Dè ur naidheachd?

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Sa Feb 16, 2008 12:57 pm

Tha mi ag obair an-diugh agus tha mi a' faireachdainn na h-ùine. Tha cùrsa airson luchd-teagaisg a' dol an seo an-diugh agus a-màireach ach air sgàth 's gur e Fèisean nan Gàidheal an luchd-eagrachaidh tha iad uile gu dòigheil agus chan fheum mi dad a dhèanamh. Chan eil fiù 's fios agam carson a tha mi an seo. Nuair a bhios iad sa chlas bidh mi ag ionnsachadh Nirribhis no Gàidhlig na h-Èireann.
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » So Feb 17, 2008 10:00 am

Tha mi caran trang 'sna laithean seo le obair ùr agus proiseactan eile.

Chaidh mi dhan taigh-seinnse Albannach an-raoir còmhla ri caraid agus bha e èibhinn - mar as àbhaist. Thachair mi ri tè Albannach agus thuirt ise: A bheil cèile agad? Chan eil? Nam biodh thu ar iarraidh fear, na sir e an-seo! Bild
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » So Feb 17, 2008 8:06 pm

Abair deireadh-seachdaine ciùin snog a bha (no tha) agam :) Cha robh agam ri ionnsachadh no rudan a sgrìobhadh airson an oilthigh idir, o chionn 's gu bheil saor-laithean ann an-sin. Bha e cho grìanach an-dè is an-diugh, bha mi ann an deagh shunnd gu dearbh. A-raoir nuair a bha sinn a' coiseachd dhachaigh, bha e uabhasach fuar, ach tioram, bha tòrr rionnagan ann, choimhead sinn orra agus bha sin cho àlainn. Bha caraidean a' cèilidh oirnn agus bha breacaist mòr snog againn 'sa mhadainn (no aig meadhan-latha ;)) an-diugh, agus an uair sin bha mi dìreach leisg.
Nise, feumaidh mi a bhith rud beag trang an seachdain seo, o chionn 's gum bi deuchainn Seann Ghreugais (Graecum) agam an ath-sheachdain :D

A Janni, bha sinn 'san taigh-dhealbh an-dè (am film leis an uilebheist, bha sin èibhinn gu leòr), mar sin cha b' urrainn dhomh fòn a chur thugad.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mo Feb 18, 2008 8:43 am

Guma math a thèid leat, a Mhona!
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Feb 26, 2008 10:45 pm

Tha mi toilichte an-diugh. Fhuair mi toradh nan deuchainnean a sgrìobh mi aig deireadh an t-semester, rinn mi nas fheàrr na bha dùil agam ('s e arc-eòlas a bha ann agus cha toigh leam sin, 's àbhaist dhaibh a bhith rud beag neònach).
Agus sgrìobh mi an deuchainn Seann Ghrèugais an-dè, chaidh sin gu math cuideachd. Fhuair mi a-mach gun do rinn mi mearachd no dhà, ach bidh sin ceart gu leòr. Bidh an deuchainn labhairteach aig deireadh a' Mhàirt.

Nuair a chaidh mi dhachaigh bhon obair an-diugh, bha mi dìreach a' smaoineachadh gu bheil sgoilearan snog agam na laithean seo, agus gu leòr dhiubh, agus gu bheil mi fortanach gu bheil cothrom agam an seòrsa obrach seo a dhèanamh, seach obair gòrach air chòireigin.

Rud eile, bidh sgeulachd goirid a sgrìobh mi ann an leabhar ùr a thèid fhoillseachadh le Comhairle nan Leabhraichean as t-fhoghar, agus feumaidh mi aideachadh gu bheil mi caran pròiseil.
Tha mi ag iarraidh mòran rudan eile a sgrìobhadh, ach bha an sgeulachd sin doirbh gu leòr, ged nach eil i uabhasach fada. Gu tric tha mi ag iarraidh rudeigin a dhèanamh, ach cha dèan mi e, o chionn 's gu bheil mi ro leisg no dìochuimhnichidh mi e no bidh mi a' faireachdainn nach eil mi math gu leòr... Mar sin tha mi toilichte gun do rinn mi sin dha-rìribh agus gun robh mi deiseil aig an àm ceart.

Nise, bidh sia seachdainean eile de saor-laithean an oilthigh ann, agus bidh agam ri aiste a sgrìobhadh air cuspair litreachais nam Meadhan Aoisean, agus aiste bheag eile ann an Innis Tìlis. Tha dùil agam rud no dhà a sgrìobhadh anns a' Ghàidhlig cuideachd, no eadar-theangachadh gu Gàidhlig à cànanan eile. Chì mi...

Is bochd nach eil mòran a' dol air a' bhòrd-bràth na laithean seo, ach tha e math daoine ùra fhaicinn bho àm gu àm :) Tha fios agam nach eil mi-fhìn an-seo cho tric 's mar a b' àbhaist dhomh, ach 's e seo fhathast a chiad duilleag air an eadar-lìon a dh' fhosglas mi gach madainn ;)

Deagh dhùrachdan à Gleann a' Bhupair ( ;) )
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Feb 26, 2008 10:59 pm

Sin thu fhèin, a Mhona! :D

Chaidh am bòrd-brath seo sìos a-rithist an deireadh-seachdainne seo :x

Tha mise trang 'sna laithean seo le dà obair pairt-ùine ùr agam agus ag eadar-theangachaidh phpBB aig an fhòram eile.

Dùrachdan dhan dùthaich chèin bho thuath an abhainn Elbe :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Feb 26, 2008 11:01 pm

Rud a bha dùil agam faighneachd dhiot: Carson fon ghrèin a tha ainm dearg agad a-nis? :shock:
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Feb 26, 2008 11:08 pm

Tha mi a' cur rudeigin air dòigh còmhla ri Mìcheal airson falbh bhon àite sgrìosail seo - Na abair dad ri a h-aon, a dhà, air falbh Bild

Tha sinn gu imrich nuair a bhios sinn deiseil agus thèid na h-uile teachdaireachd còmhla rinne :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Feb 26, 2008 11:17 pm

Math fhèin! :shock: :D
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Feb 26, 2008 11:18 pm

Thug mi cùrsa choimpiutaireachd agus tha mi cunnartach :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Feb 26, 2008 11:20 pm

Bu chòir dhomh-sa an seòmar-còmhradh a chur air dòigh a-rithist mu dheireadh thall. Bha sin an còmhnaidh cho snog. Tha fios agam gu bheil Skype aig a h-uile duine co-dhiù na laithean seo, ach chan e sin an aon rud.
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Feb 26, 2008 11:27 pm

Bhiodh againn ri bathar bog math fhaighinn air a shon. Uill, a' chiad turas am fòram seo agus an uair sin chì sinn :D

'S e dìreach na bha a dhìth orm, proiseict eile :shock:

Thèid mi dhan leabaidh an-dràsda, chì mi a-màireach thu
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Mär 07, 2008 12:59 pm

Nach mi tha gòrach: Bhris mi m' òrdag-choise 'sa mhadainn an-diugh. Bhuail mi ri cèis an dorais - bidh sin a' tachairt gu tric o chionn 's gu bheil mi caran mi-fhaiceallach agus an còmhnaidh a' gluasad tron taigh nam ruith (ged a tha am flat againn gu math beag), ach an-diugh bha an òrdag fìor ghoirt agus choimhead i caran neònach.

Mar sin, chuir mi fòn ris an dotair agus thuirt iad gum b' urrainn dhomh dìreach dol ann. Ghabh mi tacsai - 's fhada on a rinn mi sin, ach cha b' urrainn dhomh coiseachd sìos dhan bhaile. Rinn iad dealbh Röntgen agus an uair sin chuir an dotair tèip mun cuairt na h-òrdaige - 's i an òrdag bheag aig a' chois chlì a tha briste, agus chuir e an tèip mun cuairt na h-òrdaige ri a taobh cuideachd, gus nach bi an òrdag ghoirt a' gluasad.
Tha taobh na coise air at agus chan urrainn dhomh coiseachd - feumaidh mi leum air a' chois eile, tha sin caran èibhinn. Chan eil i fìor ghoirt a-nis ma chùmas mi gun ghluasad i.

Gu fortanach is urrainn dhomh obair aig an taigh - 's àbhaist do chuid de na sgoilearan tighinn dhan taigh agam co-dhiù, agus cuiridh mi fòn ris an fheadhainn eile gum bu chòir dhaibh tighinn an-seo cuideachd, agus is urrainn dhomh obair na h-oifise dhan duine agam a dhèanamh an-seo co-dhiù, tron eadar-lìon. Agus tha saor-laithean aig an oilthigh, gu fortanach :)
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Fr Mär 07, 2008 2:06 pm

Obh obh. Nach gòrach sin. Agus tha e cho goirt. Bhuail mise m' òrdag aig leabaidh uaireigin agus bha e cho goirt fad seachdainean ged nach robh e briste (tha mi a' smaoineachadh co-dhiù.
Tha mi 'n dòchas gum bi thu nas fheàrr a dh'aithghearr. Ach 's e deagh leisgeul a th' ann Tacsaidh fhaighinn. Nach bi fiù 's an Versicherung a' paigheadh? Agus dìreach leig an duine agad a h-uile rud a dhèanamh.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Mär 07, 2008 2:18 pm

Droch-naidheachd a tha seo gun teagamh. Air an taobh eile fàsaidh òrdagan gu math furasda ri chèile a-rithist seach cnàmhan eile. Ann an ùine nach bi goirid 's urrainn dhut dannsa a-rithist.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast