Dè ur naidheachd?

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Di Jul 28, 2015 11:40 am

Chaidh mi air cuairt air leth aig an deireadh-sheachdain. Chaidh mi dha na h-eileanan Rùm is Canaigh leis a' chaidheag còmhla ri mo bhràmair Kevin.

Dihaoine ghabh sinn an t-aiseag bho Armadal a Mhalaig agus an uair sin dhan Eilean Rùm. Bha na bàtaichean againn loma-làn stuth campachaidh, aodaich, bidhe agus fìona. Feasgar Dihaoine chaidh sinn bho Cheann Loch air Eilean Rùm timcheall air costa a deas agus costa an ear gu àite beag leis an ainm Harris. Tha mausoleum an sin agus seann taigh. Bha a' ghrian a' deàrrsadh agus bha i ciùin. Chunnaic sinn dà dhòbhran, dà iolaire mara agus tòrr ròn. Bha na creagan àrd, le cruthan anasach agus bha uamhan ann cuideachd. Nuair a ràinig sinn Harris, chuir sinn suas an teant againn agus rinn sinn dìnnear. Gu mì-fhortanach bha a' mheanbh-chuileag dona, ach lorg sinn àite air a' chladach far an robh oiteag gaoithe ga cumail air falbh. Chaidh sinn air cuairt coiseachd bheag dhan Mhausoleum, dhan taigh agus suas an rathad mus deach sinn air ais dhan teanta.

Disathairne bha i brèagha a-rithist. Rinn sinn brochan agus an uair sin isbeanan airson bracaist, agus an uair sin chùm sinn oirnn timcheall air costa an iar Rùm. An uair sin dh'fhàg sinn Rùm agus chaidh sinn a-null gu Eilean Chanaigh. Chaidh sinn cha mhòr ceithir timcheall air, a' dol a-steach ann an uamhan, a' cluich timchelal air sgeirean agus a' coimhead air eòin is beathaichean eile. Chunnaic sinn tòrr fhachach, tuilleadh iolairean, muc-mhara bheag, agus bha na ròin gar leantainn agus a' cluich air ar cùlaibh fad ùine fhada. Ràinig sinn am baile air taobh an ear an eilein mu 4 uairean feasgar, ghabh sinn cupa tì agus a' ghrian fad greis. Lorg sinn àite uabhasach brèagha airson campachadh, agus rinn sinn toll air an tràigh faisg air a' mhuir gus am bainne againn a' chumail fionnar. Ghhabh sinn dìnnear aig Café Canna, agus dh'ith Kevin giomach.

Bha an ro-shealladh dona airson Didomhnaich agus fiù 's na bu mhiosa airson Diluain. Bha a' ghaoth gu bhith ag èirigh gu neart gèile. Mar sin rinn sinn co-dhùnadh a bhith a' feuchainn air an Eilean Sgitheanach Didòmhnaich, an àite cumail ris a' phlana againn, a bhith a' tilleadh Diluain. Dh'èirich sinn tràth, agus rinn sinn air Eilean Rùm. Ghabh sinn grèim bidhe agus an uair sin rinn sin air Rubha Shlèite, a tha mu 12km air falbh bho eilean Rùm. Bha a' ghaoth nar n-aghaidh fad an latha. Turas no dhà bha Kevin gam tharraing rud beag fad greiseig, gus nach bithinn marbh mus ruigeamaid (???) an t-Eilean Sgitheanach. Thug e mu 2 uair gu leth dol thairis air a' mhuir, agus mu dheireadh thall ghabh sinn "lòn" aig Rubha Shlèite mu 5 uairean feasgar. An uair sin rinn sinn air Armadal, agus gu fortanach bha sinn a-nis air tionndadh agus bha a' ghaoth bhon taobh. Bha 10km a bharrachd againn, ach mu dheireadh thall ràinig sinn an taigh, rinn sinn dìnnear, chuir sinn pàirt den stuth air falbh, ghabh sinn glainne fìon, agus chadail mi sa bhad nuair a laigh mi sìos. Bha sinn air 42km a dhèanamh an latha sin, 30 an latha ron sin agus 20 Dihaoine. Ach 's e turas mìorbhaileach a bh' ann!

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1029
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Isbeal » Mi Aug 19, 2015 3:32 pm

Cuairt agus aithris inntinneach gu leòr - taing airson sin!

(Agus tha mi ag aontachadh a thaobh 'mus ruigeamaid'! :lol: )

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mo Sep 14, 2015 3:31 pm

Chaidh mi air cuairt coiseachd fad dà latha faisg air Gleann Fhionghain.
Diardaoin ghabh mi a' chiad aiseag agus an uair sin an trèana a Thaobh Loch Eil, faisg air Gleann Fhionghain. Bha agam ri coiseachd fad uair a thìde ri taobh an rathaid, oir cha robh ceum eile ann. An uair sin choisich mi gu tuath tro ghleann brèagha leis an ainm Gleann na Fionnlighe. Bha i teth agus grianach. Ach bha ro-shealladh ann airson gaoith làidir. Choisich mi tron ghleann agus an uair sin suas beinn leis an ainm Gaor Bheinn. Bha e cruaidh, oir bha poca mòr agam le stuth campachaidh, ged nach robh dad agam air nach robh mi feumach. Mu dheireadh thall ràinig mi am mullach agus bha e àlainn. Bha na seallaidhean air leth agus an t-sìde fhathast brèagha. Bha a' ghaoth tlachdmhor oir chùm e mo chorp aig teas fallain. Bha a' ghrian cho làidir! Bha dàrna mullach air a' bheinn sin, agus b' e sin am fear as àirde, mar sin dh'fhàg mi mo bhaga aig a' bhealach agus chaidh mi an gu luath. Bha e fiù 's nas àille an sin, oir cha robh gaoth ann, agus bhiodh rùm ann airson campachadh. Ach bha e fhathast tràth feasgar, agus cha bhiodh e air a bhith ciallach a bhith a' stad an sin.
Chùm mi orm dhan iar, sìos a' bheinn, leathad feurach, cas, agus thug e ùine mhòr. Ràinig mi bealach leis an ainm Gualan nan Osna, agus às dèidh dhomh dol thairis air, bha mi a' tuigsinn cò às a thàinig an t-ainm. Bha tòrr chnoc beaga air agus bhathar an-còmhnaidh den bheachd gu bheilear air an t-àite as àirde a ruigsinn, nuair a nochd meall eile agus fear eile ... An uair sin rinn mi air an ath bheinn, Bràigh nan Uamhachan. Cha robh sin cho àird, agus ged as e obair chruaidh a bh' ann, rinn mi an gnothach air mu dheireadh thall. Ràinig mi am mullach mu 7 uairean feasgar. Dh'fhàg mi mo bhaga ann an àite freagarrach airson campachadh, agus ruith mi dhan mhullach, agus air ais. Rinn mi suas mo leabaidh agus rinn mi dìnnear: supernoodles. Uill chan eil iad uabhasach math, ach tha iad aotrom a ghiùlan agus tha lùths gu leòr annta. Rinn mi cuideachd cupa teòclaid teth. An uair sin dh'fhàs i caran fuar, agus chaidh mi dhan phoca cadail agam. Bha poca glè bhlàth agam agus poca dìonach eile timcheall air sin. 'S e poca sònraichte a th' ann a tha beagan mar teanta. cumaidh e uisge is gaoth a-mach ach nuair a dhùinear e, gabhaidh fhathast anail a ghabhail.
Bha ro-shealladh na sìde a' gealltainn dà latha grianach agus oidhche thioram. A bharrachd air sin bha deagh sheans gu bhith ann gum bi ceò ìseal sa ghleann le mullaich nam beann a' stobadh a-mach. B' e sin a thug orm dol suas an sin. A bharrachd air sin tha na fir-chlis air a bhith pailt sna h-oidhcheannan seo dh'fhalbh, agus bha mi air bhioran am faicinn bho mhullach beinne. Ge-tà, bha briseadh dùil agam, cha robh dol-fodha na grèine brèagha ann, cha robh fir-chlis ann, bha èirigh na grèine truagh, agus cha robh ceò sa ghleann . Bha e doirbh dhomh cadal aig an toiseach oir bha mi a' cluinntinn cus fuaimean a thug orm clisgeadh. Ach mu dheireadh thall chadail mi. Gach turas a dhùisg mi choimhead mi an robh fir-chlis no èirigh na grèine brèagha ann. Ach cha robh. Ach bha rionnagan gu leòr ann.
An ath mhadainn dh'èirich mi mu 7 uairean, rinn mi cupa tì agus dh'ith mi briosgaidean bracaist. Mu 8 uairean rinn mi sìos a' bheinn. Bha i feurach agus cas, agus thug e ùine fhada. Nuair a ràinig mi an gleann, lìon mi am botail agam le uisge agus ghabh mi barrachd bidhe. An uair sin rinn mi oidhirp air an ath bheinn. Bha i àrd, agus doirbh. 'S e leathad feurach a bh' ann agus thug e ùine fhada dhomh dol suas. Cha robh mòran lùths agam, agus tha mi a' smaoineachadh gun do dh'ith mi tòrr adhair, leis gun robh m' anail nam uchd. Agus mar sin bha mi a' faireachdainn beagan bochd. Dh'adhbharaich sin nach b' urrainn dhomh tuilleadh ithe ged a bha mi feumach air. Bha mi cianail fhèin slaodach, a' stad às dèidh gach 10 ceum a rinn mi. Cha robh e idir tlachdmhor. Mu dheireadh thall, mu 10 uairean ràinig mi am mullach. Bha i brèagha an sin, ach chunnaic mi an druim a bha mi gu bhith a' leantainn air ais a Ghleann Fhionghain agus chaill mi an spionnadh. Bha e uabhasach fada agus a bharrachd air sin bha an ath bheinn uabhasach àird agus bha fear eile a' tighinn às dèidh sin, agus fear eile agus fear eile. Chaidh mi sìos dhan bhealach agus bha a' ghaoth làidir an sin. Bha mi draghail mu bhith air druim chaol leis a' ghaoith sin, agus mar sin rinn mi co-dhùnadh nach cumainn orm mar a bha mi an dùil. Bha mi draghail gun toireadh e ro fhada agus gun caillinn an trèana air ais. A bharrachd air sin bha mi draghail nach biodh lùths gu leòr agam agus gum biodh e cunnartach leis a' ghaoith. Mar sin chaidh mi leis a' bhruaich chais, fheuraich sìos dhan choire agus tron ghleann. Bha e cruaidh aig an toiseach oir cha robh ceum ann ach feur fada le tuill. Ach mu dheireadh thall ràinig mi ceum, agus an uair sin dh'fhàs cùisean na b' fheàrr. 'S e latha grianach brèagha eile a bh' ann agus bha e snog a bhith a' coiseachd tron ghleann. Thachair mi ri dithis luchd-obrach coille, agus is iad na h-aon daoine a chunnaic mi fad na cuairt agam. Ràinig mi an rathad mu uair feasgar. Bha sin fada nas tràithe na an trèana, ach fhuair mi lioft agus an uair sin bus a Mhalaig, agus ràinig mi an taigh aon aiseag na bu tràithe na bha mi an dùil. Bha sin snog.
Disathairne bha mi uabhasach goirt.


Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mo Okt 12, 2015 4:01 pm

Halò a h-uile duine.
Tha mi air ais às an Spàinn, agus bha e sgoinneil. Bha mi fhìn is mo leannan ann an ceann a tuath na Spàinne fad seachdain. Bha sinn ann am baile beag faisg air Santander, agus bha e glè shàmhach. Bha sinn eadar an costa agus na beanntan, mar sin bha a h-uile cothrom againn. A' chiad latha bha sinn ann an Santona, baile beag air a' chosta, agus chaidh sinn air cuairt coiseachd fad 4 uairean gu leth timcheall air cnoc, ri taobh na mara, agus thadhail sinn air taigh-solais. Bha againn ri dol sìos staidhre de 700 ceum airson sin, agus air ais suas. Bha e glè chas, ach dìreach àlainn!
Na làithean eile bha sinn a' tadhal air diofar bhailtean agus uaireannan a' dràibheadh dha na beanntan. Aon latha chaidh sin dha na Picos de Europa, beanntan àrda, agus ghabh sinn an trèana beinne suas. Choisich sinn sìos agus bha e blàth agus grianach, agus bha a h-uile rud dìreach àlainn. Chòrd e rinn glan! A bharrachd air sin thadhail sinn air a' bhaile Santander, ach cha robh sin cho tarraingeach.
Air na h-oidhcheannan chaidh sinn gu tric gu taighean-bidhe agus bha sin glè inntinneach. Bha sinn ann an àite far nach tèid mòran luchd-turais bho dhùthchannan eile, mar sin cha robh ach Spàinntis aig tòrr dhaoine. Ach rinn sinn an gnothach, oir bha mi air beagan ionnsachadh mus deach sinn ann. Aon oidhche ghabh sinn biadh snog ann an taigh-bidh, agus bha e glè bhlasta. Ach chuir e iongnadh oirnn nach robh glasraich ann. Ghabh sinn iasg agus cha robh dad leis ach sabhs is aran. Neònach. Aon oidhche dh'fheuch sinn Menú del Dia. Uill ... inntinneach... 3 cùrsaichean le uisge, fìon agus aran uile airson 10 eòro. Bha a' chiad cùrsa glè mhath, agus bha am prìomh cùrsa ceart gu leòr. Rud beag cus ola anns na sliseagan, agus bha am milsean glè mhath. Cha ghabh gearran airson an airgid sin. An oidhche mu dheireadh bha sinn a' lorg dìnneir snog, ach leis nach robh mòran luchd-turais ann tuilleadh, cha robh mòran àiteachan fosgailte. Leis an fhìrinn innse, bha a mhòrchuid dùinte. Mar sin cha robh cothrom againn ach tapas a ghabhail. Ghabh sinn 3 diofar sheòrsaichean eadar an dithis againn, agus bha sinn loma làn. Blasta! A bharrachd air sin rinn sinn còcaireachd aig an taigh, agus ghabh sinn tapas beaga bho àm gu àm aig àm lòin (mu 3 uairean feasgar).
Cha robh an t-sìde uabhasach teth, ach bha e dìreach ceart dhuinne. Bha e teth nuair a bha sinn a' coiseachd agus fhathast cofhurtail nuair nach robh. Cha robh e buileach blàth gu leòr airson snàmh sa mhuir, ach bha sinn a' coiseachd air an tràigh turas no dhà.
Chòrd e rinn glan, agus bidh sinn a' tilleadh.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Teàrlach
Beiträge: 52
Registriert: So Apr 28, 2013 9:05 pm
Wohnort: Francoinia

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Teàrlach » Sa Okt 17, 2015 4:43 pm

Halò,

san t-Sultain, bha mi air saor-làithean ann an Alba còmhla ri caraid agam. Rinn sinn turas gu tuathal fad cola-deug.

Dhraibh sinn sa chàr aig mo charaid air a' mhòr-rathad do IJmuiden. Ghabh sinn aiseag-oidhche bho sin chun a' Chaisteil Nuaidh feasgar Di-Sathairne. Bha an seòladh caran buaireasach, agus thàinig tinneas na mara air feadhainn de na taistealaich. Ràinig sinn Alba san Sruthan Fuar; 's e baile gu math ràsanach a th' ann ach tha an drochaid thairis air Abhainn Tuaidh drùidhteach. Chaidh sinn air adhart do Thaigh-tasgaidh Nàiseanta Itealaidh faisg air Baile Adainn. Di-Luain, thadhail sinn air Lìte far an do sheall sinn an iacht rìoghail Britannia agus ghabh sinn cuairt ri taobh an uisge Lìte. Cha robh iomadh duine air tràigh Phortobello ach bha coltas oirre mar thràigh Eadailtich air saillibh 's gun robh a' ghrian a' dearrsadh. Di-Màirt, faisg air an Eaglais Bhric, chaidh ar drùdhadh leis na Eich-uisge – dà cheann-eich fuamhaireil bho stàilinn; 's e cuimhneachan a th' ann air na h-eich a bha a' tarraing bàtaichean air na canalan. An dèidh sin, thadhail sinn air sealladh eile faisg air: Cuibhle na h-Eaglaise Brice. Tha an teicneòlas aice inntinneach ach bha cus, cus, cus luchd-turais ann. Lorg sinn L&L ann am Beannchar. Di-Ciadain, cheannaich mi dà leabhar ath-làimhe Gàidhlig ann am Bealadair. Meadhan-latha, thadhail sinn air taigh-staile Ghleann Lìobhait. Cha do lorg sinn seòmar bàn an sin neo ann an Hunndaidh air sgath 's gun robh co-labhairt Offshore Europe ann an Obar Dheathain. Mar sin, dh'atharraich sinn am plana againn agus chaidh sinn don Mhanachainn. Di-Ardaoin, ghabh sinn cuairt a dh'Inbhir Nis is do Ghleann Afraig. Feasgar, bha pìobaireachd is dannsa Gàidhealach ann an Ceàrnag na Manachainn. Saoil carson a bha còmhlan-pìoba à Inbhir Pheofharain a' cluiche seach fear às a' Mhanachainn. Di-Haoine, cheannaich sinn ticeadan-aiseag airson nan Eileanan Siar ann an Ulapul. Cha robh e furasta idir àitichean-fuirich a ghlèidheadh anns nan eileanan – ghlèidh sinn bho ionad-fiosrachaidh Ulapuil seòmar ann an taigh-òsta an Dalabrog agus L&L ann am Barraigh, air a' cheann thall. An dèidh sin, chruinnich sinn molagan ann an tràigh Àirde Meire airson gàrradh mo charaid. Madainn Di-Sàthairne, thoisich an t-uisge agus cha tigeadh e gu crìoch fad dà latha. An dèidh dhuinn a siubhail air aiseag ùr Gearmailteach bho Ulapul gu Steòrnabhagh, chaidh sinn a Ròghadal anns na Hearadh gus tadhal air Tùr Chliamhainn. Ghabh sinn aiseag beag bhon Òb gu Beàrnaraigh agus dhraibh sinn a Dhalabrog. Fhuair sinn a-mach an sin gum b' e taigh-bhuncaichean a bh' ann an “taigh-òsta” a ghlèidh sinn an dha-rìreabh. Ach bha dà sheòmar is cidsin againn, agus bha sin fada nas fheàrr na a bhith gun àite-fuirich idir. Di-Dòmhnaich, bha sinn ag iarraidh tadhal air feadhainn nan seallaidhean ann an Uibhist a Tuath, Beinn a Faoghla is Uibhist a Deas. Ach air sàilleibh na dìle bàite, cha do dh'fhàg sinn an càr aig Barpa Langais is Pobull Fhinn is Dùn Scolpaig is Teampull na Trionaid. Gu fortanach, bha taigh-tasgaidh Chille Donnain fosgailte leis a chafaidh is a bhùth. Ghabh sinn brot an latha is pios cèic currain le cupa cofaidh an seo. Chòrd an taigh-tasgaidh rium gu mòr. Sgrìobh Aonghas Pàdraig Caimbeul feadhainn nan teacsaichean a tha a' mìneachadh an taisbeanadh – bha sin glè fhoghlamach. Agus aig a' cheann thall, thàinig an t-uisge gu crìoch agus thoisich a' ghrian air deàrrsadh a-rithist. Chaidh sinn do thràigh Staoinebrig is choimhead sinn air dol fodha na grèine. Bha sinn dìreach sgoinneil! Di-Luain ghabh sinn an aiseag bho Èirisgeigh gu Barraidh. Bha a' bhracaist aig Port-adhair Bharraidh blasta, agus chunnaic sinn am plèana bho Ghlaschu a laighe air an Tràigh Mhòir. Bho Bhàgh a' Chaisteil shiubhail sinn air bàta beag do Chaisteal Chiosmuil, thug sùil air seòmraichean a' chaisteil, shiubhail air a' bhàta timcheall an eilein air a bheil an caisteal stèidhichte agus air ais a Bhàgh a' Chaisteil – a h-uile rud ann an leth-uair a thìde! Di-Màirt, ghabh sinn an aiseag bho Bhàgh a' Chaisteil chun an Òbain, dhraibh a Chlaonaig agus ghabh sinn aiseag eile a Loch Raonasa anns an Eilean Arrain. Fhuair sinn seòmar ann an Tràigh a' Chaisteil le sealladh fìor bhrèagha air craobhan-pailm agus air a' chaisteal. Di-Ciadain, thadhail sinn air a' chaisteal is a phàirc. Bha an caisteal air a leasachadh an dèidh bainnse Uilleam an 11mh Diùc Hamaltan is Marie Bana-phrionnsa Bhaden ann an 1844. An dèidh dhuinn cùirt bheag a ghabhal sa ghearradh bhallach, chaidh sinn a Mhacharaidh gus sùil a thoirt air na tursachan. Feasgar, siubhail sinn air aiseag a dh'Àird Rosain agus chaidh a Bhaile Eilidh. Di-Ardaoin chaidh sinn a Ghlaschu far an do tadhail sinn air Taigh-tasgaidh Khelvingrove. Tha a h-uile seòrsa de chùisean ann an-sin, agus chuirinn seachad làithean san taigh-tasgaidh seo! Cha robh cafaidh Ghàidhlig “C&C” fosgailte tuilleadh – rud bochd bochd! Di-Haoine bha againn ri a bhith air a' mhòr-rathad a-rithist. Dhraibh sinn gu Cathair Luthail agus ri taobh Balla Hadrian chun a' Chaisteil Nuaidh. Fad an oidhche, bha an aiseag gar giùlan gu IJmuiden, agus ràinig sinn an dachaigh feasgar Di-Sathairne.

Teàrlach
Nìtear càrn mór de chlachaibh bheaga.

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mo Nov 16, 2015 2:27 pm

Bha mi glè thrang aig deireadh na seachdaine. Bha sinn aig taigh mo leannain agus rinn sinn tòrr obrach. An toiseach bha sinn a' leigeil craoibh le taic bho cho-obraiche aige. Thug sinn cha mhòr fad an latha agus bha tòrr gheugan beaga aice nach eil gu feum sam bith, agus bha againn ris an toirt air falbh dhan chompost aig ionad-ath-chuairteachaidh. A bharrachd air sin leig sinn seann fheansa agus cheannaich sinn stuth airson fear ùr a thogail. Bha mi a' peantadh taobh a-staigh agus a' sgioblachadh an lobht. Chuir sinn suas sgeilpichean agus rinn sinn planaichean airson seòmar-ionlaid ùr. Bha sinn ag obair gu cruaidh fad dà latha. An uair sin chaidh sinn air ais agus bha sinn a' dràibheadh fad 4 uairean gu leth. Bha sinn gu math sgìth nuair a ràinig sinn an taigh.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mo Jan 18, 2016 6:48 pm

Obh obh, feumaidh gu bheil mi a' fàs nam fhìor Ghàidheal.... Tha mi air bhioran air sgàth 's gun do ghabh mi sgrìobh dhan bhaile mhòr agus gu Ikea. Bha fadachd orm bhon Nollaig gus dol gu Ikea, oir fhuair mi prèasant sònraichte bho mo phiuthair. 'S e ailtire agus dealbhadair a th' innte agus bha mi a' strì le rùm is òrdugh san dàrna seòmar-chadail agam. 'S e seòmar nan aoighean a th' ann, ach cuideachd an seòmar anns an tilg sinn a h-uile stuth againn airson caidheagadh, coiseachd, streap ... mar sin uaireannan chan fhaigh thu fiù 's a-steach ann. Ach rinn mo phiuthar plana ùr den t-seòmar agus bu chòir don a h-uile rud, agus an aoigh dol a-steach gu sgiobalta a-nis. Mar sin bha agam ri dol gu Ikea airson sgealp mòr a cheannach.
B' e sin an tadhal as luaithe a rinn mi riamh aig Ikea. Chaidh sinn gu dìreach dhan sgealp a bha mi ag iarraidh, agus thog sinn bogsaichean is rudan beaga eile a thèid leis, thog sinn na pìosan ceart airson an sgeilp agus theich sinn a-mach às an doras. Ach feumaidh mi ràdh gum b' fheàrr leam beagan ùine a chur seachad aig Ikea. Is toil leam coimhead air na seòmraichean agus na beachdan aca, agus is toil leam coimhead air na rudan shìos an staidhre, an stuth còcaireachd, stuth beag agus stuth stòraidh. Is toil leam dol dhan chafaidh an sin agus an uair sin dol timcheall air a h-uile rud a-rithist. A bheil mi craicte?
A-nis tha mi air ais aig an taigh, agus thug mi cuireadh do bhanacharaid airson dìnneir a-màireach agus bidh sinn a' togail nan sgealpaichean còmhla. Cha bhi dad doirbh mu na sgealpaichean fhein, ach bidh e doirbh an cur san àite far am feum iad dol. Is dòcha gum feum sinn pìos a ghearradh dheth an siud 's an seo. Abair spòrs!

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1029
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Isbeal » Mo Jan 18, 2016 11:55 pm

Càite bheil an stòr Ikea as fhaisge ort, a Shlèite? Cha robh mi a' smaoineachadh gu robh fear ann an Inbhir Nis (fhathast co-dhiù - bhiodh sin math!). An robh sibh ann an Glaschu no Dùn Èideann?
Tha beachdan inntinneach aca a thaobh dhòighean-stòraidh agus ciamar a bhios tu a' cleachdadh na th' agad de rùm gu h-èifeachdach, tha thu ceart an sin. Ach air an taobh eile, chan eil mise ro mheasail air stòr mòr sam bith - cus daoine, cus ri thaghadh. Tha iad feumail, ceart gu leòr, ach bidh mi a' faireachdainn sgìth a' mhionaid 's mi a' dol tron doras! Tha amharas agam nach eil mi ach leisg! :lol:

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Di Jan 19, 2016 12:07 am

Tha an Ikea as fhaisge ann an Glaschu, ach bh sinne ann an Dùn Èideann, oir tha teaghlach mo chèile a' fuireach ann am Fìobha. Mar as trice cha toil leam cus daoine. Ach ann an Ikea, chan fhaic mi na daoine. A bharracd air sin bha mi air a h-uile rud a rannsachadh air loidhne ro-làimh, mar sin cha robh trioblaidean agam leis an taghadh. Agus bha mo phiuthar air an taghadh as motha a dhèanamh dhomh. Tha mi a' faireachdainn coltach riutsa nuair a bhios mi a' feuchainn ri aodach a cheannachd. Bidh mi seachd searbh sgìth a' mhionaid a thèid mi a-steach dhan chiad bhùth.
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Di Apr 19, 2016 3:37 pm

'S fhada bho sgrìobh duine an seo. Nach eil naidheachd sam bith agaibh?

Dè tha dol an seo? UIll, tha mi air a bhith a-muigh tòrr, anns na beanntan agus air a' mhuir. Aon latha chaidh mi suas Bla Bheinn còmhla ri banacharaid agus bha na sgòthan ìseal sa ghleann agus sinne àrd os cionn nan sgothan air mullach na beinne. Bha sin air leth! Seachdain às dèidh sinn bha an dithis againn ann am Bràigh Mhàrr agus chaidh sinn air turas beinne fada. Gu mì-fhortanach bha i ro thinn às dèidh sin agus chaidh sinn dhachaigh. Chaidh mi air corra cuairt kayak cuideachd, agus gu tric bha i gu math gaothach agus fuar. Tha mi a-nis a' dèanamh fiughair ris an t-samhradh.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1029
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Isbeal » Mi Apr 20, 2016 12:53 am

Bha latha glè mhath agam Là na Sàbaid sa chaidh. Bha cùrsa deireadh-seachdain luchd-tòiseachaidh agam ann am Bonn agus a h-uile duine a' gabhal pàirt gu dìcheallach. :-)
Nach brosnachail a bha sin!

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mo Mai 23, 2016 5:15 pm

Tha mi dìreach air ais bho na saor-làithean agam sa Ghrèig. Bha iad uabhasach fhèin math, ged nach deach iad idir mar a bha dùil againn.
Ghabh sinn plèana a Chorfu agus bha sinn airson bàta a ghabhail gu eilean eile agus coinneachadh ri caraid agus na kayaks aige gus dol timcheall air an eilean sin agus eilean eile. Ach mar a tha na Grèugaich cho mì-thoilichte leis an riaghaltas aca, bha iad air stailc agus cha deach bàta sam bith fad làithean. Mar sin ghabh sinn tacsaidh uisge agus tacsaidh eile agus bus agus chaidh sinn gu àite eile, eilean leis an ainm Lefkada. Choinnich sinn an sin le ar caraid, caraid eile agus na kayaks. 'S e baile beag snog a bh' ann le tràigh gheal agus aon taverna ri taobh an tè eile.
Dh'fhàg sinn bho sin agus chaidh sinn timcheall air an eilean thairis air 4 làithean. Bha an t-uisge blàth agus cho gorm 's a ghabhadh. 'S e tlachd a bh' ann a bhith a' ruighleadh ann agus a' rannsachadh nan costaichean. Bha tòrr uamhan ann agus bha e tarraingeach dol a-steach annta. Bha creagan àrda agus tràighean ann agus stad sinn bho àm gu àm airson lòn no fois fhaighinn. Airson lòn bha baga fionnair aig ar caraid le aodach-bùird gorm is geal, tomàtaichean, culairean, cruinn-ola, aran agus càise. Uaireannan staid sinn ann am bailtean airson reòiteag ithe no dol dha na bùithtean airson tuilleadh thomàtaichean, chulairean amsaa.
Air na feasgairean lorg sinn tràigh bhrèagha airson campachaidh agus rinn sinn risotto no pasta le glasraich air an stòbha bheag againn, agus rinn sinn teine air an tràigh. Bha i glè bhlàth rè an latha ach cha robh air an oidhche. Aon turas dh'fhuirich sinn ann am flat, oir bha sinn uile feumach air fras agus leabaidh mhath. Chaidh sinn dhan taverna airson dìnneir agus bha feòil againn air a ròstadh air an teine agus sailead mòr. Aig an deireadh dh'fhàg na balaich sinn agus chùm sinn oirnn leinn fhèin fad 3 latha eile. Aon turas bha sinn a' campachadh air eilean beag bìodach ri taobh eilein fiù 's nas lugha le eaglais air. Agus an turas eile bha sinn air eilean beag eile. Bha i grianach fad na h-ùine, ach chleachd sinn tòrr uachdair-ghrèine gus nach loisgeamaid. Bha i beagan nas gaothaiche air an dà latha mu dheireadh, agus bha tuinn mhòra ann. Bha sin spòrsail, agus gu tur diofraichte. Agus aig an deireadh bha mi gu math sgìth. Gu fortanach bha flat eile againn aig an deireadh agus bha taigh-bìdh uabhasach math dìreach ri a thaobh, agus dh'ith sinn muasgain-chaola agus iasg air ròstadh air an teine. Bha e air leth!
Thàinig ar caraid gar togail agus ghabh sinn bus a dh'Athen. Bha e inntinneach am baile agus na seann togalaichean fhaicinn, ach cha do chòrd am baile rium ro mhòr, oir bha cus daoine ann a bha a' cur dragh air an luchd-turais, a' sìor iarraidh sgudal a reic dhuinn no ar tarraing a-steach dhan taigh-bhidh aca.
Chòrd e rium gu mòr a bhith sa Ghrèig, gu sònraichte air sgàth 's gun robh dithis Ghreugach còmhla rinn. Bha am biadh cho blasta agus an t-uisge cho brèagha. Tha mi cinnteach gun till sinn!
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Fr Aug 26, 2016 12:49 pm

Abair làithean inntinneach! An-diugh gheibh sinn na h-iuchraichean airson an taighe ùir againn! Cha ghluais sinn fada air falbh, gu fortanach, dìreach 2 mhìle suas an rathad. 'S e taigh snog a th' ann ach tha beagan obrach a dhìth air, mar sin cha gluais sinn a-steach fhathast. Bidh sinn a' dèanamh obrach air an làr agus air an t-siostam teasachaidh, agus tha sinn an dòchas gun gluais sinn a-steach aig toiseach na Dàmhair. Bidh gàrradh mòr agus sealladh brèagha againn :)

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1029
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Isbeal » Sa Aug 27, 2016 2:23 am

Nach sgoinneil sin! Tha mi a' guidhe mòran bhliadhnaichen toilichte dhuibh san dachaigh ùr! :moladh:

Sleite
Beiträge: 1738
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Di Nov 08, 2016 1:02 pm

'S fhada bhon uair sin! Tha tòrr air a bhith a' tachairt, Bho fhuair sinn an taigh ùr tha sinn air a bhith ag obair gu trang, a' toirt a-mach an làir, a' cur teasadair ann, a' cur an làir air ais, a' càradh bhallachan, a' peantadh, a' cur làr snog sìos, a' gluasad, a' taghadh cidsin, ... trang trang trang. Tha fhathast an t-uabhas ri dhèanamh, ach tha e a-nis a' coimhead mar thaigh co-dhiù.
Bha sinn cuideachd air saor-làithean. An toiseach bha sinn sa Ghrèig fad seachdain airson kayakadh. Chòrd sin rinn glan. BHa buidheann còmhla rinn agus bha ochdnar againn uile gu lèir. BHa an t-sìde math, am biadh blasta agus am muir àlainn agus blàth. Bha sinn uaireannan a' campachadh air an tràigh agus uaireannan a' fuireach ann am flataichean.
Às dèidh sin chaidh mi a dh'fhaicinn mo sheanmhair ann am Mecklenburg-Vorpommern. Tha i ceithir-fichead 's a h-aon deug agus ged a tha an-còmhnaidh rudeigin ceàrr, tha i fhathast uabhasach beothail, spreigeach agus geur. Rinn sinn tòrr rudan còmhla, agus chòrd e rinn bruidhinn mun t-saoghal.
A-nis tha mi air ais aig an taigh agus tha mi toilichte. Tha i fuar agus tioram agus gach madainn chì mi èirigh na grèine air an Linne Shlèiteach.

Dè tha sibhse ris? Tha e gu math sàbhach an seo.
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast