an càr anns a' ghàraids a-nis. Tha mi an dòchas gur urrainn dhaibh an trioblaid lorg agus nach eil e ro dhaor, oir tha feum agam air glè thrice, agus tha mi ag iarraidh draibheadh a dh' Alba ann. :(

Tha feum agam air car airson m' obair cuideachd, agus b' fheadar dhomh gabhal ann an 'Cambio Autosharing', a h-uile rud fo uallach-àm... tha mi uabhasach sgìth a-nis agus chan eil Lust sam bith agam!! :twisted:

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Do Jun 05, 2008 9:09 am

An e lust 'sa Ghearmailtis no 'sa Bheurla a tha thu a' ciallachadh? :twisted:

Tha mi an dòchas gun till an càr agad slàn fallain :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Do Jun 05, 2008 9:38 am

Janni, bha dùil agam rudeigin a sgrìobhadh dhan bhlog agad, ach tha e coltach gun do chaill mi am facal-faire agam :shock: Co-dhiù, bha deagh shìde agaibh dha-rìribh!
Tha i fada ro theth an-seo, b' fheàrr leam-sa a bhith anns na h-Eileanan a-nis... 8)
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Sìde samhraidh ann an Albainn is anns a' Ghearmailt

Beitragvon An Gille Donn » Do Jun 05, 2008 10:23 pm

A Mhona chòir,

tha mi gad làn-thuigsinn, is tha mi làn dùil is dòchais gum faigh mi a Bheàrnaraigh aig àm na Seachdainn Mòire am bliadhna - ged a chuala mi nach bi deagh-chàirdean dhomh ann an turas seo :( .

Ach co-dhiù, fhad 's a gheibh mi gu àiteigin 'sna h-Eileanan, bithidh mi toilichte gu leòr...an àite a bhith "fo ghlas" an seo 'an Obar Dheathain, far an robh deagh-latha againn gun a bhith ro-theth an diugh gu ruige 5:00 feasgar, is an uair sin, thòisich ceò a' tighinn a-steach on Chuan Tuath, an "haar", mar a theireadh muinntir Obar Dheathain...mar a thachras daonnan, nuair a bhitheas e blàth is breagha an seo. :roll: A bhobh, obh ! Abair dragh !

Coma leam, coma leam...fhad 's a bhitheas e breagha a rithist am màireach, agus Di Dòmhnaich - is bhitheadh sin fiù na bu chudthromaiche, is mi chun Cnoc Baile Fithichidh faisg air Mòine Mhuiseig a shreap...is e sin an cois ri monadh Bheinn na Cìche air bruachan àlainn na Deathain. :D

Uill, bha mi a' coiseachd mun cuairt air caisteal Mhòine Mhuiseig, a' leantainn bruachan na Deathain gu ruige Camas Achadh a' Champa, is cha robh an t-sìde fhèin cho bòidheach idir, is i car gruamach. Ach chòrd e rium a dh' aindeòin sin, is an conasg, na curracan-cuthaige, na ròsan-chraobh agus na h-achaidhean (Raps ? Chan eil e ann am faclair sam bith a thug mi sùil air...) fo bhlàth - agus cha do thòisich an t-uisge, no an dìle bhàite, mar a bu chòir dhomh a ràdh, gus an robh mi anns an taigh-seinnse, a' gabhail pinnt. Abair deagh-fhortain ! Nach mi bha sàbhailte ! :wink:
Bild

Agus mar a chìthear, gheibhear sgìrean ann an Sìorrachd Obar Dheathain agus ann an taobh an Ear Garbh-chrìochan na h-Albann a tha a cheart cho bòidheach ri taobh Siar na Gàidhealtachd...Tha mi 'n dùil mo chuid dealbhan fhèin den turas seo a chur air flickr cho luath 's a ghabhas !

Tùdalù an ceartuair,

Acsail Òg

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Jun 06, 2008 8:52 am

Thèid mi a dh' Odense 'sa Dhanmhairg an-diugh. Bidh fèill-thaisbeanaidh ann agus bidh mi a' cuideachadh a h-uile rud chur suas a' bhalla Di-Luain.

Seo cuid de na dealbhan a bhios mi a' sealltainn:

Bild

Bild

Bild

Thug mi na h-uile dhaibh ann an Odense.

Barrachd air sin, nì mi cuairt beag a Hillerød a-màireach airson coimhead air Runrig :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Jun 06, 2008 12:24 pm

Tha mi fhìn gu math sàmhach sna làithean seo oir tha mi uabhasach fhèin trang. Bha co-labhairt nan Dùthchanan Aonaichte air Bith-Iomadachd ann am Bonn agus mu 7000 duine an làthair.
19mh an Ceitean rinn sinn dìnnear do 6000 dhiubh anns a' chearnaig eadar an dà thaigh-tasgaidh far a bheil mi a' ruith an t-àite-bidh agam.
Seachdainn sa chaidh bha an t-seansalair Angela Merkel againn le 500 fear-naidheachd eadar-nàiseanta airson dìnnearachd
Agus a-màireach tha co-labhairt eile againn agus sinne a' dèanamh còcaireachd a-rithist.
A bharrachd air an sin feumaidh mi teagasg agus ma choimheadas mi air na planntaichen sa ghàrradh feumaidh mi ràdh gum fàs a h-uile sìon fada ro luath is mise ro sgìth airson an gearradh sìos.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Catriona
Beiträge: 640
Registriert: Do Jan 12, 2006 5:51 pm
Wohnort: Essen

Beitragvon Catriona » Sa Jun 07, 2008 9:22 pm

Gun teagamh bha na seachdainean agad uabhasach trang ach intinneach co-dhiu.

Ach thig an latha ma ghabhas tu fois anns a' ghàrradh agad.
Tha mi cinnteach. :wink:

Caitrìona

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Turas tlachdmhor Tulach Phùiridh gu Mòine Mhuiseig

Beitragvon An Gille Donn » Di Jun 10, 2008 1:59 pm

A Chàirdean chòir,

cha chreideadh sibh cho miannach math is bòidheach is a bha mo thuras Di Dòmhnaich ! Abair coiseachd cheàrt ! Agus o, na seallaidhean a bh' agam - cho fad is farsainn ris a' Mhonadh Ruadh ! Seadh, b' urrainn dhomh na beanntan is na cnuic fhaicinn mun cuairt air Tom an t-Sabhail, agus Beinn Rianais mu Thuath, Srath Athfoirt beagan na b' fhaisge air an taobh chlì agus Mòine Mhuiseig is Ceann a' Mhuigh air an taobh deas - agus lusan an t-samhraidh fo bhlàth anns gach uile àite !

Uill, seadh, fhuair mi beagan losgadh na grèine, agus tha mo chuid cnàmhan car rag is righinn fhathast, ged a tha e mu dhà latha air ais a nise - agus ged nach eil mi nam bhodach fhathast !!! :o Ach b' fhiach e sin ! Chunna mi fiadh, agus sean-laraidhean is tractairean smùide ("Tractair a th' agamsa, is esan a tha trang...dù-ru-du-dud aige, is glumagan de cheò às..." :wink: ) air an rathad eadar Tulach Phùiridh is Athfort - is ann o Thaigh-Tasgaidh Soithich Ghiùlan Roinn nam Monadh a thàinig iad. Agus choisich mi seachad air Clach Luath, ainmichte air cù Fhionn mhic Cumhail a bha ceangailte ris a rèir beul-aithris - agus seachad air iomadh clach annasach eile.

Bha deagh-sheallaidhean Bheinn na Cìche agam, cuideachd, mar a b' fhaisge a thàinig mi air Cnoc Bhaile Fhithichidh. Gheibhear clais eadar an cnoc seo agus monadh Bheinn na Cìche air a bheil "Amhach an Tighearna", agus troimh 'n a bheil Abhainn Deathain a' ruith. Abair clais is gleann àlainn ! Ach tha an gleann eadar Càrn Uilleim is Cnoc Bhaile Fhithichidh bòidheach na dhòigh fhèin, cuideachd, is e loma-làn chonasg fo bhlàth is creagan - uill, co-dhiù, chan ann ri ceòl baroc a bha mi ag èisteachd ris oidhche Di Dòmhnaich seo chaidh, oir bha dreach na tìre seo fada na b' àiridhe air ceòl Grieg is Sibelius ! Bha an aon fhaireachdainn agam a thaobh monadh Uidhist a Tuath an uiridh...
Bild

Agus nuair a thàinig mi anuas o Ghleann is Bràighe Bhaile Fhithichidh, dh' amhairc mi Caisteal Bhaile Fhithichidh ! Chan urrainn do dhuine caisteil a sheachnadh ann an Sìorrachd Obar Dheathain, agus smaoinichibh :!: - chan eil Caisteal Bhaile Fhithichidh ach mu mhìle air astair o Thaigh Mòr Mhòine Mhuiseig a sheall mi dhuibh an t-seachdainn seo chaidh ! Nach lìonmhor na caisteil anns an t-sìorrachd seo, ma tha ? A cheart cho lìonmhor is a tha iad nam dhùthaich fhèin, eadar Srath Loghainn (Lahntal) is Srath Abhainn na Luime (Lumdatal) ann an Hesse Uachdraich... :)
Bild

An uairsin, ghabh mi 'n rathad goirid o Bhaile Fhithichidh gu Mòine Mhuiseig, is e cho bòidheach is a ghabhas làn chraobhan treun is deagh-sheallaidhean na Deathain, is fàileadh milis na meala 'san adhair...Cho bòidheach is a tha taobh Siar Gharbh-Chrìochan na h-Albann, is e cho Gàidhealach fhathast, ach nam faighinn taigh ann am Mòine Mhuiseig no ann an Ceann a' Mhuigh no fiù ann an àiteigin eile ann an Srath Dheathain, cha dhiùltainns' e !

Co-dhiù, bha mi gu math fortanach gun deach agam air an turas seo a dhèanamh air fad - agus bha mi fiù na b' fhortanaiche gun d' fhuair mi 'm bus air ais fhathast, is e cha mhòr chun falbh... :wink:

Agus mar a thuirt mi roimhid, gheibh sibh na dealbhan air flickr cho luath 's a ghabhas - ach tha tòrr obair agam fhathast ann le sean-dealbhan.

Tùdalù an ceartuair,

Acsail Òg

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Jun 13, 2008 8:25 am

Tha mi toilichte gun robh turas brèagha agad! :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Turas Sgìre Mhòine Mhuiseig III

Beitragvon An Gille Donn » Mo Jun 16, 2008 6:38 pm

NCT chòir,

bha turas math agam ann an sgìre Mhòine Mhuiseig a rithist, a dh' aindeoin na thachair air an rathad mar a sgrìobh mi anns an roinn thuas an seo.

Agus an turas seo, tha na dealbhan agam air an lìon is gum faod sibh uile sùil a thoirt orra - biodh iad na dheagh-dhearbhadh is teisteanas do bhòidhchead na tìre seo, taobh Siar Sìorrachd Obar Dheathain, no mar a b' fheàrr dhomh a ràdh ann an co-theacs Gàidhealach - dùthaich Chlann Forbais, eadar a' Ghairbheach agus Màrr.

Tha iad rim faicinn air: http://www.flickr.com/photos/8724992@N03/.

Nise, tha mi 'n dòchas gun oibrich an ceangal, ach bheir mi dhuibh co-dhiù beagan eisimpleirean dheth an seo. Seo dhuibh ceàrnag-baile Mòine Mhuiseig:

[/img]http://www.flickr.com/photos/8724992@N03/2581714859/[img]

Agus seo dhuibh sean-eaglais Mhòine Mhuiseig a bhuineadh ri manachainn Mhòine Mhuiseig anns a' Mheadhon Aois. Chan fhaodar dì-chuimhnicheadh gum bitheadh am Breccbennach (Breac Beannach ann an Gàidhlig an latha an diugh) ga ghleidheadh ann am Mòine Mhuiseig, agus sin is adhbhar gur e Monymusk-Reliquiar a th' air mar ainm am measg sgolairean. Ach cha d' ràinig e Mòine Mhuiseig ach gus an 16mh linn, aig àm an Ath-Leasachaidh. Bhitheadh e ga chumail ann an abaid Obar Bhrothaig roimhe sin, ach is e Forbaiseach a bh' anns an aba, agus thug e gu Fearann a' Ghlinne e an toiseach, agus an uair sin, thugadh gu Mòine Muiseig e:
[img]
http://www.flickr.com/photos/8724992@N03/2582542308/ [/img]

As dèidh an Ath-Leasachaidh, bhitheadh am Breccbennach ga ghleidheadh le Clann Forbais ann an Caisteal Bhaile Fhithichidh, far an deach a thoirt o Fhearann a' Ghlinne faisg air Torraibh (àite is oighreachd àlainn eile far an bheil Acsail Òg a' coiseachd uaireannan). Seo dhuibh dealbh de Chaisteal Baile Fhithichidh a thog mi fhèin:

[/img]http://www.flickr.com/photos/8724992@N03/2582509260/[img]

Uill, ged a bha mi a' coiseachd seachad air a' chaisteal seo, is e Cnoc Bhaile Fhithichidh far an robh mi 'dol, agus mar sin, chunnaic mi 'n caisteal mar sin an toiseach:

[/img]http://www.flickr.com/photos/8724992@N03/2582419246/[img]

Agus tha mullach a' chnuic dìreach fhèin àlainn, le iomadh seòrsa lus agus craobhan. Gheibh sibh on taiga chun na tundra, agus on tundra chun na macchia :wink:

[/img]http://www.flickr.com/photos/8724992@N03/2582461650/[img]

Eadar bun a' chnuic air an taobh thall agus Caisteal Baile Fhithichidh air an rathad air ais, gheibhear Coille an Fhlathais, agus Bothan an Fhlathais. Abair ainm freagarrach ! Nan robh airgead gu leòr agam, cheannaichinn fhèin e:

[/img]http://www.flickr.com/photos/8724992@N03/2581667617/[img]

Tha e suidhichte gu breagha air bruach na Deathain, is i a' tighinn o Amhach an Tighearna. Seallaidh mi dhuibh dealbh dheth sin fhathast, oir is ann troimh Choille an Fhlathais a bhitheas mi a' coiseachd Di Dòmhnaich seo tighinn - no co-dhiù, 'se seo a chuir mi romham. A bharrachd air oighreachd Fearann a' Ghlinne agus oighreachd Chlann Dubh ann am Banbh, is i oighreachd Mhòine Mhuiseig an tìr as àille a chunna mi riamh ann an Sìorrachd Obar Dheathain, ged a gheibhear innte tuilleadh àitean breagha na sin fhathast...

Tha mi 'n dòchas gun gabh sibh tlachd 'sna dealbhan.

Mar sin leibh,

Acsail Òg[/img]

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Acsail Òg a rithist - is e air tilleadh o Bheàrnaraigh...

Beitragvon An Gille Donn » Mo Jul 28, 2008 3:17 pm

Seadh, a Chàirdean chòir,

tha mi air a bhith air ais o Bheàrnaraigh Uidhist fad seachdainn a nise, is abair turas math a bh' agam !

O aidh, is e Seachdainn Mhòr mhiannach mhath a bh' againn a rithist am bliadhna, is tha mi air a' mhòr-chuid de na dealbhan a chur air flickr cheana,
is e ri fhaighinn mar as àbhaist air http://www.flickr.com/photos/8724992@N03/.

Seo dhuibh cuid dhiubh, is iad air an togail "o chionn 150 bliadhna":

Bild

Acsail Òg a' toirt dhachaidh na mòna

Bild

Acsail Òg aig falmadair na "Sealladh", an eathar as bòidhche ann am Beàrnaraigh (is i air togail ann an Griomasaigh)

Bild

eathar Bheàrnarach eile air Latha nam Bàtaichean 2008

...agus seo dhuibh dealbh gu tur diofraichte, is e air a thogail ann an Dùthaich Shliochd nan Ròn eadar Aird an Rùnair, Haisgeir, Heisgeir agus Grìminis - is e seo Caisteal Odair, no Dùn Odair, is e gu h-àraidh ceangailte ri seanchas nan ròn:

Bild

"Caolas od Odrum a' Cheò,
far an caidil na ròin,
far nach cluinnear guth duine
ach fuaim tuinne is glug geòidh"

[...]

(Làimh-sgrìobhainnean Mhic Gille-Mhìcheil - Mhic Bhàtair, 380/1, td. 15)

Hò ì hò ì hì o hò i
Hò ì hì o hò i hì
Hò ì hò ì hì o hò i
Cha robh mi 'm aonar an raoir !

Is mairg san tìr seo, is mairg san tìr,
'g ithe daoine an riochd a' bhìdh
Nach fhaic sibh ceannard an t-sluaigh
a' goil air an teine gu cruaidh cruinn ?

Is mise nighean Aoidh Mhic Eòghain,
b' eòlach mi mu na sgeirean,
is mairg a dhèanadh mo bhualadh,
bean uasal mi o thìr eile !

Thig an smeòrach, thig an druid,
thig gach eun a dh' ionnsaidh nid,
thig am bradan thar a' chuain,
gu Là Luain cha ghluaisear mis' !

Seo an t-òran air a bheil "Smeòrach Chlann Dòmhnaill" le Iain Mac Codruim stèidhte, a rèir an Urr. Uilleim Mhic Mhathain (agus tha seo follaiseach a thaobh fonn an òrain), agus bu mhiann leam a chluinntinn ga sheinn le seinneadair Uidhisteach mar Julie Fowlis chòir latha breagh air chòireigin, ged a tha mi fhèin comasach gu leòr a sheinn.

Air cuspair a' chiùil, a Mhìcheil chòir, bhithinn fada nad chomain nan innseadh tu dhomh an cead a-steach don cheòlchuirm agat thall 'am Baile na Lise ann am Monadh nan Dùn (Hofheim/Ts.), oir bithidh mi a' ruigheachd na Gearmailte air an 13mh den Lùnasdal, agus bu mhiann leam càirdean is luchd-daimh a thoirt ann. Gun robh mìle math agad roimh làimh !

Bild

Cladh Chille Mhoire le uaigh Iain Mhic Codruim agus Heisgeir is Haisgeir air an fhàire

Tha mi 'n dòchas gun còrd na dealbhan is naidheachdan ruibh.

Leis gach deagh-dhùrachd,

Acsail Òg nan Ròn


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast