Dè ur naidheachd?

Sleite
Beiträge: 1739
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mi Apr 10, 2013 10:42 am

A-raoir thàinig Steffi, Regine agus Stuart dhan taigh agam airson dìnneireach. Rinn mi biadh marocanach le glasraich geamhradail agus mairt-fheòil Ghàidhealach. Bha e glè bhlasta, agus chuidich na caileagan mi na glasraich a ghearradh. Rinn sinn couscous leis agus bha Regine uabhasach measail air a bhith ga chur mun cuairt agus ga phronnadh le spàin fiodha. Mar mhilsean rinn sinn bonnaich Ghearmailteach le sabhs faoineig agus siùcar donn. Bha sinn uile loma-làn às dèidh sin.
Bha còmhradh snog againn sa Ghàidhlig agus bha sinn a' bruidhinn Gàidhlig a-mhàin fad ùine fhada. Aig deireadh na h-oidhche bha sinn a' bruidhinn trì cànanan. Bha sinn a' deasbad mun Ghàidhlig, mu ionnsachadh na Gàidhlig agus thuirt sinn uile gum biodh sinn a' sgrìobhadh barrachd an seo san àm ri teachd.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Steffi1
Beiträge: 508
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Steffi1 » Mi Apr 17, 2013 8:55 am

Abair feasgar snog a bh' againn ! Bha Sleite cho aoigheil. Cha do chuir e iongnadh orm gun robh an taige aice cho cofhurtail agus snog. Nuair a rinn sinn dìnnear mhothaich mi gum feum mi an geama „cat a´mhinisteir“ a chluich nas trice. Ciamar a chanas mi measgaichear anns a´Ghàidhlig ? A-nis, tha mi eòlach air an fhacal seo. A bheil fios agaibh gur toil le cait bonnaich Ghearmailteach ithe ? Thog mi dealbh brèagha bhuapa nuair a shuidh iad air an t-sofa. Tha fhios gu bheil Regine is Stuart ag aontachadh gur e feasgar sgoinneil a bh´ann. Is dòcha gun coinnich sinn a-rithist an ath-bhliadhna. Bhiodh sin air leth math.
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.

Regine
Beiträge: 87
Registriert: Mo Jun 04, 2012 3:10 pm
Wohnort: Dreieich

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Regine » Mi Apr 17, 2013 2:56 pm

Sleite hat geschrieben:A-raoir thàinig Steffi, Regine agus Stuart dhan taigh agam airson dìnneireach. Rinn mi biadh marocanach le glasraich geamhradail agus mairt-fheòil Ghàidhealach. Bha e glè bhlasta, agus chuidich na caileagan mi na glasraich a ghearradh. Rinn sinn couscous leis agus bha Regine uabhasach measail air a bhith ga chur mun cuairt agus ga phronnadh le spàin fiodha. Mar mhilsean rinn sinn bonnaich Ghearmailteach le sabhs faoineig agus siùcar donn. Bha sinn uile loma-làn às dèidh sin.
Bha còmhradh snog againn sa Ghàidhlig agus bha sinn a' bruidhinn Gàidhlig a-mhàin fad ùine fhada. Aig deireadh na h-oidhche bha sinn a' bruidhinn trì cànanan. Bha sinn a' deasbad mun Ghàidhlig, mu ionnsachadh na Gàidhlig agus thuirt sinn uile gum biodh sinn a' sgrìobhadh barrachd an seo san àm ri teachd.

Slèite


:lol: :lol: :lol: (freagairidh mi a dh'aithghearr, tha mi uabhasach trang anns an oifis cho fad's a thill mi às an Alba, tha mi duilich! Ach tha thu ceart, bha sin sgoinneil a bhith anns an àite agad mu dheireadh thall! :-D)
Tha e math a bhith beò!

Regine
Beiträge: 87
Registriert: Mo Jun 04, 2012 3:10 pm
Wohnort: Dreieich

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Regine » Fr Apr 19, 2013 8:54 pm

Nuair an robh sinn anns an t-Sabhal an toiseach sna Ghiblean, chùir sinn seachad tìde sgoinneil aig an taigh a Shlèite. Rinn i còcearachd uabhasach blasta, agus rinn Steffi rudeigin milis agus blasta às a' Ghearmailts cuideachd. Bha mi a' feuchainn a bhith cuideachail agus mheasg is chùir mi mun cuairt a' chus cus. Abair iongtas, dh'fhàs e caran steigeach. 's math dh'fhaoidhe gu rinn mi e rudbeag nas treasa, och co-dhìu ;-). Dh'ith sinn cùs agus bha na triùir làn ri ùghean. Bha sinn a' cabadaich fad na h-oidhche - mar a thuirt Sleite: an toiseach anns a' Ghàidlig agus tri cànanan gu dheireadh na h-oidhche - agus rinn sinn gàire gu tric. Tha dà chàit aig Sleite - Trioblaid agus Tubaist! Abair ainmen èibhinn, oir nach robh iad dona idir, idir! bha iad cho snoga agus brèagha agus chòrd e riutha air a bhith gan slìobadh, bha iad cho bog agus socair. Bha sin feasgar gu sònraichte snog agus bi cinnteach, bidh sinn ann a-rithist an ath-bhliadhna! :-D
Tha e math a bhith beò!

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Isbeal » Sa Apr 20, 2013 9:18 pm

Nach robh sibh dìcheallach! Cùrsaichean is còcaireachd! :lol:
Tha mi toilichte gun deach a h-uile rud cho math agus gun do chòrd e riubh. 'S e cothrom-ionnsachaidh is cleachdaidh uabhasach feumail a bh 'ann, nach fhaigh gach neach-ionnsachaidh.
Mòran taing dhuibh airson na h-aithrisean seo! :D

Regine
Beiträge: 87
Registriert: Mo Jun 04, 2012 3:10 pm
Wohnort: Dreieich

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Regine » Mo Apr 29, 2013 2:46 pm

Bha mi uabhasach trang bho ràinig mi dhan oifis às an dèidh na saor-làithean. O nach bha sin tìde gu ma sònraichte spòrseil! tha mi ga ionndrainn :-(. Gu fortanach, gum bithinn cùrs ùr a dhol a-rithist an ath-mhios, thèid mi ann le Steffi :-). Bha mise agus Stiùbhart caran trang anns an fhorum scotland.com agus bha sinn air thillgail a-màch e. Tha feadhainn dhaoine ann, ma bhios gràin aca air a' chànan, agus bha iad a' sguabadh ar threads às an fhoram seo, 's e rud brònach a th'ann, tha mi a' smaointinn. Bha Stiùbhart air sabaid ann an seo ri chànan na aonar fad na iomadh bliadhna, agus fhreagair e thugam air a bhith ga chuideachail. Tha mi airson deasbadean a dhèanamh ge-tà agus rinn mi e, sin e. Ach, co-dhiù, bha sin spòrseil. :-)
Tha e math a bhith beò!

Steffi1
Beiträge: 508
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Steffi1 » Di Apr 30, 2013 3:04 am

Nach mi tha toilichte. Thèid mo theaghlach air saor-làithean a dh'Alba anns an Iuchar ged a bha sinn airson rudeigin eile a dheànamh an toiseach. Ach chòrd e glan ris an duine agam gun robh mise ann an Alba anns a´Ghiblean agus dh'innis mi tòrr dha mun turas agamsa. Uill, dè na planaichean a th' againn ? Tòisichidh sinn ann an Dùn Èideann, ach dràibhidh sinn a dh'Inbhir Nis an ath latha. Tha mi an dòchas nach fàs e loma-làn ann an Inbhir Nis ach chì sinn. Cùmaidh sinn oirnn dhan Eilean Sgitheanach an uair sin. Tha fhios nach cuir e iongnadh oirbh air sgàth´s gun robh i chò brèagha an sin. Gu mì-fhortanach cha d'fhuair mi seòmar ach airson aon oidhche gu ruige seo mar sin nì mi rannsachadh anns na h-ath-làithean an dòchas gum faigh sinn fear gu luath. Is dòcha gun toireadh sibh taic dhomh. Chan eil sinn cho àigheasach ach bhiodh e snog fear fhaighinn far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn. Nuair a chùmas sinn oirnn thèid sinn dhan Ghearasdan. Glèidh mi seòmar mòr snog an sin agus tha dùil agam gum bi ùine gu leòr againn anns a´bhaile. Bheir sinn an trèana bhon Ghearasdan a Mhalaig agus air ais. Aig deireadh ar turais thèid sinn a Dhùn Èideann a-rithist far am bi sinn a´coinneachadh ris mo charaid chòir. ´S math dh'fhaoidthe gun tog sinn tòrr dhealbhan ach tha fhios gur e fhiach e e. Tha fadachd orm a-nis agus tha aon rud ann a tha fios agam mar-thà: Nuair a dh'fhaighnicheas Micheal dhinn an ath thuras an robh sinne ann an Alba am-bliadhna, freagairidh mise: „Bha“. :P
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Isbeal » Sa Mai 11, 2013 11:24 pm

Tha mi 'n dòchas gur e latha làn tlachd a bh' agad, a Mhìcheil - là breith sona dhut! :D

Steffi1
Beiträge: 508
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Steffi1 » Fr Mai 31, 2013 10:17 am

Thòisich Occupy faisg air a´bhanca. Chuala mi fuaim faisg orm. Chaidh na daoine tro na sràidean agus chunnaic mi iomadh poileas fon uinneig agam. Gu fhortanach faodaidh mi dol dhachaigh a dh'aithgearr ach feumaidh mi aideachaidh nach eil mi a´faireachdainn cho cofhurtal an-dràsta. Bha na trèanaichean falamh sa mhadainn ach chan eil mi cinnteach nach atharraich sin feasgar. B'fheàrr leam a bhith aig an taigh fad an latha ach gu mì-fhortanach feumaidh mi dol dhan phort-adhair feasgar air sgàth´s gun tig mo charaid à dh'Alba. Tha mi an dòchas gum bi a h-uile rud fo smachd an sin.
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.

Sleite
Beiträge: 1739
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mi Jun 26, 2013 5:49 pm

Chan eil mòran a' dol agam an-dràsta. Cha bhi mi ag obair Dihaoine fad an t-samhraidh. Mar sin bu toil leam cuairtean coiseachd fada a dhèanamh. Ach dè thachras a-nis? Tha an t-uisge ann. Tha mi 'n dòchas nach bi sin a' tachairt ro thric. Bu toil leam dol gu tuath agus coiseachd gu bothan aon fheasgar, 2 latha chur seachad air na beanntan agus an uair sin tilleadh. Rinn mi sin sa Mhàrt, ach bha cus sneachda ann gus dol dha na mullaichean uile.
Bu toil leam cuideachd coiseachd no dol air a' bhaidhsagal gu àiteachan iomallach agus campachadh còmhla ri mo chèile. Gu mì-fhortanach tha a' mheanbh-chuileag dona a-nis. Chan eil e furasta!
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Regine
Beiträge: 87
Registriert: Mo Jun 04, 2012 3:10 pm
Wohnort: Dreieich

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Regine » So Jun 30, 2013 7:17 pm

Chan eil sin a’coimhead cho furasta a Shleite, tha mi a’dol leat, gu h-àraidh leis a' mheanbh-chuileig a tha air a bhith cho dona! Bha an t-sìde uabhasach sna làithean sa chaidh, ach tha mi làn chinnteach gum fàs i nas fheàrr a dh’aithghearr. Tha fios agad, cha bhi droch shìde anns an eilein ach fad greis, a cheann ‘s gu bheil a’ghaoth an-còmhnaidh a' sèideadh nan sgòthan air falbh . :D
Zuletzt geändert von Regine am Mo Jul 01, 2013 9:55 am, insgesamt 2-mal geändert.
Tha e math a bhith beò!

Sleite
Beiträge: 1739
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » So Jun 30, 2013 9:29 pm

Bha deagh dheireadh-seachdain agam :) Cha do rinn mi mòran Dihaoine. bha mi sa ghàrradh fad greis, sgioblaich mi an taigh agus ghabh mi fois. Disathairne chaidh mi dhan ionad-sreip còmhla ri banacharaid agus a mac. Bha an t-sìde ro ghrod airson coiseachd no sreip a-muigh. Chaidh sinn air an aiseag agus dhràibh sinn sìos a Cheann Loch Lìobhann. Bha sinn a' sreap fad 4 uairean a thìde agus an uair sin bha sinn sgìth. Cha do chum a gàirdean greim air càil sam bith an uair sin. Mar sin chaidh sinn air ais, stad sinn aig Lidl agus fhuair sinn siopadaireachd mhòr. Bha i cho còir agus dh'fhàg i mi aig taigh mo chèile agus chuir i am biadh agam sa frids aig an taigh agam. 'S e fìor dheagh bhanacharaid a th' innte.
Bha mi aig tagh mo chèile fad na h-oidhche, ach bha aige ri obair sa mhadainn, mar sin chaidh mi dhachaigh air a' bhus agus air an òrdag. Thachair mi ri dithis uabhasach snog, aon air an rathad dhan bhus (ghabh e am bus cuideachd) agus am fear eile air ceann rathad Armadail. Thog e lioft dhachaigh dhomh. Tha e cuideachd a' fuireach aig ceann a deas Shlèite ach cha robh mi eòlach air fhathast. Bha càr spòrs snasail aige ;-)
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Micheal » Mo Jul 01, 2013 10:01 pm

Dìreach seachdain ás dèidh don t-seilear agam a bhith fo uisge, bha uisge trom againn a-rithist. Agus mar a thachair roimhe, thàinig e gun fhiosda dhomh, sìde nan seachd sian a bh' ann. Cha do mhair e ach fad leth uair a thìde agus bha eagal gum bitheadh na tuiltean ceart cho dona agus na bha iad an t-seachdain sa chaidh. Ach gu fortanach cha robh. Tha a h-uile sìon tioram a-staigh ach a-muigh tha i caran tropaigeach, is mise toilichte, gu bheil mi a-staigh.
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Sleite
Beiträge: 1739
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Di Jul 02, 2013 3:55 pm

Tha mi an dòchas nach deach dad a mhilleadh, a Mhìcheil. CHan eil i tropaigeach an seo idir. 'S e latha geamhraidh a th' againne an seo.
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Isbeal » Di Jul 02, 2013 11:40 pm

A Shlèite, bha e mar sin an seo cuideachd aig deireadh na seachdain sa chaidh, agus ged a tha e nas blàithe a-nis, tron latha, tha e gu math fuar a dh'oidhche.
Ro sin, meadhan san t-seachdain, bha e 37°C, as dèidh sin uabhasach fuar, agus a-nis, meadhanach blàth.
Aimsir neònach! :mhoire:


Naidheachd agamsa? Rinn mi mo chìsean, mu dheireadh thall! :spors: :aingeal: :lol:


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast