Dè ur naidheachd?

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon NoClockThing » Fr Mai 02, 2014 8:34 pm

Meal do naidheachd gu bheil an tràchdas agad deiseil!

Tha mo làmh dheas goirt le cus obair eadar-theangachaidh is chan eil mi dèidheil air cus sgrìobhaidh eile a dhèanamh a-nis...

Chuir mi seachad deireadh-seachdaine na Càisge ri taobh na mara ann an Cille Rìmhinn agus bha deagh shìde ann. Bha an tràigh mòr agus falamh gu leòr sa mhadainn.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Sleite
Beiträge: 1683
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Sa Mai 17, 2014 1:36 pm

Nach mi tha toilichte! Bha mìosan uabhasach trang agam, agus a-nis thèid mi air saor-làithean. Bha taisbeanadh agam mun tràchdas agam an t-seachdain seo chaidh agus an uair sin bha coinneamhan cudromach agus doirbh agam aig an obair. Ach a-nis tha na bagaichean deiseil airson dol dhan Eadailt. Thèid mi gu banais còmhla ri mo ghaol. Chan e a' bhanais againn fhìn a th' ann idir, ach banais caraid mo ghràidh.
Thèid sinn a Ghlaschu an-diugh, agus tràth madainn a-màireach gabhaidh sinn an itealan a Napoli. Thèid sinn a Chosta Amalfi leis an trèana agus a' bhus agus bidh sinn an sin fad seachdain. Bidh flat beag againn agus tha mi 'n dòchas gum faigh sinn cothrom an sgìre fhaicinn. Bidh a' bhanais aig deireadh na seachdaine, agus mar sin bidh ùine gu leòr againn dhuinn fhèin.
Innsidh mi dhuibh barrachd nuair a thilleas mi.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Micheal » Sa Mai 17, 2014 5:07 pm

turas math leibh
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Sleite
Beiträge: 1683
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Fr Jun 06, 2014 1:20 pm

Bha cuairt sgoinneil eile agam, agus an turas seo chaidh gu Eilean Chanaigh. Is dòcha gum feum sibh coimhead air clàr-dùthcha airson sin, tha an t-eilean gu iar-dheas air an Eilean Sgitheanach, agus 's e eilean beag a th' ann. Chaidh mi ann còmhla ri triùir fhear bhon chlub kayak, agus thug sinn 8 bàtaichean leinn. Chaidh sinn air an aiseag, oir bhiodh e ro fhada iomradh ann.

Ràinig sinn an t-Eilean tràth feasgar Dihaoine agus thug e greis na 8 bàtaichean a ghiùlan far a' bhàt'-aiseig. Chuir sinn suas na teantaichean againn, agus an uair sin chaidh sinn air cuairt. Tha eilean beag ri taobh eilein mhòir, agus chaidh sinn timcheall air an eilean bheag. Bha tòrr uamhan ann agus chunnaic sinn eòin na mara. Bha an t-sìde àlainn agus a' mhuir ciùin.

Disathairne chaidh sinn timcheall air Canaigh fhèin, agus thug sin mu 6 uairean a thìde. Ach cha do chuir sinn cabhag sam bith oirnn. Chaidh sinn a-steach cha mhòr gach uamh, ghabh sinn fois turas no dhà aig tràigh agus ghabh sinn tlachd anns a' chuairt. Didòmhnaich bha an t-sìde beagan nas gairbhe agus bha a' mhuir car brosgalach. Chaidh sinn a-mach far an robh na tuinn agus bha sinn a' cluich san t-sàil leis na tuinn mhòra is bheaga. Cha robh e an-còmhnaidh furasta agus aon turas theab mi tuiteam a-steach. Ach dh'ionnsaich mi tòrr agus mu dheireadh thall b' urrainn dhomh dèiligeadh riutha fìor mhath.

Gach oidhche rinn sinn dìnnear anns a' charabhan a bha ri taobh nan teantaichean againn. Bha sinn nar suidhe na bhroinn agus a' cabadaich fad uairean is uairean a thìde. Bha na fir gu math measail air fìon agus leann-ubhail, agus ghabh mi fhèin glainne no dhà cuideachd. Bha e uabhasach cofhurtail agus bha na còmhraidhean inntineach. Rinn sinn planaichean airson chuairtean eile.

Cha robh Diluain cho brèagha, agus cha robh sunnd oirnn kayakadh. Ach chaidh sinn a-mach fad greis co-dhiù gus na bàtaichean a ghluasad nas fhaisge air a' chidhe. Bha sin na b' fhasa na an giùlan air an rathad. Ghabh sinn am bàt'-aiseig air ais feasgar agus ràinig mi an taigh mu 7 uairean. Bha tòrr nigheadaireachd agam ri dhèanamh agus bha tòrr stuth fliuch agam.

'S e cuairt sgoinneil a bh' ann agus ged a bha mi air kayakadh fad 2 bhliadhna, dh'ionnsaich mi barrachd sgilean anns a' cheithir latha sin na dh'ionnsaich mi roimhe. 'S e eilean brèagha a bh' ann agus thog mi corra dealbh. Gu mì-fhortanach chan eil camara dìonach agam, mar sin cha d' fhuair mi mòran dhealbhan bhon mhuir. Chì sibh na dealbhan agam air an duilleig Facebook agam.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1683
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Do Jun 19, 2014 5:26 pm

Bha trioblaid agam aig an taigh an t-seachdain seo chaidh. 'S e Dihaoine an treas latha deug a bh' ann, agus 's e latha mì-fhortanach a bh' ann dhomh. Bhris pìob anns an lobht agam agus dhòirt an t-uisge tron mhullach dhan t-seòmar-suidhe agus dhan trannsa. Tha làr-fiodha agam agus dh'fhàs e fliuch. Bha mi uabhasach draghail gum bithinn feumach air mullach seòmair ùr agus làr ùr. Gu fortanach bha mo chèile aig an taigh aig an àm agus chuir e an t-uisge dheth far an tèid e a-steach dhan taigh. Chuir e bucaidean fo na h-àiteachan às an tàinig e, ach bha e fhathast a' struthadh. Gu fortanach thàinig am plumair gu luath agus chàraich e a' phìob.
Bha mi trang a' tiormachadh an làir, agus an uair sin chuir sinn an stuth fliuch a bha san lobht a-mach dhan ghàrradh. Tha mi a' bruidhinn mun stuth sin a tha ann gus an taigh a chumail blàth, 's e seòrsa de chlò a th' ann, ach gu mì-fhortanach chan e clò ceart a th' ann ach stuth a tha air a dhèanamh le glainne. Cha robh e idir snog air a' chraiceann! Bha an gàrradh agam loma-làn den stuth sin, agus thionndaidh mi e gu tric gus an tiormaicheadh e. Gu fortanach bha 3 latha brèagha, blàth agus tioram againn. An uair sin chuir mi an stuth uile air ais suas le taic bho bhana-charaid.

Bha strì mòr agam leis an àrachas cuideachd. Nuair a chuir mi fòn thuca, cha do lorg iad mi air an t-siostam agam. B' e sin nuair a bha mi uabhasach draghail co-dhiù, agus cha do chuir sin ri mo shunnd! Chuir mi seachad 2 uair a thìde air a' fòn leotha, ach cha tàinig fuasgladh às a' chùis. Cha robh pàipear agam aig an taigh air an robh an t-àireamh àrachais agam sgrìobhte, chan eil càil de dh'fhios agam carson. Ach mu dheireadh thall fhuair mi an t-àireamh agam bhon duine a reic an àrachas dhomh, agus an uair sin bha mi soirbheachail. Thàinig saor dhan taigh gus coimhead air a' chron, agus gu fortanach thuirt e nach eil dad ceàrr, ach gum faod mi peantadh agus càraidhean beaga a dhèanamh air a' mhullach. Ach cha mhòr nach fhaicear e a-nis. Tha inneal agam shuas an staidhre a tharraingeas an t-uisge às an adhar, agus bidh a h-uile rud ceart gu leòr a dh'aithghearr. Abair deireadh-seachdain!

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1683
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Di Jul 15, 2014 12:25 pm

Chaidh mi air saor-làithean ann am Muile fad 5 latha. Chaidh mi ann leis a’ chlub kayak, ach chaidh a mhòr-chuid aca ann Dimàirt, agus chaidh mise Diardaoin. Seo cunntas de na saor-làithean.
Diardaoin: Ràinig mi an t-àite-campachaidh mu 14:30 agus cha robh ann ach John, mo sheann charaid-cànain. Bha an t-sìde brèagha agus sin far an tug mi an dealbh leis a' kayak air an tràigh. Bha e doirbh mo bheul a dhùnadh nuair a chunnaic mi an t-àite a' chiad turas. ‘S e àite-campachaidh glè neo-fhoirmeil a th’ ann, dìreach aig an tràigh. Ghabh mi cupa ti còmhla ri John, agus an uair sin chaidh mi a kayakadh. B' e sin a' chiad turas a chaidh mi leam fhèin, ach bha mi glè chofhurtail. Chaidh mi timcheall air a' chosta rud beag, agus thill mi, agus an uair sin mhothaich mi gun robh Eilean Ì gu math faisg. Chaidh mi ann agus ged a bha e beagan fada, chaidh mi gu tràigh bhrèagha. Bha boireannach an sin leatha fhèin a' bha a' smèideadh rium agus chaidh mi thuice. Bha i uabhasach toilichte m' fhaicinn agus bha i den bheachd gun do chuir Dia thuice mi. ('S e Eilean glè spioradail a th' ann an Ì Chaluim Chille). Bha i airson snàmh, ach bha i draghail dol leatha fhèin, mar sin chaidh mi còmhla rithe. Bha aodach kayak orm, mar sin cha robh i fuar idir. Bha tòrr spòrs againn agus thog i dealbhan dhìom agus den kayak agam air an tràigh. Bha i anabarrach brèagha! Chaidh mi air ais an uair sin agus rinn mi BBQ air an tràigh. Gu mì-fhortanach cha do rinn duine eile BBQ, oir cha robh biadh ùr air fhàgail aca. Bha iad air a bhith ann fad corra latha mar-thà, agus cha robh frids ann. Ach rinn mi steic air leth agus 2 corn cob agus isbeanan ;-)
Dihaoine: Bha a h-uile duine a bha ann air na rudan tarraingeach a dhèanamh mar-thà, oir ràinig iad Dimàirt. Bha mise airson dol a dh’Eilean Ì (gu ceart) agus Staffa. Gu fortanach ràinig fear eile, Kevin, agus tè eile bhon chlub, Janice, nas anmoiche cuideachd, agus mar sin chaidh sinne agus Mòrag timcheall air Eilean Ì, agus thadhail sinn air an eilean aig an deireadh. Tha abaid mhòr ainmeil ann. An-diugh thèid tòrr dhaoine spioradail (gu sònraichte Crìosdaidhean, ach daoine eile cuideachd) ann airson saor-làithean sònraichte ann an àite glè spioradail. Bha sinn a' faireachdainn gu math neònach sna bòtannan againn agus beagan robach. Ach choisich sinn mun cuairt rud beag, agus an uair sin ghabh sinn tì is sgona ann an cafaidh, taobh a-muigh sa ghàrradh. Nuair a thill sinn "dhachaigh" cha robh acras sam bith oirnn, oir bha an sgona choooo mòr! Rinn sinn dìnnear anmoch, agus teine, agus dh'innis sinn tòrr sgeulachdan ri chèile agus bha sinn uile glè thoilichte, ag òl beagan, agus a' ròstadh marshmallows air an teine.
Disathairne 's e latha mosach a bh' ann. Bha cuid de dhaoine a' faireachdainn gu math grod air sgàth cus dibhe an oidhche roimhe. Bha i gaothach agus fliuch. Ach tha e nas fheàrr ann an aodach kayak, mar sin chaidh sinn a-mach, timcheall air a' chosta far an robh mi a' chiad oidhche, ach chaidh sinn na b' fhaide. Chaidh sinn gu tràigh mhòr mhòr, ach gu mì-fhortanach cha robh i cofhurtail idir, oir bha mi fuar agus fliuch. 'S e obair chruaidh a bh' ann cuideachd oir bha a' ghaoth cho làidir agus a' mhuir gu math brosgalach. Bha againn ri stad bho àm gu àm gus rudeigin milis ithe, oir cha robh neart gu leòr agam. Nuair a thill sinn, bha sinn gu math fliuch, mar sin, rinn mi practice air na ruighlichean. Rinn mi e glè mhath, agus rinn mi tòrr dhiubh leam fhèin :) Shuidh sinn uile sa charabhan aig Liz gus nach fàsamaid fliuch. Ach thog i (an t-sìde) agus na b' anmoiche chaidh na daoine a-mach a kayakadh nach robh a' faireachdainn gu math na bu tràithe. Thog an còrr teine, ged nach robh sin furasta leis a h-uile rud cho fliuch. Bha an t-aodach air fad agam fliuch cuideachd, oir dh'fhàs mo bhaga fliuch san teant. Ach mu dheireadh thall bha sinn uile cruinn an tac an teine, agus bha deagh oidhche againn.
Didòmhnaich: Bha i brèagha a-rithist agus chaidh Kevin agus mi fhèin a Staffa. 'S e cuairt fhada a bh' ann, 10km ann agus 10 air ais thairis air a' chuan. Ach bha e iongantach agus b' fhiach e gun teagamh sam bith. Bhiodh e a’ cosg 57 not airson dol air bàta luchd-turais!!! Bha a' mhuir ciùin ged a bha tuinn mhòra ann, ach cha do bhris iad, mar sin bha e uabhasach cofhurtail. Nuair a ràinig sinn Staffa chaidh sinn dhan Uamh Bhinn (Fingal's Cave) agus uamh eile. Bha na colbhan basalt iongantach dha-rìribh. Às dèidh dhuinn dol timcheall air an eilean, chuir sinn na bàtaichean air a' chreig agus choisich sinn suas gu mullach an eilein. Ghabh sinn lòn sa ghrèin agus thog sinn dealbhan de na fachaich. Chaidh mi thuca uabhasach slaodach, agus mar sin fhuair mi glè fhaisg orra. Tha iad cho brèagha agus bha iad mar gun robh iad ag iarraidh orm dealbhan a thogail. Chaidh sinn air ais, agus bha beagan cabhaig oirnn, oir bha Kevin airson bàt' aiseag a ruigsinn. Bha sinn a' cabadaich agus cha do mhothaich mi idir gun robh sinn air a' mhuir cho fada. Bha mi a' fàs beagan sgìth, ceart gu leòr, ach ràinig sinn an tràigh mu dheireadh thall. Gu mì-fhortanach bha e ro fhadalach airson an aiseig, agus mar sin rinn sinn barrachd ruighlichean. An turas seo rinn mi an dàrna leth leam fhèin :). Chaidh sinn dhan taigh-sheinnse an uair sin airson dìnneir agus ball-coise, ach gu mì-fhortanach bha sinn 5 mionaidean ro fhadalach agus bha an cidsin dùinte. Mar sin chaidh sinn air ais agus rinn sinn seisean de master chef, a' cruthachadh rudeigin leis a h-uile biadh a bha againn air fhàgail. Cha robh e idir dona. Ach chan fhaca sinn am ball-coise. Bha teine snog againn a-rithist agus oidhche chofhurtail eile le marshmallows air an tràigh.

Bha i fliuch a-rithist Diluain, agus bha mo chorp gu math sgìth. Mar sin cha do rinn sinn ach sgioblachadh agus falbh. Bha againn ri dolair dà bhat-aiseig, ach bha e snog, oir dh’fhuirich triùir againn còmhla gus an robh sinn sa Ghearasdan.
Tha dealbhan agam air facebook, ma tha ùidh agaibh annta.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1683
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mo Jul 28, 2014 12:43 pm

Chaidh mi air cuairt eile aig an deireadh-sheachdain. Ghabh mi an t-aiseag a Mhalaig agus an uair sin bàta a dh'Inbhir Aoidh madainn Dihaoine. 'S e latha teth a bh' ann, agus bha agam ri tòrr uachdair-ghrèine a chleachdadh. Choisich mi tro Chnòideart fad 12 km no rud mar sin thairis air bealach a bha 600 de dh'àirde. An uair sin ràinig mi bothan aig Sourlies aig ceann Loch Nibheis. Ghabh mi fois an sin fad greis agus thachair mi ri dithis fhear craicte a bha a' siubhal ann an canù. Ghabh sinn uile dìnnear thràth, agus an uair sin thog iadsan orra sa bhàta a dh'Inbhir Aoidh, agus chaidh mise suas beinn. Cha robh i ach leth uair an dèidh 4, agus tha i soilleir an seo gu 11 co-dhiù. Ge-tà, bha mi sgìth, agus cha robh mòran uisge ann, mar sin bha mi uabhasach uabhasach slaodach. Bha mi a' sìor stad airson fois, agus ghabh mi uisge aig gach cothrom, Bha mi beagan draghail nach robh mi air uisge grod òl àiteigin, oir bha mi a' faireachdainn beagan bochd, mar sin dh'fhàs mi fiù 's na bu slaodaiche. Cha robh ceum soilleir ann idir agus chaill mi e gu tric, uaireannan a' streap pìosan gu math cas. Bha a h-uile càil air mo dhruim, poca-cadail, biadh airson 3 latha, stòbh, mat, poca dìonach (beagan mar theant beag), aodach, camara ... Mar sin bha mi a' strì gu mòr, gu sònraichte aig an deireadh. Ach mu dheireadh thall ràinig mi am mullach aig cairteal gu 9f. Bha i brèagha is ciùin an sin, agus cha robh fuaim sam bith ri chluinntinn. Choimhead mi air dol-fodha na grèine, agus dh'fhuirich mi fad greis a bharrachd. An uair sin chaidh mi sìos rud beag, far an robh pìos feòir rèidh le fiù 's lochan beag bìodach. Cha bhithinn airson an t-uisge sin òl, ach rinn e an gnothach airson glanadh agus bruiseadh m' fhiaclan.

Dhùisg mi aig 5:30m, nuair a bha a' ghrian dìreach ag èirigh. Ghabh mi bracaist (bha uisge gu leòr air fhàgail agam airson sin), agus an uair sin chaidh mi sìos a' bheinn. Cha robh agam ri dol fada gus an do ràinig mi am bealach, agus bha uisge ùr glan a' ruith an sin. Dh'òl mi tòrr agus ghlan mi mi fhèin. Bha am fallas uabhasach orm bhon latha roimhe, agus bha mi toilichte a bhith glan a-rithist. An uair sin chaidh mi suas an ath bheinn. Nuair a thàinig mi sìos bho sin, bha mi cho sgìth, gun do ghabh mi fois air a' bhealach, agus thuit mi nam chadal. Cha robh i ach leth uair an dèidh 9. Às dèidh sin bha mi a' faireachdainn na b' fheàrr agus dhìrich mi a' bheinn mu dheireadh. Bha i fhathast brèagha, ach cha robh i cho teth is a bha i Dihaoine. An uair sin chaidh mi sìos air ais dhan ghleann. Thòisich an t-uisge, mar a bha mi an dùil, aig meadhan latha, agus ràinig mi am bothan mu leth uair an dèidh dhà. Cha robh e idir furasta faighinn thuige. Ged a chunnaic mi e fad na h-ùine, cha robh na rathaidean furasta a lorg, agus bha cuid de na slighean uabhasach fliuch agus bog. Aon turas chaidh mi gu math domhainn ann am boglach. Cha robh duine sa bhothan agus chuir mi suas an stuth agam airson tiormachaidh. Ghabh mi norrag bheag agus biadh, agus an uair sin ràinig dithis eile. 'S ann à Koeln a bha iad, agus fhuair sinn a-mach gun robh sinn aig Colaiste spòrs ann an Koeln aig an aon àm. Thog iad teine gus an stuth aca a thiormachadh, ach cha robh mi den bheachd gun robh sin cho math. Chan eil mòran fiodha anns na h-àiteachan sin, agus tha e nas cudromaiche sin a chumail airson oidhcheannan fuara a' gheamhraidh an àite feasgar samhraidh far a bheil e 20 ceum celsius co-dhiù. Bha mi gu math teth an oidhche sin, agus cha do chaidil mi ro mhath.

Didòmhnaich dh'fhàg mi am bothan aig a h-ochd, oir bha mi draghail gun toireadh an t-slighe fada. Bha mi airson trèana a ruigsinn aig a' chòig ann an Gleann Fhionnainn. Bha an t-uisge trom ann, agus nuair a stad e bho àm gu àm, bha a' mheanbh-chuileag dona! Bha mi beagan draghail gun caillinn ceangal sligheach, oir cha robh na slighean san àite sin an-còmhnaidh follaiseach, agus bha an rathad a' dol tron choille, agus cha robh diofar ri fhaicinn eadar aon phìos agus pìos eile. Ach lorg mi e, agus bha e furasta gu leòr. Chaidh mi an uair sin tro ghleann fhada, suas gu bealach. Cha robh an ceum math idir, ach bog-fliuch, làn puill agus raineach fada. Thug e ùine fhada rus an do ràinig mi am bealach. Ach bha mi an dùil ri sin, agus bha mi fhathast tràth. Ghabh mi fois agus lòn aig a' bhealach, agus goirid às dèidh sin thòisich ceum math sìos tro Ghleann Fhionnainn. Bha fiù 's rathad ceart ann, ged nach eil sin cho brèagha. Bha tòrr luchd-turais ann, agus tòrr mheanbh-chuileagan. Bha an t-uisge air sgur agus bha a' ghrian a' deàrrsadh gu teth a-rithist. Chuir mi dhiom an t-seacaid dìonach, agus orm stuth an aghaidh nam biastagan, agus chùm mi orm. 5 mionaidean às dèidh sin thòisich an t-uisge a-rithist, ach bha mi ro leisg an t-seacaid a chur orm a-rithist. Ràinig mi an rathad aig leth uair an dèidh dhà, agus cha robh an trèana ann gus 5 uairean. Mar sin fhuair mi lioft ann an càr gu Malaig. Bha agam ri feitheamh an sin airson an aiseig, agus bha mi toilichte nuair a ràinig mi an taigh mu dheireadh thall.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1683
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mo Aug 11, 2014 11:56 am

Rinn mi cuairt kayak a-rithist aig an deireadh-sheachdain. Chaidh mi còmhla ri mo charaid Kevin bhon chlub kayak. Tha tòrr eòlais aige, agus mar sin bha mi a' faireachdainn glè shàbhailte. Dh'fhàg sinn mu leth uair an dèidh seachd feasgar Dihaoine agus chaidh sinn bho Armadal thairis air Linne Shlèite gu Sandaig. Bha tràigh bheag gainmhich ann agus àite beag airson teanta a chur suas. Bha i a' fàs dorcha mar-thà, mar sin cha do rinn sinn ach dìnnear agus cadal.
Madainn Disathairne bha a' mheanbh-chuileag dona, agus dh'fhàg sinn Sandaig gus dol a dh'inbhir Aoidh. An sin ghabh sinn cupa tì is sgona ann an cafaidh, agus beagan fois. An uair sin bha sinn a' strì an aghaidh na gaoithe fad greis, gus an do thionndaidh sinn gu tuath gus oirthir Chnòideirt a leantainn. Bha a' ghaoth meadhanach làidir agus bha sinn gu math luath. Bha na tuinn mòr gu leòr gus beagan a chluich agus bha tòrr spòrs againn. Ghabh sinn fois agus lòn aig an Dùn far an do shuidh sinn sa ghrèin. An uair sinn chùm sinn oirnn seachad air bailtean beaga air nach robh mi a-riamh mothachail. Dh'fhàs na tuinn na bu mhotha agus sinne na bu luaithe. Chaidh sinn thairis air Loch Shubhairne, a' cluich, ach gu h-obann chaidh mi bun os cionn, rud nach do thachair rium a-riamh ann an dà bhliadhna. Gu fortanach bha mi ag ionnsachadh nan ruighlichean, agus nuair a bha mi bun os cionn smaoinich mi gum feuchainn tighinn suas a-rithist. Bha iongnadh mòr orm nuair a dh'obraich sinn, oir gu ruige sin bha mi an-còmhnaidh gan dèanamh ann an àrainneachd chiùin agus le planadh agus smaoineachadh. Bha mi air leth moiteil gun do dh'obraich sin. Chùm sinn oirnn beagan nas cùramaiche gu Sandaig eile, eadar Gleann Eilg agus Àrnasdal. Bha sinn an sin, aig tràigh mhòr ghainmhich ghil mu 5 uairean feasgar, chuir sinn na teantaichean suas agus rinn Kevin risotto blasta. Bha a h-uile rud aige: spiosan, creamh, glasraich, sgian is bòrd.... mar gun robh an cidsin slàn aige sa bhàta aige! Bha daoine eile air teine a thogail na bu tràithe air an tràigh agus thug sinn beò e a-rithist, agus shuidh sinn an sin a' cabadaich gu h-anmoch. Fhuair sinn cadal math, agus an ath mhadainn bha a' ghaoth air falbh.... agus a' mheanbh-chuileag air ais. Dh'fhàg sinn Sandaig, choimhead sinn air corra eilean, agus chaidh sinn thairis air an Linne a dh'Eilean Iarmain. Chunnaic sinn dà pheileag a' leum ri ar taobh. Bha sinn aig taigh-seinnse a' Phrabain dìreach aig an àm cheart airson lòin. Gu fortanach bha a' ghaoth air tionndadh, agus bha i air ar cùlaibh air an rathad air ais a dh'Armadal.
Bha mi uabhasach sgìth nuair a ràinig sinn an taigh, agus ged a fhuair mi deagh oidhche chadail, tha mo chorp a' faireachdainn uabhasach trom agus sgìth an-diugh. Ach b' fhiach e e gun teagamh sam bith, agus bha deireadh-seachdain sgoinneil agam. Seo agaibh mapa den chuairt

https://mapsengine.google.com/map/edit? ... nFTnQDUsTY

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1683
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mo Okt 20, 2014 2:36 pm

Halò a chàirdean

IOs fhada bho sgrìobh cuideigin an seo, agus is bochd sin. Is cinnteach gu bheil naidheachd bheag no mhòr aig a h-uile duine. Nach innis sibh dhuinn ma dheidhinn!

Bha mi air cùrsa anns a' Mhonadh Ruadh an t-seachdain seo chaidh. Dh'ionnsaich mi tòrr mu dheidhinn stiùireadh dhaoine sna beanntan, leithid obair iùil le combaist is mapa, obair ròpa ma ghabhas cuideigin an t-eagal, tòrr mu diofar lusan is bheathaichean agus san fharsaingeachd coimhead às dèidh dhaoine. 'S e cùrsa fad 6 làithean a bh' ann agus bha sinn a-muigh gach latha. Chaidh sinn cuideachd a champachadh aon oidhche agus rinn sinn iùil sa cheò. Bha e fìor fìor mhath, ach bha mi glè sgìth aig deireadh na seachdaine.

A-nis feumaidh mi na sgilean agam a chleachdadh fad bliadhna agus an uair sin thèid mi gu measadh fad 5 làithean. Mar sin, ma tha thu air a' Ghàidhealtachd agus a' sireadh cuideigin a bheir suas beinn thu no a sheallas dhut an sgìre, leig fios dhomh! Bidh e math ma gheibh mi tòrr chothroman daoine a stiùireadh tro na monaidhean againn. Seallaidh mi dhut na seallaidhean, na mullaichean, na lusan, dearcan agus beathaichean, agus bidh mi gad chumail sàbhailte cuideachd. :)

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Siùsaidh1501
Beiträge: 44
Registriert: So Nov 27, 2011 9:56 am
Wohnort: 59821 Arnsberg

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Siùsaidh1501 » Di Okt 21, 2014 1:23 pm

Halò!

Bha mise ann am Bonn bho Dhihaoine gu Didòmhnaich airson Gàidhlig ionnsachadh. Bha cearcall-còmhraidh ann feasgar Haoine agus choinnich mi ri caraidean. Dh'innis Mona dhuinn mar chleachdar cuibhle-snìomha agus dh'fheuch sinne fhìn ri snìomh cuideachd. 'S e tìde shònraichte a bh' ann a chuir sinn seachad còmhla agus chòrd an oidhche siud rium gu mòr. Disathairne thòisich bùth-obrach deiridh-sheachdain agus bha e glè mhath cuideachd. Rinn sinn deasbaireachd fad dà uair a thìde agus thug Mìcheal cuspairean diofraichte do gach oileanach airson òraid a ghabhail. Bha e doirbh - b' fheudar dhomhsa bruidhinn mu àirneis! - ach chòrd e glan rium. Leugh sinn artaigil poileataigeach cuideachd agus rinn sinn beagan gràmair. Gu mì-fhortanach cha robh ùine gu leòr againn airson òrain a sheinn. Ach thig mi dhan bùth-obrach òran san t-Samhain agus tha mi cinnteach gum bi e math cuideachd.
Bha an t-sìde ann am Bonn uabhasach brèagha, blàth is grianach agus bha sinn nar suidhe a-muigh airson biadh a ghabhail gu deich uairean feasgar. Bha sin cofhurtail is snog agus chuir sinn seachad tìde air leth.
Air sgàth ‘s gun robh stailc an luchd-rèile ann cha deach trèana sam bith idir! Gu fortanach thàinig an duine agam leis a’ chàr Didòmhnaich feasgar agus thill sinn dhachaigh còmhla!

Tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ris an ath-chearcall-còmhraidh anns an t-Samhain! :D

Siùsaidh

Teàrlach
Beiträge: 52
Registriert: So Apr 28, 2013 9:05 pm
Wohnort: Francoinia

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Teàrlach » So Okt 26, 2014 10:36 pm

Halò,

bha mise ann am Bonn an deireadh-seachdain sa chaidh cuideachd. Air sgàth stailc nan dràibhearan-trèin, b' ann sa chàr a chaidh mi an àite an trèana. Dh'fhalbh mi mu chairteal gu còig sa mhadainn Di-Sathairne. Cha robh ach beagan trafaig air a' mhòr-rathad, ach bhris am pumpa-uisge air a' chàr agam eadar Limburg agus Bonn. Mar sin, chaidh mi do gharaids ann am Bonn an toiseach. Gu fortanach, rinn iad a' chùis air an càr a chàradh an dearbh-latha. Ràinig mi an t-Ionad mu dhà uair feasgar. Bha mi glè thoilichte a h-uile duine fhaicinn a-rithist.

Uill, dh'innis Siùsaidh mar-thà na rinn sinn sa chùrsa.

An dèidh a' chùrsa, bha mi nam shuidhe air beulaibh bùtha-reòiteige is ghabh mi cupan reòiteige le espresso. Bha teothachd ann mar as t-samhradh. Sgoinneil!

Mu dheireadh thall, dh'ath-chonnaich mi agus thill mi dhachaigh. Ràinig mi an taigh mu ochd uairean feasgar – na bu thràithe na air an trèana.

Tha mi a' dèanamh fiughair mhòr ris an ath chùrsa san Dùbhlachd.

Teàrlach

Teàrlach
Beiträge: 52
Registriert: So Apr 28, 2013 9:05 pm
Wohnort: Francoinia

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Teàrlach » Mo Nov 17, 2014 12:07 am

Tha mi airson dannsa-dùthcha Albannach, agus mar sin, chaidh mi a Chemnitz còmhla ri caraidean an deireadh-seachdain sa chaidh. Bha mòran dannsadh ann an sin:

Di-Haoine feasgar, bha dannsa-fàilte ann an talla art nouveau aig taigh-bìdh snog. Di-Sathairne is Di-Dòmhnaich, bha sinn aig ionad-dannsa air iomall a' bhaile. Di-Sathairne, rinn sinn bùth-obrach meadhanach le bana-mhùinear à Mainz (torr Srath Spè ...); an dèidh sin bha bùth-obrach inntrigidh do luchd-tòiseachaidh agus coiseachd-troimhe leis a' bhana-mhùinear againnsa ann. Agus mu dheireadh thall, bho 8f gu 12f bha dannsa le ceòl beò ann. Cha robh sinne foirfe idir ach chòrd e ruinn gu math, agus bha a h-uile duine toilichte. B' e mu leth-cheud daoine a ghabh pàirt san tachartas seo - thàinig feadhainn bho bhailtean cho fada mar Frankfurt, Berlin, Düsseldorf no Heidelberg. Sa mhadainn Di-Dòmhnaich rinn sinn dàrna pàirt a' bhùtha-obrach mheadhanach. An dèidh sin, thill sinn dhachaigh a-rithist. Bha mise a' draibheadh is mo charaidean-sa nan cadal sa chàr - saoil an robh sin ceart?

B' e deireadh-seachdain fìor mhath a bh' ann ach bha na casan orm gu math sgìth às a dhèidh!

Sleite
Beiträge: 1683
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mo Jun 15, 2015 5:04 pm

Cuairt timcheall air Ratharsair agus Rònaigh

Chì sibh faclan le àireamhan a tha air am mìneachadh gu h-ìseal.

Chaidh mi air cuairt caidhag (1) aig an deireadh-sheachdain. Bha sinn airson dol timcheall air Eilean Ratharsair agus Eilean Rònaigh eadar Dihaoine agus Didòmhnaich.
Dihaoine Choinnich sinn ri 5 caraidean aig mo leannan (2) ann an Sgonnsair. Bha sinn uile a' pacadh nam bàtaichean againn le stuth airson 3 làithean, teantaichean, biadh, aodach, deochan, stòbhaichean (3), .... chuireadh e iongnadh (4) oirbh na gheibhear a-steach ann an caidhag! Thug sinne leinn glasraich ùra, lusan (5), spìosan (6), sgèinean (7) agus bòrd gearraidh, oir bha sinn airson dìnnearan ceart fhaighinn. Chan eil e idir mar cuairtean coiseachd far am feumar siubhal le bagaichean aotrom. Thug na daoine eile ùine fhada gus an robh iad deiseil, oir chan eil iad cho cleachdte ris a' chùis is a tha sinne.

Chaidh sinn timcheall air ceann a deas Ratharsair an toiseach agus an uair sin suas gu tuath air taobh an iar an eilein. Bha a' ghaoth làidir nar n-aghaidh agus cha do chòrd sin rium. Mar as trice nuair a tha mi air a bhith a' muigh sa chaidhag rinn mi na planaichean agam gus nach fheumainn dol an aghaidh na gaoithe. Ach cha do ghabh sin dèanamh an turas seo. Ach 's e obair chruaidh a bh' ann agus dh'fhàs mi sgìth. Ghabh sinn lòn faisg air Hallaig (far an robh Somhairle MacGilleathain a' sgrìobhadh). Bha i fuar dha-rìribh agus nuair a thòisich sinn a-rithist cha do dh'fhairich mi mo chorragan tuilleadh, ach dh'fhàs mi na bu bhlàithe às dèidh greis. Bha lèine-t, 2 geansaidh, seacaid agus ad (8) geamhraidh orm a bharrachd air miotagan (9) sònraichte. Nuair a stad sinn chuir mi dà sheacaid bhlàth a bharrachd orm.

Chùm sinn oirnn gu tuath, agus bha e cho cruaidh orm is gun robh agam ri iarraidh air mo leannan mo tharraing (10) fad greis. Cha robh biadh gu leòr air a bhith agam, agus cha robh mi idir cleachdte ri dol an aghaidh na gaoithe fad an latha. Cha do thachair sin a-riamh gun robh mi feumach air taic. Tharraing e mi fad greis, agus an uair sin tharraing e fhathast mi, ach chuidich mi rud beag. Cha do chuir e dragh sam bith air, oir 's e duine làidir a th' ann. Ràinig sinn an t-àite far an robh sinn airson campadh aig Caolas Rònaigh mu 8 uairean feasgar. Chuir sinn suas na teantaichean agus rinn sinn biadh. Chan e àite-campachaidh le goireasan a bh’ ann idir, ach dìreach pìos rèidh (11) feòir (12). Cha robh fiù ’s allt ann airson uisge fhaighinn.

Bha èibhinn, ged a rinn sinn risotto ceart bho thùs (13) agus stèic bhlasta, bha sinne ag ithe mar-tha nuair a bha a h-uile duine eile fhathast a' deasbad mun bhiadh aca à crogain is pacaidean. Bha iad cho slaodach leis a h-uile rud. Bha sinn a' cabadaich rud beag às dèidh na dìnnearach agus an uair sin chaidh sinn uile dhan leabaidh. Bha na daoine sin rud beag neònach. Bha iad uile snog gu dearbh, ach a dh'aindeoin sin, cha robh mi cofhurtail còmhla riutha. Bha dithis dhiubh a' còmhdachadh (14) an cuid aodainn mar gur e mèirlich a bh' annta. A bharrachd air sin bha dithis gan còmhdachadh le uachdar grèine gus an robh iad gu tur geal. Bha iad a' coimhead mar thaibhsean (15). Bha mi a' bruidhinn riutha uile fad greis, ach cha robh mi a' ceangal leotha idir. Chan eil fhios agam .... sin mar a tha e uaireannan.

Disathairne ghabh sinn bracaist spaideil le brochan agus an uair sin hama is ugh air ròla. Bha mi a' feuchainn ri tòrr ithe gus am biodh neart agam rè an latha. Ge-tà, tha e doirbh dhomh tòrr ithe sa mhadainn. Dh'èirich sinn uair a thìde às dèidh nan daoine eile agus bha sinn fhathast deiseil romhpa. Dh'fhàg sinn aig 10 uairean agus chaidh sinn gu tuath gus dol timcheall air eilean Rònaigh. Bha a' ghaoth làidir a-rithist, ach bha e diofraichte bhon latha ron sin. Bha na tuinn na bu mhotha, agus tha sin a' ciallachadh gu bheil e nas fhasa, oir air cùlaibh gach tuinn gheibhear fasgadh (16) bhon ghaoith airson diog. Cha robh e idir cho dona, agus b' e sin a' chiad turas a' chòrd e rium a bhith ann. Ghabh sinn lòn còmhla ann am bàgh agus bhruidhinn sinn mu an còrr den latha. Bha cuid bhon bhuidhinn gu math mì-chofhurtail sna tuinn mòra agus bha iad ag iarraidh dol air ais. Bha cuid eile airson cumail a' dol. Mar sin rinn sinn dà bhuidhinn: Chaidh dithis air ais, chaidh triùir air adhart, agus bha dithis airson dol air ais còmhla ris an dithis fad greis gus am biodh iad sàbhailte agus an uair sin tighinn air adhart còmhla rinne. Bha innealan rèidio (17aig a' mhòr-chuid cuideachd agus dh'aontaich iad air faclan sònraichte a bhiodh a' ciallachadh gum feum sinn uile tionndadh. Bha i gu math garbh (18) an uair sin.

Chùm sinn oirnn, agus bha e spòrsail, ach cruaidh. Stad sinn bho àm gu àm gus feitheamh air an dithis eile. Chuala sinn rudeigin air an inneal rèidio, ach cha do ghabh e tuigsinn. Chan fhaca sinn duine sam bith, agus mar sin bha sinn den bheachd gum biodh e na b' fheàrr tionndadh eagal 's gun robh rudeigin air tachairt. Bha sinn gu bhith aig ceann a tuath Eilean Rònaigh, agus chunnaic sinn tuinn mhòra a' briseadh air na creagan. Mar sin bha sinn den bheachd gum biodh e na b' fheàrr dol air ais. Rinn sinn sin, agus bha sinn cho luath ris an dealanach! Bha sinn a' surfadh air na tuinn agus mus do sheall sinn rinn fhèin bha sinn air ais far an do ghabh sinn lòn, agus nas fhaide na sin. Chunnaic sinn fear air cnoc a bha a' smèideadh (19) rinn agus bha fios againn gur e Iain a bh' ann, fear bhon bhuidhinn againn. Choinnich sinn uile ann am bàgh, agus bha sinn toilichte faighinn a-mach nach robh dad sam bith ceàrr. Ghabh sinn biadh eile an sin agus bha fasgadh againn.

Thàinig a-mach gun robh dragh air an dithis a bha gu bhith dol leis an dithis eile agus tionndadh. Cha robh iad airson an dithis sin fhàgail leotha fhèin. Bha iad airson sin innse dhuinn, ach cha do thuig sinn iad. A bharrachd air sin cha tuirt iad am facal a dh'aontaich sinn, ach dh'innis iad dhuinn sgeulachd fhada, agus tha sin nas duilghe a thuigsinn. Co-dhiù, bha sinn uile sàbhailte, agus thill sin dhan àite-campachaidh.

Thog an t-sìde fhad 's a ghabh sinn uile fois. Mu 6 uairean chuir sinn an stuth againn uile ann am bagaichean agus choisich sinn dhan bhothan (20) a bha faisg air làimh. Bha sinn air fiodh a chruinneachadh agus thog sinn teine anns a' bhothan. Dh'ullaich sinn uile ar biadh an sin agus shuidh sinn aig an teine. B' e feasgar àlainn a bh' ann, ach cha robh camara agam. Bha a' ghrian fhathast a' dearrsadh aig 22:45. Ach chaidh sinn air ais dhan teanta co-dhiù airson cadal fhaighinn.

Madainn Didòmhnaich bha againn ri èirigh na bu tràithe, ach gu fortanach bha fios againn gum biodh an fheadhainn eile a' cho slaodach a-rithist, agus mar sin dh'fhuirich sinn san leabaidh rud beag na b' fhaide. Ghabh sinn an aon bhracaist a-rithist, agus fhad 's a bha mo leannan a' còcaireachd, sgioblaich mise a h-uile rud agus chuir mi a h-uile rud ann am bagaichean. Abair sgioba! Dh'fhàg sinn a-rithist aig 10 uairean, leis a' ghaoith an turas seo! Bha sinn a' surfadh fad na h-ùine agus bha na tuinn mòr gu leòr, ach cha robh iad buileach cho mòr tuilleadh, agus cha robh a' ghaoth cho làidir. Bha i fior ghrianach agus blàth. Bha mi ro bhlàth taobh a-staigh ùine ghoirid. Gu fortanach stad sinn airson fois agus fhuair mi cothrom aon gheansaidh a thoirt dhiom.

Dh'fhàs an latha fìor àlainn agus ghabh sinn fois a-rithist faisg air a' bhaile ann an Ratharsaigh. An uair sin chaidh sinn air ais a Sgonnsair. Bha sinn uile sgìth. Nuair a ràinig sinn an taigh, ghabh sinn fois, ghabh sinn dìnnear, agus ghabh sinn fras. Bha sinn air leth salach! Cha robh uisge againn ach airson òl fad 3 làithean. Bha mi fhathast a’ faireachdainn nan tonn, agus nuair a ghabh mi aon chrogan Koelsch, bha mi a’ faireachdainn mar gun robh mi air trì òl! Chaidil mi gu math, ach tha mi fhathast sgìth an-diugh.

(1) Kajak
(2) Liebste/r
(3) Kocher
(4) Erstaunen
(5) Kraeuter
(6) Gewuerze
(7) Messer
(8) Muetze
(9) Handschuhe
(10) ziehen
(11) flach
(12) Gras
(13) von Anfang an (selbstgekocht)
(14) abdecken
(15) Gespenster
(16) Schutz, Windschatten
(17) Funkgeraet
(18) rauh
(19) winken
(20) Bothy (Wanderhuette ohne Ausstattung)

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1683
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Di Jul 07, 2015 3:40 pm

Chaidh mi air cuairt kayak a-rithist Dihaoine gu Didòmhnaich. Chaidh ceathrar againn ann: mo leannan Kevin, Janice agus Ryan. Chan eil Ryan ach 13. Bha am bàta aig Ryan beagan nas lugha, agus an teanta agus am mat aige uabhasach mòr, mar sin bha againn ri beagan den stuth aige a chur sna bàtaichean againne. Ach gu fortanach tha am fear agamsa uabhasach mòr.

Chaidh sinn thairis air linne Shlèite, agus bha i àlainn is ciùin is blàth. Chunnaic sinn mucan-mara beaga (porpoises), agus bha sin gasta. Cha robh sinn buileach cinnteach càit an gabh campachadh, mar sinn, nuair a ràinig sinn Cnòideart faisg air Sandaig, chaidh sinn bho bhàgh gu bàgh gus an do lorg sinn fear a bha freagarrach. Bha am fear sin air leth! Ged a bha planaichean againn am BBQ a dhèanamh oidhche Shathairne, dh'aontaich sinn uile gum biodh e na b' fheàrr a dhèanamh an oidhche ud, oir bha i àlainn, bha oiteag ann gus a' mheanbh-chuileag a chumail air falbh, agus bha fiodh ann gus teine a lasadh às dèidh a' BhBQ. Cha robh fhios againn dè thigeadh an ath oidhche, agus bha gaoth làidir is uisge san amharc. Mar sin las mi am BBQ gu luath agus fhad 's a bha e a' teasachadh, chuir sinn na teantaichean suas.

An uair sinn chuir sinn am biadh againn air a' BhBQ agus dh'ith sinn a h-uile rud beag air bheag. Ghabh mi Koelsch leis, agus ghabh an fheadhainn eile rudan eile. Nuair a bha sinn air a h-uile rud ithe, chuir sinn fiodh air an teine agus shuidh sinn mun cuairt oirre. Ròst sinn marshmallows cuideachd, agus bha sin fìor mhath. 'S e pàirt chudromach de BhBQ no teine a th' ann! An uair sin thàinig an t-uachdaran sìos dhan tràigh. An toiseach bha dragh orm nach biodh e toilichte leinn, ach bha e uabhasach càirdeil. Cha b' e uachdaran beartach a bh' ann idir, ach duine àbhaisteach a tha ag obair ann an oifis a' phuist ann an Inbhir Aoidhe. Cha mhòr nach robh fiaclan idir ann. Bha sinn a' cabadaich leis fad greis. An uair sin chaidh sinn dhan leabaidh.

Cha robh oidhche mhath againn. Thog a' ghaoth, agus cha do sheas an teant aig Ryan cho math. B' e an trioblaid gun do bhris a phiuthar an teant beag aige fhèin, mar sin bha teant mòr aige. Bha e mòr gu leòr son ceathrar, bha e àrd, agus sean, agus saor. Cha b' e teant airson campachadh air a' Ghàidhealtachd a bh' ann, ach fear airson fhèisean. Dh'èirich sinn gus taic a thoirt dha. Bha an teant a' lùbadh gu dona. Thug sinn dha an còrr de na biorain againn gus an teant a cheangal leis an talamh, oir bha an teant againne cho seasmhach, cha robh sinn feumach orra.. An uair sin chaidh sinn air ais a chadal. Goirid às dèidh sinn chuala sinn sgread, agus bha an teant aig Ryan air briseadh. Bha aon de na maidean air briseadh, agus bha aig Kevin ris a' chàradh. Gu fortanach bha stuth aige airson sin agus cha tug e fada. Chuir sinn barrachd chlachan air na ròpaichean aige agus air oiseanan an teanta. An uair sin chaidh sinn air ais a' chadal. Gu fortanach chan fhàs i dorcha an-dràsta, mar sin bha e furasta gu leòr, oir cha robh sinn feumach air biùgain. Chaidil sinn an uair sin gu madainn, ach bha an teant aig Ryan fhathast a' lùbadh gu dona.

Madainn Disathairne bha an t-uisge trom ann agus bha i gaothach. Mar sin dh'fhuirich sinn sna teantaichean gu math fada. Cha b' fhiach e èirigh. Mu dheireadh thall ghabh sinn bracaist agus chuir sinn sìos na teantaichean. Bha Ryan air beagan cadail fhaighinn mu dheireadh thall ged a bha an teant a' lùbadh os a chionn. Gu fortanach bha e dìonach a dh'aindeoin a h-uile rud. Chuir sinn a h-uile rud air ais sna bàtaichean agus dh'fhàg sinn am bàgh snog againn mu 11. Bha i gaothach agus bha againn ri dol an aghaidh na gaoithe. Bha sin cruaidh, agus bha Ryan a' strì beagan. Chòrd na tuinn ris, ach dh'fhàs e sgìth gu math luath. Chaidh sinn a dh'Inbhir Aoidhe, far a bheil an taigh-seinnse ainmeil, The Old Forge, an taigh-seinnse as iomallaiche air tìr-mhòr Bhreatainn. Ghabh sinn deoch an sin agus fhuair sinn ro-shealladh na sìde. An uair sin chùm sinn oirnn gu ceann Loch Nibheis. Ge-tà, cha d' fhuair sinn fada, oir bha i gu math gaothach. Choimhead sinn air àiteachan campachaidh ach chan fhaca sinn dad freagarrach. Bha i 4 uairean mar-thà, agus cha robh sinn airson dol ro fhada gun fhiosta dhuinn nach tig dad. Mar sinn thionndaidh sinn agus chaidh sinn air ais a dh'Inbhir Aoidhe. Chaidh sinn suas an abhainn rud beag agus lorg sinn àite uabhasach àlainn. Bha e dìreach ri taobh na h-aibhne, bha am feur fada agus bog, chaidh na biorain ann mar ann an ìm, bha seallaidh air leth ann agus bha an solas blàth agus grianach. Bha ceum coiseachd beag a' dol seachad. Dìreach àlainn. Ach bha aon trioblaid ann. Bha an làn ag èirigh gu luath. Agus bha i fhathast 2 uair gu muir làn ..... agus bha amharas oirnn gum biodh a h-uile rud fon uisge. An uair sin chunnaic sinn soidhne ag innse dhan luchd-coiseachd gu bheil ceum eile ann a chleachdar aig muir-làn mar sin bha fios againn gum biodh an t-àite bòidheach againn fon uisge a dh’aithghearr. Cha robh dòigh ann ach gluasad.

Chuir sinn a h-uile rud air ais sna bhàtaichean, agus chaidh sinn dhan àite campachaidh oifigeil. Gu mì-fhortanach cha robh gaoth sam bith ann an uair sin agus bha a' mheanbh-chuileag dona. Ach bha an t-àite glè shnog. Rinn sinn còcaireachd, ach bha againn ri ithe anns an teant, oir bha a' mheanbh-chuileag gar n-ithe! Gu fortanach thàinig oiteag bheag às dèidh greis, agus bha feasgar cofhurtail againn an uair sin.

Madainn Didòmhnaich bha i àlainn. Fhuair sinn uile cadal math, ghabh sinn bracaist agus dh'fhàg sinn mu 11 uair. Cha robh fada againn ri dol, mar sin ghabh sinn air ar socair. Cha b' fhiach e dol air ais a Loch Nibheis, oir bhiodh againn ri tionndadh fhathast. Mar sin stad sinn air sgeir airson lòin mus do rinn sinn air Armadal. Ghabh sinn air ar socair thairis air an linne, agus bha Ryan a' strì rud beag. Chaidh am bàta-aiseig seachad oirnn agus bha sinn toilichte nach do thachair sinn ris gu dlùth. Dìreach mus do ràinig sinn Armadal thachair an rud a b' iongantaiche!

Rinn mi cabhag oir bha eagal orm gun tigeadh am bàt' aiseig air ais, agus cha robh mi airson a bhith san rathad. Agus gu h-obann bha a h-uile rud timcheall orm a' leum! Bha 4-6 leumadairean a' leum timcheall orm. Fhuair mi mo chamara a-mach agus thog mi dealbhan agus bhideothan. Bha e dìreach iongantach. Chan fhaca mi leumadairean a-riamh cho faisg. Bha iad dìreach mu 20 m air falbh bhuam. Chaidh iad timcheall orm agus air ais. Bha Kevin agus an fheadhainn eile fhathast air mo chùlaibh, ach chunnaic iad a h-uile rud cuideachd. Bha mi a' gàireachdainn le toileachas. An uair sin dh'fhalbh am bàt-aiseig agus chaidh iad còmhla ris, a' leum agus a' cluich. Dìreach àlainn! ’S e deagh chrìoch de dheireadh-seachdain sgoinneil a bh’ ann.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Steffi1
Beiträge: 506
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Steffi1 » Do Jul 16, 2015 8:40 am

Bha feasgar math inntinneach agam an-dè. :P

Dh'fhàg mi an oifis rud beag na bu tràithe oir bha mi ag iarraidh pàirt a ghabhail ann an cearcall còmhraidh sònraichte. Tha mo charaid-cànain a' stiùireadh clas Gàidhlig. Tachraidh an clas gach samhradh ro na saor-làithean airson cofaidh is cèic a ghabhail agus seo a rinn iad aig taigh mo charaid-cànain an-dè. Dh'fhaighnich e dhìom ro làimhe am bu toil leam pàirt a ghabhail agus seo a rinn mi air Skype. Bha an coimpiutair na shuidhe air a' phiàno san t-seòmar-shuidhe aige agus chuir iad fàilte orm nuair a chuir iad Skype air. Ann an dòigh, tha sin èibhinn dha-rìreabh: bha cothrom agam airson èisteachd ris na h-òrain a ghabh iad agus bha tòrr dhiubh ann: Fàgail Lios Mòr, Fear a' bhàta, Nuair chaidh mi sìos dhan an abhainn an-dè, Ial, Ial, ars' a' chailleach, A' Bhriogais Uallach, A Pheigi a ghraidh agus feadhainn eile cuideachd. Chòrd am feasgar rium glan agus bha mi toilichte gun robh mi eòlach air a' mhòrchuid de na h-òrain oir ghabh sinn cuidh dhiubh aig a' cholaiste fhad 's a bha mi ann aig àm na Càisge agus feadhainn eile sa chlas aig Micheal ann am Bonn. Mus do thòisich an clas air seinn ghabh iad cofaidh, tì agus cèic agus bha coltas blasta air a h-uile rud. Bha farmad orm nach robh mi ann an dha-rìreabh, ach bha e cho soilleir ris a' ghrèin gun tàinig caraid eile dhan choimpiutair a' faighneachd dhìom am bu toil leam pìos den chèic cuideachd. Ha, Ha ! Bha e a' tarraing asam agus bha sin èibhinn, fiù 's dhomhsa. Gu mì-fhortanach bha a h-uile rud seachad às dèidh uair gu leth ach tha caraid no dhà ùr agam air facebook a-nis. Nach math sin. Tha mi an dòchas gum bi samhradh math aca uile.
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast