Dè ur naidheachd?

Sleite
Beiträge: 1742
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Do Mär 30, 2017 12:18 pm

Nach mi tha air bhioran!!! A-màireach thèid mi air cuairt coiseachd còmhla ris na h-oileanaich agam. Ach chan e dìreach cuairt coiseachd àbhaisteach a th' ann ach 's e gun tèid sinn dhan bhothan. Is dòcha nach eil fhios aig a h-uile duine sa Ghearmailt dè th' ann am bothan: 'S e taigh falamh a th' ann ann an sgìrean iomallach agus faodaidh luchd-coiseachd an cleachdadh airson tàmh na h-oidhche. Tha iad gu math sìmplidh, agus chan eil uisge no dealan ann. Ach tha iad an-còmhnaidh faisg air alt, agus mar sin gheibhear uisge. Feumar a' choille a chleachdadh mar thaigh-beag. Mar as trice bidh àite-teine anns a' bhothan agus faodar fiodh no gual a thoirt a-steach airson cumail blàth. Uaireannan bidh ùrlair fiodha ann air an cadail daoine gus nach fheumar cadal air an làr. Tha e mar champachadh ach gu bheil ballachan cruaidhe agus mullach ann.
Thèid sinn ann a-màireach ma tha, agus tha sinn na dòchas coiseachd thairis air bealach dhan àite sin. Bheir sin mu 4-5 uairean a thìde. Ma bhios an t-sìde dona, gabhaidh sinn rathad eile a tha nas giorra. Bidh sinn seasgar sa bhothan, le teine, agus bidh sinn a' dèanamh dìnneir an sin, a' cabadaich agus a' gabhail fois. An ath latha thèid sinn air ais air rathad fiù 's nas giorra. Nach mi tha a' dèanamh fiughair ris, agus tha na h-oileanaich gu tur air bhioran cuideachd.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Naosg
Beiträge: 64
Registriert: So Mär 19, 2017 8:28 pm

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Naosg » Sa Apr 01, 2017 8:29 pm

Tha thu ceart, a Shlèite, 's e cuairt shònraichte a th' ann! Tha mi an dòchas gun robh an tìde math agus gun do chòrd e riut!

Isbeal
Beiträge: 1032
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Isbeal » So Apr 02, 2017 1:35 am

An dòchas gun robh an t-sìde math dhuibh! Bha i gu math measgaichte an seo an-dè, frasan gu leòr agus a' ghrian a' deàrrsadh eadarra, ach bha i grianach agus brèagha madainn an-diugh.

Ciamar a bha a' chuairt fhèin? Agus an oidhche sa bhothan?

Sleite
Beiträge: 1742
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mo Apr 10, 2017 4:00 pm

O mo chreach! Dhìochuimhnich mi innse dhuibh! UIll, seo an sgeul ma tha:
Bha an t-sìde uabhasach Dihaoine, ach gu mì-fhortanach cha robh cothrom ann dol Disathairne. Mar sin dh'fhàg sinn, làn dòchais gum fàsadh i na b' fheàrr feasgar. Bha sinn a' coiseachd bho Dhrochaid Sheile suas am bealach, le bagaichean mòra ach ann an deagh shunnd. Bha 6nar againn ann agus bha sinn beagan slaodach leis gun robh na bagaichean mòr agus nach robh sinn uile cho cleachdte ri coiseachd mar sin. Bha i a' cur uisge gun sgur agus dh'fhàs sinn uile gu math fliuch. A bharrachd air sin bha na h-altan uile gu math mòr. Bha aon nighean a' strì rud beag le a h-anail, agus nuair a ràinig sinn alt cianail fhèin mòr, rinn mi an co-dhùnadh un rachamaid air ais. Bha sin brònach ach 's fheàrr a bhith sàbhailte. Chaidh sinn air ais mar a thàinig sinn agus chaidh sinn timcheall leis a' chàr. Bhon taobh eile cha robh e ach uair a thìde air ceum rèidh dhan bhothan.
Thachair sinn an sin ri tidsear agus aon oileanach eile a thàinig le tòrr fiodha agus stuth trom eile. Thog sinn na b' urrainn dhuinn agus rinn sinn air a' bhotha. Gu mì-fhortanach bha an t-alt air beulaibh a' bhothain air leth mòr agus cha d' fhuair sinn thairis air anns an àite àbhaisteach. Bha againn ri coiseachd ri taobh na h-aibhne gus an robh i a' fàs nas caoile. Bha am feur domhain agus cha robh e furasta. Mu dheireadh thall ràinig sinn am bothan. Cha robh an t-uisge ann tuilleadh, ach bha ar casan bog-fliuch. Chaidh cuid againn air ais turas no dhà eile gus tuilleadh fiodha fhaighinn bhon chàr. Thòisich cuid eile leis a' chòcaireachd.
Fhuair a h-uile duine deagh bhiadh bhon stòbha aca agus bha teine math againn sa bhothan. Bha an t-aodach againn uile a' crochadh gu h-àrd gu tiormachadh agus bha sinn air pàipear-naidheachd a stobadh anns na brògan. Bha tsuika (uisge-beatha Romànais) aig aon bhoireannach agus chùm sin a h-uile duine toilichte. Fhuair sinn deagh chadal anns a' bhothan, còignear an tac' an teine, mar èisg ann an crogan, dithis a' srann san t-seòmar eile agus aon tè san t-seòmar bheag.
An ath latha chaidh sinn suas cnoc beag a bha faisg air a' bhothan agus chòrd sin ris a h-uile duine glan. BHa i brèagha agus bha na seallaidhean àlainn. An uair sin ghlan sin am bothan agus choisich sinn air ais. Bha a h-uile duine air am beo-ghlacadh leis a' chuairt agus tha mi 'n dùil gun dèan sin seo a-rithist.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Teàrlach
Beiträge: 52
Registriert: So Apr 28, 2013 9:05 pm
Wohnort: Francoinia

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Teàrlach » Fr Jul 14, 2017 10:34 pm

Bha mi aig ath-choinneachadh clas againn an deireadh-seachdain sa chaidh. Dh’fhàg sinn sgoil dà fhichead bliadhna air ais, agus thachair an t-ath-choinneachadh mu dheireadh o chionn deich bliadhna. Chithinn cuid de na companaich-sgoile agam gu tric agus cuid eile bho àm gu àm, ach bha feadhainn ann nach fhaca mi fad grunn bhliadhnaichean. Mar sin, chaidh mi don bhaile seo far a bheil mi aig sgoil. An toiseach, choinnich sinn air beulaibh an taighe-sgoile againn, agus bha fìor fhothail ann nuair a ràinig na “sgoilearan” aon an dèidh aoin. 'S ann bho na Stàitean Aonaichte a thàing tè dhinn gus ar coinneachadh! Ghabh sinn cuairt mun sgoil le dà thidsear, agus thogadh dealbh dhinn ann an raon-cluiche na sgoile - mar as àbhaist.

An dèidh sin, chaidh sinn do chafaidh an iomall a’ bhaile faisg air loch beag. Choinnich sinn companach-sgoile no dhà eile an-sin nach robh ag iarraidh an sgoil fhèin fhaicinn. Bha sinn a’ cabadaich a-rithist mun ùine nuair a bha sinn aig sgoil agus dè thachair rinn bho sin. An uair sin, ghluais sinn do thaigh-seinnse ann am meadhan a' bhaile far an robh sinn nar suidhe blàr a-muigh gu meadhan-oidhche is a’ cabadaich a bharrachd.

An ath latha, bha cuid dhinn a’ coiseachd do bhaile beag faisg air. ’S e sin am baile far an robh am bàrd seo a’ fuireach nuair a bha e na bhalach òg a tha an sgoil againn air a h-ainmeacheadh air. Ghabh sinn lòn ann an taigh-bidh an-sin, choimhead sinn air dealbhan bho fhichead bliadhna air ais agus dh’fhàg sinn mu 4f mu dheireadh thall.

Bha mi glè thoilichte gun robh a h-uile duine air a dhòigh agus gun robh fìor chòrdadh ann eadarainn mar nach biodh ùine cho fhada air dol seachad. Bidh ath-choinneachadh eile ann an còig bliadhna, agus tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ris!
Nìtear càrn mór de chlachaibh bheaga.

Sleite
Beiträge: 1742
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mi Dez 13, 2017 1:26 pm

Dè tha dol? A bheil sibh uile trang le prèasantan Nollaige? An do rinn sibh briosgaidean is fleasgan? A bheil craobh-Nollaige agaibh fhathast? Tha mi' n dòchas nach eil sibh fo uallach. Ach nach innis sibh dhuinn na tha sibh a' dèanamh?
Sgrìobh sinne cairtean Nollaig gu cuid de dhaoine Dihaoine. Rinn mi 3 seòrsa bhriosgaidean an t-seachdain seo chaidh: rionnagan caineil, corrain faoineig agus brisgaidean càise mo sheanmhar. Chuir mi iad ann am bagaichean beaga snoga agus bheir mi iad do charaidean. Rinn mi 2 fhleasg aig toiseach na mìosa, agus fhuair sinn a' chraobh againn Didòmhnaich seo chaidh. Tha e cumanta ann an Alba a' chraobh a chur suas tràth san Dùbhlachd.
A thaobh phrèasantan, chan eil mi ro chraicte. Cheannaich mi silidh agus chutney ann am bùth ionadail agus bheir mi sin do mo phiuthair cuide ri aran-coirce à Leodhas. Rinn mi leabhar de dhealbhan bho na saor-làithean agam do mo sheanmhair agus mìosachan den leithid do m' antaidh. Cheannaich mi leabhar agus puzzle do chlann mo pheathraichean agus gheibh mi leabhar bho bhùth-leabhraichean mus tèid mi air a' phlèana do m' athair. Bha mo mhàthair ag iarraidh gearradair rionnagan caineil sònraichte agus cheannaich mi sin ann am bùth bheag air loidhne. Dh'aontaich sinn nach dèan sinn ach prèasantan beaga, agus dh'aontaich aon phiuthair agus mise nach toir sinn prèasantan dha chèile idir. Bidh Nollaig snog cofhurtail againn le cinnt.
Bidh sinn aig taigh mo pheathair anns a' Choille Dhuibh. Saoil am bi sneachd ann? Cha bhi mi ann ach 5 làithean, oir bu toil leam a bhith air ais ann an Alba airson Oidhche Challainn.
Dè tha sibhse a' dèanamh?

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1032
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Isbeal » Mi Dez 13, 2017 11:18 pm

Rinn mi 3 seòrsa bhriosgaidean an t-seachdain seo chaidh: rionnagan caineil, corrain faoineig agus brisgaidean càise mo sheanmhar. Chuir mi iad ann am bagaichean beaga snoga agus bheir mi iad do charaidean. Rinn mi 2 fhleasg aig toiseach na mìosa


Faodaidh tu a' chaileag a thoirt às a' Ghearmailt, ach cha toir thu a' Ghearmailt às a' chaileag! :lol:

Bidh an Nollaig agamsa gu math sàmhach (an dòchas, co-dhiù!). Cha dèan mi cus air a son, ach a-mhàin laoidhean na Nollaig a ghabhail air feadh an àite còmhla ri companaich còisire. :fead: Tha mi sgìth, agus tha an taigh sgeadaichte gu leòr leis na cairtean Nollaig a fhuair mi, agus blàth cofhurtail leis na cùirtearan dùinte. :-D

Agus mar a thuirt thu fhèin, a Shlèite, dh'aontaich mi agus a' mhòr-chuid de na caraidean nach cheannaich sinn preusantan dha chèile tuilleadh. Bidh sinn a' toirt barrachd do bhuidhnean carthannais nan àite. Ach chuir mi tòrr mhìosachanan Albannach (mòran le Gàidhlig!) do charaidean thall thairis.
Phàigh mi fortan air postachd! :mc: :flur:

Sleite
Beiträge: 1742
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Do Dez 14, 2017 1:39 pm

Is mi tha eòlach air postachd! Bidh mise a' sgèith dhan Ghearmailt le baga beag a-mhàin, oir bha Easyjet ag iarraidh £20 gach rathad airson màlaid. Mar sin chuir mi pacaid dhan Ghearmailt leis na rudan nach bi ceadaichte sa bhaga bheag. Ach aig a' cheann thall bha sin a cheart cho daor is a bhiodh am baga (ach ma bhios feum ann airson pacaid air an rathad air ais, chan fheum mise pàigheadh air a shon ;-)
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1742
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Di Jul 31, 2018 2:33 pm

Dè tha dol? Tha i cho sàmhach an seo? A bheil sibh uile air saor-làithean? Cò tha air a bhith ann an Alba am-bliadhna? An d' fhuair sibh cothrom Gàidhlig a bhruidhinn? Càit an deach sibh? Càit am bu toil leibh dol an ath thuras? An tèid sibh a dh'Alba fhathast? Nach innis sibh dhuinn beagan!

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Naosg
Beiträge: 64
Registriert: So Mär 19, 2017 8:28 pm

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Naosg » Mo Aug 06, 2018 8:34 am

Halò a Shlèite,
Tha mi ann an Alba an-dràsta. Tha mi a' dèanamh cùrsa Gàidhlig aig an t-Sabhal Mhòr agus bidh mi a' dol dha na h-Eileanan an Iar an ath sheachdain.

Sleite
Beiträge: 1742
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mo Aug 06, 2018 4:51 pm

Tha e uabhasach snog tachairt riut, a Naosg. Is dòcha gum faic mi thu aig àm lòin no àm tì a-rithist rè na seachdaine.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1742
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mi Jun 26, 2019 12:11 pm

An deireadh-seachdain seo chaidh rinn mi cuairt shònraichte leis a’ kayak agus air na beanntan. Chaidh mi fhèin is 4 caraidean bho Armadal thairis air Linne Shlèite tro Loch Nibheis gu ceann an loch. Chaidh sinn suas 3 beanntan agus chaidh sinn air ais. Seo an sgeul:

Dihaoine choinnich sinn aig 3f agus chuir sinn a h-uile stuth sna caidheagan. Bha gual againn airson BBQ, leann, fìon, biadh gu leòr, poca droma, bòtannan coiseachd, teantaichean agus a h-uile stuth eile a dh'fheumar airson deireadh-seachdain. Bha còignear againn a' dol: Dh'fhàg sinn Armadal agus chaidh sinn dìreach thairis air Linne Shlèite gu ruige Sandaig, leis a' ghaoith air ar cùlaibh. Bha beagan tuinn ann ach cha do chuir e dragh sam bith air duine. Ghabh sinn beagan fois às dèidh dol tarsaing air tràigh bheag àlainn agus ghabh sinn dìnnear (dìreach ceapairean). 'S e feasgar àlainn a bh' ann. Bha e a-nis 6 uairean. Chùm sinn oirnn agus cha robh tuinn sam bith ann an Loch Nibheis, oir chan eil e cho fosgailte. Bha i gu tur ciùin agus bha an dealbh-tìre dìreach àlainn. Chum sinn oirnn tron chaolas, agus chaidh sin gu math luath leis an t-sruth. Bha sinn air sin a phlanadh mar sin. Ghabh sinn fois beag eile air taobh eile a' chaolais agus bha e dìreach àlainn an sin. An uair sin chum sinn oirnn agus ràinig sinn ceann an loch aig 10 uairean, dìreach mar a bha sinn air planadh. Bha againn ri ruigsinn timcheall air an àm sin nuair a bhiodh am muir làn, air neo bhiodh againn ris na bàtaichean a ghiùlain tron pholl. Bha sinn air 26km a chaidheagadh.
'S e Sourlies an t-ainm air an àite aig ceann an loch. Tha bothan beag bìodach ann, ach bha teantaichean againn uile oir bha sinn an dùil gum biodh daoine eile ann. Bha 4 no 5 teantaichean eile ann mar-thà, agus cha robh sinn ro thoilichte. Chan eil riamh fios agad dè seòrsa daoine a chì thu aig bothain. Ge-tà fhuair sinn a-mach gun robh na daoine eile glè shàmhach agus càirdeil. Cha mhòr nach do mhothaich sinn iad. Chuir sinn na teantaichean againn pìos beag air falbh bhuapasan, mar sin bha beagan prìobhaideachd aig an dà bhuidhinn. Bha an t-àite dìreach àlainn, aig ceann loch is beanntan air 3 taobhan. Ghabh sinn cupa tì no teòclaid teth, bha sinn a' cabadaich rud beag agus an uair sin chaidh sinn innte mu mheadhan oidhche. Bha i fhathast soilleir.
Madainn Disathairne dh'èirich sinn mu 8 uairean, ghabh sinn bracaist agus dh'fhàg sinn na teantaichean. Thòisich a' bheinn dìreach air cùl a' bhothain agus shreap sinn suas beag air bheag. 'S e latha brèagha a bh' ann ach cha robh i ro theth. Bha sinn airson coinneachadh ris an fhear eile, nach robh misneachail gu leòr dol thairis air Linne Shlèite, air druim na beinne aig 10:45. Bha esan uabhasach toilichte ar faicinn oir bha e beagan aonranach. 'S e àite uabhasach iomallach a th' ann! Chaidh sinn dhan mhullach agus 's e obair chruaidh a bh' ann. Bha e 1040m de dh'àirde agus tha fhios gun do dh'fhàg sinn bho thaobh na mara. Ghabh sinn fois fada air a' mhullach agus an uair sin chum sinn oirnn thairis air 2 Beinn Rothaich agus 2 mhullach eile. Chaidh dithis againn air ais dhan bhothan. Bha am mullach mu dheireadh gu sònraichte cruaidh oir bha sinn uile a' fàs beagan sgìth. Ge-tà rinn sinn an gnothach agus b' fhiach e e. Bha seallaidhean air leth againn fad an latha. Bha an rathad sìos car cruaidh cuideachd agus bha sinn ro-thoilichte nuair a ràinig sinn an ceum sa ghleann. Dh'fhàg Nick sinn an sin gus dol air ais dhan chàr aige agus chum sinne oirnn 2 uair a thìde eile air ais a Shourlies. Bha an ceum gu math fliuch agus bog ann an àiteachan agus mar sin cha robh sinn luath idir. Ge-tà bha an t-àite uabhasach brèagha agus fhuair mi dealbh no dhà sònraichte. Ràinig sinn am bothan aig 9 uairean, agus bha an dithis eile air am BBQ a chur air.
Bha a h-uile duine air rudeigin a thoirt leis airson a' BhBQ. Agus còmhla ris sin bha botail Koelsch agam, nach e bha blasta!!! Bha sinn ag ithe is a' ròstadh marshmallows agus ag òl beagan leanna is fìon (cha robh mòran againn) agus a' cluich fhìdeag. Bha e dìreach laghach. Chaidh sinn innte mu mheadhan oidhche a-rithist agus fhuair mi deagh chadal.
Didòmhnaich dh'èirich sinn aig 7 agus dh’fhàg sinn aig 9 leis na caidheagan. Bha i beagan gaothach sa chaolas agus bha a' ghaoth air ar cùlaibh a-rithist (nach sinne bha fortanach!!!!! Chan urrainnear seo a phlanadh!) Thadhail sinn air àite no dhà mus do dh'fhàg sinn Loch Nibheis. Bha an Linne Shlèiteach cho ciùin is gun gabhadh cuileag bheag deoch agus bha na seallaidhean àlainn a-rithist. Ràinig sinn Armadal aig 15:30. Bha i teth dha-rìribh agus ghabh sinn reòiteag mus do ghiùlain sinn na bàtaichean suas dhan rathad (bha an làn a-muigh). Bha droch fheum agam air fras! Abair turas! Gheibhear sùil air na dealbhan an seo https://photos.google.com/share/AF1QipN ... NLaWljeW53

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1032
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Isbeal » Di Jul 30, 2019 11:11 pm

Abair turas! :mc:

Is beag an t-iongnadh gun robh sibh sgìth! A' caidheagadh 's a' sreap fad an latha, agus chunnaic mi gun robh am meanbh-chuileag a' cur dragh oirbh aig a' BBQ cuideachd. :cuidich:

Ach seallaidhean fada brèagha mar dhuais. Chòrd na dealbhan rium gu mòr!

Mòran taing airson cunntas cho mionaideach a thoirt duinn! :flur:

Sleite
Beiträge: 1742
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Di Okt 15, 2019 1:11 pm

Dè tha dol?
Bha samhradh uabhasach trang agam, is mi a' caidheagadh gun sgur. Bha e sgoinneil agus tha mi toilichte a ràdh gu bheil an gnìomhachas beag againn a' dol fìor mhath. Bha ceudan de dhaoine againn a-muigh a' caidheagadh, agus tha cùisean dìreach a-nis a' tighinn gu crìch. Bha sinn fhathast trang trang san t-Sultain, a-muigh gach latha, ach bha mise air ais aig a' cholaiste ag obair le oileanaich, a' brosnachadh na Gàidhlig. A-nis bidh an seasan caidheig a' tighinn gu crìch agus bidh sinne a' falbh dhan Ghrèig airson caidheagadh an sin, sa ghrèin, air muir bhlàth. Thèid sinn a dh'Athen Disathairne agus dràibhidh sinn a dh'Eilean Lefkas sa bhad. An uair sin bidh sinn a' caidheagadh timcheall air an eilean sin agus eileanan beaga eile faisg air. Bidh sinn a' campachadh agus a' fuireach ann am flataichean bho àm gu àm, agus bheir sin dhuinn cothrom tadhal air taigh-tabhairne bho àm gu àm. Tha fadachd orm ris! Bidh ceathrar a' tighinn còmhla rinn agus tha mi an dùil gur e buidheann snog a bhios ann. Dè tha dol agaibh fhèin? Cò tha fhathast an seo?
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1742
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Do Nov 07, 2019 12:49 pm

Chuala mi gu bheil e a' toirt tlachd do chuid de dhaoine gum bi mi a' sgrìobhadh rudeigin an seo bho àm gu àm. Mar sin innsidh mi dhuibh mu na saor-làithean agam sa Ghrèig. Uill, bha iad sgoinneil. Nuair a ràinig sinn Lefkas bha latha leisg againn às dèidh dhuinn a bhith a' siubhail san oidhche. BHa i grianach agus blàth, mu 24 ceum celsius agus cha robh gaoth ann idir ach oiteag bheag bho àm gu àm. Agus bha i mar sin a h-uile latha a bha sinn ann. Bha sianar againn ann, agus chaidh sinn timcheall air eilean Lefkas, Meganisi agus Kalamos. Mholainn an-dràsta mapa fhosgladh is coimhead far a bheil sin uile. A' chiad dà oidhche bha sinn a' campachadh air tràighean agus rè an latha bha sinn a' caidheagadh gu deas faisg air creagan àrda cloiche-aoil le tràighean brèagha geala. An uair sin chaidh sinn a dh'Eilean Meganisi far an do dh'fhuirich sinn ann am flat aig seann bhoireannach aig nach robh ach Grèigis. Bha sin sgoinneil. Bha seann chàr aice bho na 1950an a chleachd i airson na bagaichean againn a thogail bhon tràigh suas dhan bhaile. Bha againn ri coiseachd suas. 'S e baile beag tarraingeach a bh' ann leis an ainm Spartochori. Tha e uabhasach Grèugach, fìor bheag, sràidean caola, bùithtean beaga agus fireannaich aig gach oisean a' cabadaich. Ghabh sinn latha fois an sin ach chaidh cuid de dhaoine timcheall air an eilean. Chaidh mise agus tè eile dhan ath bhaile, ghabh sinn cupa cofaidh agus lòn agus shuidh sinn sa ghrèin ri taobh a' chala. Saor-làithean!

Cha do chòrd Kalamos rinn cho mòr ach bha a' chuairt a Kalamos air leth brègaha. Bha uiread de dh'uamhan ann agus creagan brèagha is gun robh e mìorbhaileach dol ann. 'S e deireadh an t-seasan a bh' ann agus cha robh duine sam bith ann an Kalamos tuilleadh. Bha e gu math marbh. An uair sin chaidh sinn a-null dhan tir-mhòr agus air ais gu tuath mus deach sinn air ais a Lefkas agus timcheall air ceann a tuath an eilein. Chòrd baile Lefkas rinn gu mòr cuideachd.

Mar as trice bha sinn a' còcaireachd air an tràigh, a' dèanamh biadh blasta le glasraich ùra, lusan agus spiosan agus airson lòin ghabh sinn aran, càise, salami, cularan, tomàtaichean, dearcan-ola agus measan. Cha do chòrd sin ris a h-uile duine air adhbhar air choireigin. Airson bracaist ghabh sinn iògart Grèugach agus aran le mil is tahini. Cha do chòrd sin ris a h-uile duine agus bha sinn a' strì beagan mu dheidhinn ceistean bidhe. Chan eil e furasta san latha an-diugh is a h-uile duine cho toinnte mu bhiadh.

Corra turas chaidh sinn dhan taigh-sheinnse airson dìnneir far an d' fhuair sinn biadh air leth blasta le tòrr creimh, feòil bhon grill agus tzatziki, sailead, càise agus leann blasta. Bha mi ann an Nèamh!

Bha an caidheagadh, am biadh, an t-sìde agus an cruth-tire dìreach mìorbhaileach. Gu mì-fhortanach bha a' bhuidheann gu math doirbh agus bha strì ann fad na h-ùine air sgàth 's gun robh daoine ann le beachdan ro làidir, daoine mì-mhodhail, daoine a bha a' bruidhinn cus, daoine a bha ag òl cus, daoine a bha ro cho-fharpaiseach, daoine a bha ro ghòrach agus daoine a bha ro leisg. Is dòcha gum bu chòir dhuinn dìreach dol air saor-làithean an ath thuras, no is dòcha gum feumar clàr-ama soilleir a dhèanamh agus iarraidh air daoine am biadh aca fhèin a thoirt leotha. Bha e inntinneach agus dh'ionnsaich sinn tòrr mu dheidhinn bhuidhnean.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast