Dè ur naidheachd?

Sleite
Beiträge: 1742
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » So Feb 04, 2007 5:44 pm

Thàinig mi dìreach airson innse dhut mu dheidhinn an Haribo.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » So Feb 04, 2007 5:52 pm

Bha mi aig Haribo an-dè :) Nach trang a bha a' bhùth... dìreach eagallach. Fhuair mi a h-uile rud ceart gu leòr, agus cuiridh mi sa phuist e a-màireach.
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Sleite
Beiträge: 1742
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » So Feb 04, 2007 6:03 pm

MO chreach! Tha mi nas fheàrr a-nis ach tha sgeulachd agam ri innse. Bha an t-sìde brèagha an-dè agus chaidh mi dhan Chuilthinn còmhla ri Rob. Cha robh mi a' faireachdainn uabhasach math ach math gu leòr. Chòisich sinn suas gu Sgurr Dearg air a bheil an Inaccessible Pinnacle na shuidhe. Bha e cruaidh sin a ruigsinn agus bha mi gu math "deiseil" Bha sinn ann an sgothan agus cha robh mòran ri fhaicinn. Cò dhiù, bha sinn air an stac ud agus bha sinn ag iarraidh a shreap. 'S e clach gu math caol agus cas a th'ann agus chuir sin beagan eagal orm. Ach bha Rob còmhla rium agus bha ròpaichean againn agus cha toigh leam tilleadh ma tha mi cho faisg air a' mhullach. Uill Bha i uabhasach fuar agus bha sinn a' sreap le miotagan. Uill, bha an clach fluich agus bha mòran sreapadairean air romhainn, mar sin bha i sleamhainn. Thòisich sinn co-dhiù ach bha e gu math doirbh. Cha robh mi a' faireachdain math idir agus bha agam ri dol sìos a-rithist (dìreach air an ròpa. Uill, chan innis mi a h-uile rud ach cha do ruig sinn am mullach agus bha mi gu math toilichte nuair a bha mi air an làr a-rithist agus bha agam ri laighe sìos airson 5 mionaidean. Bha pian uabhasach nam choragan o chionn 's gun robh iad ag aiteamh (??). Cha mhòr nach do chaill Rob an ròpa aige o chionn 's gun robh e stucte às dèidh dha abseil a dhèanamh ach mu dheireadh thall rinn sinn air an t-slighe dhachaidh. Chaidh sinn air chall anns a' cheò agus cha deach sinn sìos idir far an robh sinn ag iarraidh ach gu fòrtannach làigh (landen) ann an Coire Lagan agus tha sinn eòlach air sin. Bha i dorch a-nis ach chunnaic sinn an ceum gu math.

Bha mi air ais aig an taigh aig 10, cha do dh'ith mi dad, dh'òl mi bainne agus chaidh mi dhan leabaidh le botal teth. Abair latha "inntinneach"
Cha dèan brògan tioram iasgach.

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » So Feb 04, 2007 6:18 pm

:shock: Cha robh sin cho glic, dol do na beanntan gun a bhìth slàn fallain, eh?
An tig thu dhan t-seòmar-chomhraidh airson greiseag? :)
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Sleite
Beiträge: 1742
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Mo Feb 05, 2007 3:30 pm

Tha fios agam, ach bha an t-sìde fluich agus fuar agus stoirmeil fad 4 seachdainean agus 's e là brèagha a bh' ann Disathairne. Uill agus ged a bha e cruaidh agus an-ghlic (??) tha mi a' faireachdain mòran nas fheàrr a-nis. Bha e math a bhith taobh a-muigh co-dhiù.

Slèite. (a' ruith air ais dhan obair)
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1742
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » So Mär 11, 2007 9:50 pm

Ma tha thu a' fuireach anns an eilean bidh do bheatha gu math sàmhach is snog ach tha mòran rudan ann nach fhaigh thu ann. No nach eil thu ann cho math. Mar sin bha Jenny (an tè a tha mi a' fuireach còmhla rithe) ag iaraidh dol a dh'Inbhir Nis airson latha. Dìreach ise is mise airson latha còmhla fad ar falbh. Bha sinn ri dhan taigh-dhealbh agus dhan taigh-bhìdhe eadailteach agus tro na bùithean. Uill sinn na rinn sinn agus thàinig Sìleas còmhla rinn.

Chaidh sinn tro na bùithean agus cheannaich sinn mòran stùth airson an taighe agus dhuinn fhèin An uairsinn chaidh sinn dhan taigh-bìdhe agus abair pizza math a bh' againn. Bha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn pizza ìor eadailteach fad seachdainean agus gu fòrtanach fhuair sin fear dìreach mara bha sinn ga dh'iarraidh. Chòisich sinn beagan tron bhaile agus cheannaich mi stuth streap agus an uairsin chaidh sinn dhan taigh-dhealbh.... uill dh'fheuch sinn.

Cha robh an taigh-dhealbh far am bu chòir dha bhith agus thuirt tè rinn "uill feumaidh sibh coiseachd ri taobh na h-aibhne airson greis agus nuair a thig sibh gu aquadrome tha e an sin air raon chàraichean." Air raon-chàraichean? Hmmm... neònach ... cha robh dùil agam gum b' e Autokino a th' ann... agus cha b' e. 'S e an Screen Machine a bh' ann. Chaidh obair-togail a dhèanamh anns an taigh-dhealbh cheart agus mar sin bha làraidh mòr na sheasamh air raon chàraichean agus anns an làraidh ud bha an taigh-dhealbh. Bha sinn a' coimhead air "Das Parfum" agus ged a bha mi eòlach air mar thà, chòrd e rium gu mòr.

Às dèidh sin chaidh sinn dhan Teasco mhòr agus chosg sinn barrachd na uair a thìde agus fada cus airgid an sin. THa a h-uile rud nas saoire na anns an eilean agus tha taghadh nas motha ann. 'S toil leam sin ach tha mi toilichte nach fhaigh mi sin fad na h-ùine. Tha e a' toirt ro fhada rudan fhaighinn an sin agus cheannaichinn fada cus.

Ràinig sinn an taigh agam mu mheadhan oidhche agus bha sinn gu math sgìth, ach bha deagh latha againn.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Mär 13, 2007 2:51 pm

Tha mi toilichte gun robh latha math agad, a Shlèite!

Tha mise ann an Aachen an-dràsda. Bha mo bhràthair a' gluasad an deireadh-seachdaine seo. Cheannaich e taigh mìosanan air ais. Cha b' urrainn dhomh cuideachadh an latha a ghluais e, ach bha mòran cuisean ann ri dèanamh fhathast. DiDòmhnaich, bha mi trang leis na cathraichean a ghlànadh, agus gheàrr mi uinneinean airson bròta a rinn mo mhàthair. Rinn mo bhràthair partaidh an oidhche sin. Thug antaidh aig chèile mo bhràthar mòran bìdh cuideachd. 'S e biadh Aifrigeanach a bh' ann agus bha e glè bhlàdsa!

An-dè, chroch mi cùirteannan còmhla ri mo mhàthair (chaidh iad a fhuaigheal dhithse) agus chuir sinn lusan anns a' ghàrradh.

An-diugh, tha mi nam thadhal caraid.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » So Dez 16, 2007 3:54 pm

Tha mi airson butha fhosgail air an eadar-lion, far a bhios mi a' rèic càirtean-phuist. Bidh e dà-chananach, Beurla agus Gearmailtis. Nise, tha teacsa laghail agam ri eadar-theangachadh (AGB no Conditions of Use, mar a chanas iad). Tha mo cheann gu spreadh! Bild

Gu fortanach, fhuair mi làrach-lìn glè fheumail an-dràsda.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Sleite
Beiträge: 1742
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » So Dez 16, 2007 9:30 pm

beagan ceartachaidh:

Tha mi airson butha fhosgail --> bùth fhosgladh
far a bhios --> far am bi
mi a' rèic càirtean-phuist --> càirtean-puist

Gu math thèid leat
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » So Dez 16, 2007 10:15 pm

Tapadh leat!

Tha am bùth deiseil an-dràsda :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » So Dez 16, 2007 11:19 pm


Tapadh leat!

Tha am bùth deiseil an-dràsda :D


Tha a' bhùth deiseil a-nis


:) Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mo Dez 17, 2007 1:30 pm

Tapadh leat!
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Sleite
Beiträge: 1742
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Di Jan 22, 2008 2:00 pm

Bha mi anns na beanntan Didòmhnaich agus bha e sgoinneil. Fhuair mi làmhag-dèighe ùr agus chaidh mi dha Ceann t-Sàile còmhla ri caraid. Bha sinn airson druim nam beann a sreap agus bha tòrr sneachda air. Chaidh sinn suas agus an uairsin bha sinn a' coiseachd anns an t-sneachda fad uairean a thìde. Cha robh mòran air an ruim chreagach fhèin, ach sreap sinn suas sin leis na làmhan. Bha mo mheudagan bog fliuch, ach bha mo chorragan fhathast blàth. Sreap sinn suas Sgùrr an Fhorcain agus an uairsin An Diallaid. Ach bha againn ri dol sìos bruach làn sneachda agus bha spòrs gu leòr againn dol air an tòn. Bha simm bog fliuch, ach bha sinn coma. Air an rathad sìos chaidh sinn air an tòn airson greis agus thàinig sneachd na mo bhrògan. Mar sin bha mi chasan a' snàmh annta. Às dèidh sinn bha againn ri coiseachd fada fhathast agus bha an sneachda cho dòmhain gun do thuit sinn fad na h-ùine agus bha cuid de na tuill cho dòmhain gum b' fheudar dhuinn cuideachadh a chèile faighinn a-mach. Bha sinn glè spòrsail cuideachd. Thuit mo charaid ann an toll cho ìosail ris a' mheadhan agus thuirt e "ha! cha do thuit thu cho ìosail ri sin!" nuair a bha e dìreach a-muigh a-rithist thuit mise gus mo ghualan, agus chunnaic mi gun robh abhainn fon t-sneachda. Cha b' urrainn dhomh ach gaireachdainn. Nuair a ràinig sinn an càr bha sinn bog fliuch, ach gu fòrtannach bha briogais agus stocannan tioram againn sa chàr. Chaidh sinn dhan taigh-bhìdh innseannach agus bha dìnnear mhòr, thèth againn. Abair là! Bha e math a bhith taobh a-muigh a-rithist às dèidh nam mìosan fada dorch a bha againn.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Jan 25, 2008 12:45 pm

Bha thu trang a' sreap dha-rìribh! 'S math gun do thill sibh slàn sàbhailte :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mo Jan 28, 2008 11:16 am

Chaidh mi gu seann bhaile beag còmhla ri caraid agus a theaghlach. An uair sin, bha sinn nar seasamh ri taobh an aibhne agus a' coimhead ris na longan mòra ged a bha i fuar agus gaothach.
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast