Seite 4 von 15

Verfasst: Fr Mär 07, 2008 7:26 pm
von mona nicleoid
Bhitheadh sin inntinneach, a Mhìcheil, o chionn 's nach b' urrainn dhomh dannsa a-riamh ;)

Janni, bha Andreas tinn cuideachd na laithean sa chaidh, mar sin cha robh e cho toilichte gun robh aige ri dol dhan bhaile còmhla rium sa mhadainn, agus dol do na buithean agus a h-uile rud, ach tha e cho milis: Nuair a ràinig e bho na buithean, thuirt e: Seall, tha preasant beag agam dhut - agus saoil dè bh' ann? Bheireadh fir eile flùraichean no seòclaid no rudeigin do na mnathan, ach fhuair mise meur-chlàr ùr 8-)

Verfasst: Fr Mär 07, 2008 7:36 pm
von Micheal
Dè fo ghrèin a dhèanadh tu le flùraichean an àite meur-chlàr ùr? 8-)



Mìcheal

Verfasst: Fr Mär 07, 2008 7:39 pm
von mona nicleoid
Deagh cheist, agus tha mi toilichte gu leòr leis a' mheur-chlàr :D
Mona

Verfasst: Fr Mär 07, 2008 8:03 pm
von Catriona
Droch naidheachd gu dearbh. Tha mi an dòchas nach bidh pian mòr agad gu h' àraidh fad na h-oidhche.

Caitrìona

Verfasst: Fr Mär 07, 2008 8:09 pm
von mona nicleoid
Chan eil e cho dona, a Cahtrìona, agus fhuair mi rudeigin an-aghaidh pian, ach cha chreid mi gun gabh mi e.
An tig thu a-màireach, ma-tha? :)

Verfasst: Fr Mär 07, 2008 10:54 pm
von Catriona
Thig, thig mi gu dearbh a Mhona!
Caitrìona :)

Verfasst: Sa Mär 08, 2008 12:24 pm
von NoClockThing
Saoilidh mi gu bheil dòighean nas fhasa ann airson meur-chlàr ùr faighinn :shock:

Bi nas fhèarr a dh'aithghearr, a charaid!

Verfasst: Di Mär 18, 2008 4:04 pm
von mona nicleoid
Tha mi dìreach air ticeadan a cheannachd: Thèid mi a Thiriodh a-rithist as t-samhradh :D Dìreach airson beagan laithean timcheall air deireadh-seachdaine an 21mh/22mh dhen Òg-mhìos. Ach tha mi a' dèanamh fiughar ris. 'S e eilean àlainn a th' ann, agus tha Gàidhlig gu leòr ann.
Mona

Verfasst: Mi Mär 19, 2008 9:04 am
von NoClockThing
Gabh tleachd! :D

Verfasst: Fr Mär 28, 2008 5:57 pm
von Sleite
Tha mi a' dol air saor-làithean. Tha mi 'n dòchas mòran coiseachd agus sreap a dhèanamh agus bidh mi air ais an 3s là dhen Ghiblean aig a' char as anmoiche.

Slèite

Verfasst: Fr Mär 28, 2008 6:31 pm
von Micheal
An dòchas gun còrd e riut agus na bi tuiteam far creagan!

tudalù

Mìcheal

Verfasst: Mo Mär 31, 2008 9:48 am
von Catriona
Tha mi dìreach air ais bhon Eilean Sgitheanach far an robh mi a' dèanamh cùrsa goirid aig Sabhal Mòr Ostaig. Bha e uabhasach feumail dhomh agus chòrd e glan ris a h-uile anns a' chùrsa seo eadhon aig an tidsear-fhèin. Nam beachd-sa bu choir dhomh cùrsaichean a bharrachd a dhèanamh, ach bidh sin gu math daor. Tha mi an dòchas gun till mi air ais a dh' aindeoin uair sam bith.

Agus thèid mi do dh' Alba a-rithist anns an Ògmhìos ged nach bidh mòran cothrom ann a' Ghàidhlig a bhruidhinn gu mì-fhortanach.
Bidh saor-làithean-teaghlaich againn - bidh sin math gu leòr rium cuideachd.

Dùrachdan

Caitrìona

Verfasst: Do Apr 10, 2008 9:57 am
von mona nicleoid
A Chatrìona, tha mi toilichte gun do chòrd e riut! :) Feumaidh tu innse dhomh tuilleadh mu dheidhinn, is dòcha gum bi cothrom againn coinneachadh airson cùpa cofaidh ann an Essen a dh' aithghearr...

Abair mìos a bha agam-sa. Bha saor-laithean aig an oilthigh, agus bha dùil agam mòran a leughadh 's a sgrìobhadh. An toiseach bha deuchainnean sgrìobhte agam, agus dìreach as-dèidh sin bha an cnatan orm, agus nuair a bha mi fit a-rithist bhris mi an òrdag-choise, sgoinneil fhèin. Cha b' urrainn dhomh coiseachd gu ceart fad seachdain no dhà, agus mar sin cha robh cothrom agam dol dhan leabharlann...
Nuair a bha mo chas nas fheàrr, bha mi gu math trang aig an obair, o chionn 's gun robh saor-laithean nan sgoiltean ann agus bha mi a' teagasg chùrsaichean sònraichte do na sgoilearan a nì an deuchainn aig deireadh an 10mh bhliadhna a dh' aithghearr. Agus nuair a bha sin seachad, bha an cnatan orm a-rithist. Grr. (Agus nuair nach robh an cnatan orm-sa, bha e air an duine agam...) Agus bha fhathast deuchainn labhartach romham fhìn, airson an "Graecum".

Ach co-dhiù, tha a h-uile sian sin seachad a-nis :) Seadh, an deuchainn cuideachd, agus tha mi gu math toilichte leatha. Nise, tha an semester ùr air toiseachadh, agus tha fhathast aiste no dhà agam ri sgrìobhadh bhon t-semester sa chaidh. Ach bidh sin ceart gu leòr.
Tha mi toilichte leis an obair agam cuideachd na laithean seo, chan eil ach sgoilearan laghach agam, agus chan eil iad ro ghòrach, tha dòchas ann ;)
Mona

Verfasst: Do Apr 10, 2008 10:00 am
von NoClockThing
Abair saor-laithean! :shock:

Verfasst: Do Apr 10, 2008 10:54 am
von Catriona
A Mhona, thachair rudan neònach dhut gu dearbh! Tha mi an dòchas gum bidh a h-uile ceart gu leòr a-rithist. Bidh mi aig an taigh an-dràsda oir tha a' bhuineach orm - à Alba!!! Ach bidh mi ceart gu leòr a dh' aithgeàrr agus tha mi fiùghair ris an ath choinneamh againn. :)

Caitrìona