Dè ur naidheachd?

Sleite
Beiträge: 1697
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Do Mär 30, 2017 12:18 pm

Nach mi tha air bhioran!!! A-màireach thèid mi air cuairt coiseachd còmhla ris na h-oileanaich agam. Ach chan e dìreach cuairt coiseachd àbhaisteach a th' ann ach 's e gun tèid sinn dhan bhothan. Is dòcha nach eil fhios aig a h-uile duine sa Ghearmailt dè th' ann am bothan: 'S e taigh falamh a th' ann ann an sgìrean iomallach agus faodaidh luchd-coiseachd an cleachdadh airson tàmh na h-oidhche. Tha iad gu math sìmplidh, agus chan eil uisge no dealan ann. Ach tha iad an-còmhnaidh faisg air alt, agus mar sin gheibhear uisge. Feumar a' choille a chleachdadh mar thaigh-beag. Mar as trice bidh àite-teine anns a' bhothan agus faodar fiodh no gual a thoirt a-steach airson cumail blàth. Uaireannan bidh ùrlair fiodha ann air an cadail daoine gus nach fheumar cadal air an làr. Tha e mar champachadh ach gu bheil ballachan cruaidhe agus mullach ann.
Thèid sinn ann a-màireach ma tha, agus tha sinn na dòchas coiseachd thairis air bealach dhan àite sin. Bheir sin mu 4-5 uairean a thìde. Ma bhios an t-sìde dona, gabhaidh sinn rathad eile a tha nas giorra. Bidh sinn seasgar sa bhothan, le teine, agus bidh sinn a' dèanamh dìnneir an sin, a' cabadaich agus a' gabhail fois. An ath latha thèid sinn air ais air rathad fiù 's nas giorra. Nach mi tha a' dèanamh fiughair ris, agus tha na h-oileanaich gu tur air bhioran cuideachd.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Naosg
Beiträge: 24
Registriert: So Mär 19, 2017 8:28 pm

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Naosg » Sa Apr 01, 2017 8:29 pm

Tha thu ceart, a Shlèite, 's e cuairt shònraichte a th' ann! Tha mi an dòchas gun robh an tìde math agus gun do chòrd e riut!

Isbeal
Beiträge: 996
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Isbeal » So Apr 02, 2017 1:35 am

An dòchas gun robh an t-sìde math dhuibh! Bha i gu math measgaichte an seo an-dè, frasan gu leòr agus a' ghrian a' deàrrsadh eadarra, ach bha i grianach agus brèagha madainn an-diugh.

Ciamar a bha a' chuairt fhèin? Agus an oidhche sa bhothan?

Sleite
Beiträge: 1697
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mo Apr 10, 2017 4:00 pm

O mo chreach! Dhìochuimhnich mi innse dhuibh! UIll, seo an sgeul ma tha:
Bha an t-sìde uabhasach Dihaoine, ach gu mì-fhortanach cha robh cothrom ann dol Disathairne. Mar sin dh'fhàg sinn, làn dòchais gum fàsadh i na b' fheàrr feasgar. Bha sinn a' coiseachd bho Dhrochaid Sheile suas am bealach, le bagaichean mòra ach ann an deagh shunnd. Bha 6nar againn ann agus bha sinn beagan slaodach leis gun robh na bagaichean mòr agus nach robh sinn uile cho cleachdte ri coiseachd mar sin. Bha i a' cur uisge gun sgur agus dh'fhàs sinn uile gu math fliuch. A bharrachd air sin bha na h-altan uile gu math mòr. Bha aon nighean a' strì rud beag le a h-anail, agus nuair a ràinig sinn alt cianail fhèin mòr, rinn mi an co-dhùnadh un rachamaid air ais. Bha sin brònach ach 's fheàrr a bhith sàbhailte. Chaidh sinn air ais mar a thàinig sinn agus chaidh sinn timcheall leis a' chàr. Bhon taobh eile cha robh e ach uair a thìde air ceum rèidh dhan bhothan.
Thachair sinn an sin ri tidsear agus aon oileanach eile a thàinig le tòrr fiodha agus stuth trom eile. Thog sinn na b' urrainn dhuinn agus rinn sinn air a' bhotha. Gu mì-fhortanach bha an t-alt air beulaibh a' bhothain air leth mòr agus cha d' fhuair sinn thairis air anns an àite àbhaisteach. Bha againn ri coiseachd ri taobh na h-aibhne gus an robh i a' fàs nas caoile. Bha am feur domhain agus cha robh e furasta. Mu dheireadh thall ràinig sinn am bothan. Cha robh an t-uisge ann tuilleadh, ach bha ar casan bog-fliuch. Chaidh cuid againn air ais turas no dhà eile gus tuilleadh fiodha fhaighinn bhon chàr. Thòisich cuid eile leis a' chòcaireachd.
Fhuair a h-uile duine deagh bhiadh bhon stòbha aca agus bha teine math againn sa bhothan. Bha an t-aodach againn uile a' crochadh gu h-àrd gu tiormachadh agus bha sinn air pàipear-naidheachd a stobadh anns na brògan. Bha tsuika (uisge-beatha Romànais) aig aon bhoireannach agus chùm sin a h-uile duine toilichte. Fhuair sinn deagh chadal anns a' bhothan, còignear an tac' an teine, mar èisg ann an crogan, dithis a' srann san t-seòmar eile agus aon tè san t-seòmar bheag.
An ath latha chaidh sinn suas cnoc beag a bha faisg air a' bhothan agus chòrd sin ris a h-uile duine glan. BHa i brèagha agus bha na seallaidhean àlainn. An uair sin ghlan sin am bothan agus choisich sinn air ais. Bha a h-uile duine air am beo-ghlacadh leis a' chuairt agus tha mi 'n dùil gun dèan sin seo a-rithist.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Teàrlach
Beiträge: 52
Registriert: So Apr 28, 2013 9:05 pm
Wohnort: Francoinia

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Teàrlach » Fr Jul 14, 2017 10:34 pm

Bha mi aig ath-choinneachadh clas againn an deireadh-seachdain sa chaidh. Dh’fhàg sinn sgoil dà fhichead bliadhna air ais, agus thachair an t-ath-choinneachadh mu dheireadh o chionn deich bliadhna. Chithinn cuid de na companaich-sgoile agam gu tric agus cuid eile bho àm gu àm, ach bha feadhainn ann nach fhaca mi fad grunn bhliadhnaichean. Mar sin, chaidh mi don bhaile seo far a bheil mi aig sgoil. An toiseach, choinnich sinn air beulaibh an taighe-sgoile againn, agus bha fìor fhothail ann nuair a ràinig na “sgoilearan” aon an dèidh aoin. 'S ann bho na Stàitean Aonaichte a thàing tè dhinn gus ar coinneachadh! Ghabh sinn cuairt mun sgoil le dà thidsear, agus thogadh dealbh dhinn ann an raon-cluiche na sgoile - mar as àbhaist.

An dèidh sin, chaidh sinn do chafaidh an iomall a’ bhaile faisg air loch beag. Choinnich sinn companach-sgoile no dhà eile an-sin nach robh ag iarraidh an sgoil fhèin fhaicinn. Bha sinn a’ cabadaich a-rithist mun ùine nuair a bha sinn aig sgoil agus dè thachair rinn bho sin. An uair sin, ghluais sinn do thaigh-seinnse ann am meadhan a' bhaile far an robh sinn nar suidhe blàr a-muigh gu meadhan-oidhche is a’ cabadaich a bharrachd.

An ath latha, bha cuid dhinn a’ coiseachd do bhaile beag faisg air. ’S e sin am baile far an robh am bàrd seo a’ fuireach nuair a bha e na bhalach òg a tha an sgoil againn air a h-ainmeacheadh air. Ghabh sinn lòn ann an taigh-bidh an-sin, choimhead sinn air dealbhan bho fhichead bliadhna air ais agus dh’fhàg sinn mu 4f mu dheireadh thall.

Bha mi glè thoilichte gun robh a h-uile duine air a dhòigh agus gun robh fìor chòrdadh ann eadarainn mar nach biodh ùine cho fhada air dol seachad. Bidh ath-choinneachadh eile ann an còig bliadhna, agus tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ris!
Nìtear càrn mór de chlachaibh bheaga.

Sleite
Beiträge: 1697
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mi Dez 13, 2017 1:26 pm

Dè tha dol? A bheil sibh uile trang le prèasantan Nollaige? An do rinn sibh briosgaidean is fleasgan? A bheil craobh-Nollaige agaibh fhathast? Tha mi' n dòchas nach eil sibh fo uallach. Ach nach innis sibh dhuinn na tha sibh a' dèanamh?
Sgrìobh sinne cairtean Nollaig gu cuid de dhaoine Dihaoine. Rinn mi 3 seòrsa bhriosgaidean an t-seachdain seo chaidh: rionnagan caineil, corrain faoineig agus brisgaidean càise mo sheanmhar. Chuir mi iad ann am bagaichean beaga snoga agus bheir mi iad do charaidean. Rinn mi 2 fhleasg aig toiseach na mìosa, agus fhuair sinn a' chraobh againn Didòmhnaich seo chaidh. Tha e cumanta ann an Alba a' chraobh a chur suas tràth san Dùbhlachd.
A thaobh phrèasantan, chan eil mi ro chraicte. Cheannaich mi silidh agus chutney ann am bùth ionadail agus bheir mi sin do mo phiuthair cuide ri aran-coirce à Leodhas. Rinn mi leabhar de dhealbhan bho na saor-làithean agam do mo sheanmhair agus mìosachan den leithid do m' antaidh. Cheannaich mi leabhar agus puzzle do chlann mo pheathraichean agus gheibh mi leabhar bho bhùth-leabhraichean mus tèid mi air a' phlèana do m' athair. Bha mo mhàthair ag iarraidh gearradair rionnagan caineil sònraichte agus cheannaich mi sin ann am bùth bheag air loidhne. Dh'aontaich sinn nach dèan sinn ach prèasantan beaga, agus dh'aontaich aon phiuthair agus mise nach toir sinn prèasantan dha chèile idir. Bidh Nollaig snog cofhurtail againn le cinnt.
Bidh sinn aig taigh mo pheathair anns a' Choille Dhuibh. Saoil am bi sneachd ann? Cha bhi mi ann ach 5 làithean, oir bu toil leam a bhith air ais ann an Alba airson Oidhche Challainn.
Dè tha sibhse a' dèanamh?

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 996
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Isbeal » Mi Dez 13, 2017 11:18 pm

Rinn mi 3 seòrsa bhriosgaidean an t-seachdain seo chaidh: rionnagan caineil, corrain faoineig agus brisgaidean càise mo sheanmhar. Chuir mi iad ann am bagaichean beaga snoga agus bheir mi iad do charaidean. Rinn mi 2 fhleasg aig toiseach na mìosa


Faodaidh tu a' chaileag a thoirt às a' Ghearmailt, ach cha toir thu a' Ghearmailt às a' chaileag! :lol:

Bidh an Nollaig agamsa gu math sàmhach (an dòchas, co-dhiù!). Cha dèan mi cus air a son, ach a-mhàin laoidhean na Nollaig a ghabhail air feadh an àite còmhla ri companaich còisire. :fead: Tha mi sgìth, agus tha an taigh sgeadaichte gu leòr leis na cairtean Nollaig a fhuair mi, agus blàth cofhurtail leis na cùirtearan dùinte. :-D

Agus mar a thuirt thu fhèin, a Shlèite, dh'aontaich mi agus a' mhòr-chuid de na caraidean nach cheannaich sinn preusantan dha chèile tuilleadh. Bidh sinn a' toirt barrachd do bhuidhnean carthannais nan àite. Ach chuir mi tòrr mhìosachanan Albannach (mòran le Gàidhlig!) do charaidean thall thairis.
Phàigh mi fortan air postachd! :mc: :flur:

Sleite
Beiträge: 1697
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Do Dez 14, 2017 1:39 pm

Is mi tha eòlach air postachd! Bidh mise a' sgèith dhan Ghearmailt le baga beag a-mhàin, oir bha Easyjet ag iarraidh £20 gach rathad airson màlaid. Mar sin chuir mi pacaid dhan Ghearmailt leis na rudan nach bi ceadaichte sa bhaga bheag. Ach aig a' cheann thall bha sin a cheart cho daor is a bhiodh am baga (ach ma bhios feum ann airson pacaid air an rathad air ais, chan fheum mise pàigheadh air a shon ;-)
Cha dèan brògan tioram iasgach.


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast