Dè ur naidheachd?

Steffi1
Beiträge: 508
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Steffi1 » Sa Jul 06, 2013 2:23 am

Co-là breith sona dhut, a Shlèite. Tha mi an dòchas gum bi deagh latha sònraichte snog agad an-diugh. :ceic: :partaidh:

Thig mi gad fhaicinn a dh'aithghearr. :P
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.

Anna
Beiträge: 519
Registriert: So Jan 17, 2010 5:00 pm

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Anna » Sa Jul 06, 2013 6:57 am

:flur: :flur: :flur: Co-là breith sona dhut bhuamsa cuideachd! :flur: :flur: :flur:

Tha mi an dòchas gum bi an t-sìde ceart gu leòr airson BBQ no fèis a-muigh a dhèanamh :partaidh:

Faigh tlachd anns an latha seo :socair: agus na obraich cus. :naireort:
Chan eil ach an t-iasg marbh a' snàmh leis an t-sruth.
Nuair a bhios tu ag iarraidh àbhachd a thoirt do Dhia, dèan plana!!!

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » So Jul 07, 2013 6:32 pm

Mòran taing, a bhanachàirdean

Dè chanas mi? BHa latha uabhasach snog agam, ach chan ann air sgàth 's gun robh an t-sìde snog. Bha i fuar, gaothach, fliuch agus ràinig na sgòthan an talamh. Mar sin dh'fhuirich mi san leabaidh gu math fada, rinn mi beagan ullachaidh airson a' phàrtaidh agam, agus thàinig corra dhaoine air an oidhche. Chuir sinn am biadh anns an àmhainn an àite air a' BhBQ agus bha oidhche shnog againn.
Chaidh mi a choiseachd còmhla ri mo chèile Dihaoine, mar sin chanainn gur e deireadh-seachdain fìor shoirbheachail a bh' ann! Mòran taing airson nan dùrachdan!

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mo Jul 29, 2013 12:35 pm

Chuir mi romham coiseachd tro Chòideart bho Inbhir Aoidhe a Ghleann Sèile, a’ tadhal air Ladhar Bheinn, Luinne Bheinn, Barrasdal agus Ceann Loch Shubhairne air an rathad. Bha 3 làithean agam airson sin agus bha ro-shealladh na sìde glè mheasgaichte.

Ghabh mi an t-aiseag madainn Dihaoine agus bha i a' dòrtadh! Fhuair mi bàta beag eile bho Mhalaig gu Inbhir Aoidhe agus ràinig mi am baile bheag aig 11. Cha robh ach uisge mìn ann an uair sin. Bha am maor-dhùthcha bhon àite aig a' chidhe agus bhruidhinn mi ris gu goirid, ag innse dha càit an robh mi a' dol, agus fhuair mi beagan comhairle cuideachd. An uair sin thòisich mi air coiseachd tro ghleann fada brèagha, suas beag air bheag, agus bha mi air plana a dhèanamh agus a sgrìobhadh sìos ro làimh air dè cho fàd 's a bhiodh gach pìos a' toirt. Tha sin ga dhèanamh fada nas fhasa, nas luaithe agus nas sàbhailte. Stad mi aig seann làrach taighe fad greis agus ghabh mi beagan bidhe. An uair sin bha agam ri dol suas leathad den bheinn a bha bog fliuch agus cas, ach bha slighe bheag ann. Thuig sin mu uair gu leth agus ràinig mi bealach far an do ghabh mi beagan fois. Bha na sgòthan fhathast ìseal, bha mi a’ faicinn beagan. Chùm mi orm suas an druim fad uair a thìde eile agus bha mi sna sgòthan a' mhòrchuid den ùine. Ràinig mi am mullach mu 3 uairean feasgar. Cha robh sealladh sam bith ann, ach bha an ro-shealladh ag ràdh gum biodh i na b' fheàrr feasgar, mar sin dh'fhuirich mi air a' mhullach. Chuir mi tòrr aodaich orm agus thug mi a-mach am poca dìonach agam agus am mat. Bha mi nam shuidhe an sin fad 3 uairean a thìde gu leth. Thàinig sealladh bho àm gu àm. Bha e iongantach. Nuair a thachair sin, dh'fhàs e na bu shoilleire an toiseach, an uair sin na bu bhlàithe, an uair sin chunnaic mi a' ghrian agus an uair sin an t-adhar gorm. Agus bho àm gu àm fiù 's na beanntan timcheall orm. Bha e direach àlainn. Bha tòrr ùine agam agus thàinig an dàn beag seo thugam:

Gun sealladh
Nam shuidhe sna sgòthan
Ach thig blàths, thig solas
Agus fosglaidh na speuran
Gu sealladh

Dh'fhàg mi am mullach mu cairteal gu 8 agus choisich mi air an druim fad ùine fhada. Thug e fada na b' fhaide na bha mi an dùil. Bha agam ri dol sìos is suas, is sìos is suas gu tric, ach mu dheireadh thall ràinig mi am mullach mu dheireadh agus chaidh mi sìos dhan choire. Dh'fhosgail na speuran bho àm gu àm agus fhuair mi sealladh. Nuair a bha mi sa choire, choimhead mi airson àite-cadail, oir bha mi glè sgìth. Bha i às dèidh 9 uairean mar-thà, agus bha an t-acras orm cuideachd. Chan fhaca mi dad freagarrach oir bha mi a' sireadh àite reusanta rèidh, tioram agus faisg air allt, gus am biodh uisge agam airson còcaireachd agus nighe. Lorg mi àite beag mu dheireadh thall a bha anabarrach brèagha. Ged nach robh e uabhasach rèidh, bha allt ann agus sealladh àlainn. Chuir mi an coire air agus rinn mi suas mo leabaidh. Dh'ith mi poit mhòr de phasta le sabhs tomàta agus ghabh mi teoclaid teth, agus an uair sin chaidh mi dhan leabaidh.

Nuair a dhùisg mi sa mhadainn bha an ceò anns a' ghleann fodham. Bha e cho àlainn! Thog mi dealbh no dhà agus chaidh mi air ais gu cadail. Nuair a dhùisg mi a-rithist bha fiù 's barrachd ceò sa ghleann agus bha e anabarrach brèagha. Bha na beanntan uile a' stobadh a-mach. Thog mi tòrr dhealbhan fhad 's a ghabh mi mo bhracaist. An uair sin choisich mi sìos dhan t-slighe eadar a' bheinn a shreap mi, Ladhar Bheinn, agus a' bheinn a bha mi gu sreap, Luinne Bheinn. Bha a' ghrian a' deàrrsadh, bha an t-adhar gorm agus dh'fhalbh an ceò sa ghleann beag air bheag.

Dh'fhàg mi a' mhòrchuid den stuth agam aig a' bhealach agus chaidh mi suas a' bheinn le baga aotrom. Bha an sealladh mìorbhaileach agus bha i cho teth gun robh mi glè chofhurtail ann an lèine-t agus briogais goirid. Ràinig mi am mullach às dèidh uair gu leth, agus dh'fhuirich mi an sin fad greis, ghabh mi biadh agus tlachd anns an àite. Bha mi uabhasach toilichte a bhith ann.

Chaidh mi sìos a-rithist, thog mi an stuth agam agus choisich mi sìos am mam gu Barrasdal. Tha taigh no dhà an sin agus tràigh àlainn. Ghabh mi fois a-rithist air creig, agus an uair sin chùm mi orm gu Ceann Loch Shubhairne. Cha robh an t-slighe sin cho math. Bha tòrr lusan a' fàs air agus uaireannan bha an raineach cho àrd rium fhìn. Bha i teth cuideachd agus bha mi a' fàs beagan sgìth. 'S e 10km a bh' ann. Stad mi aig allt bheag, chuir mi mo lèine bhuam agus nigh mi mi fhìn. Bha am fallas air a bhith a' sruthadh bhuam. Ach abair iongantas: cha robh fàileadh idir air mo lèine bambù fiù ‘s às dèidh 2 latha agus oidhche! Chùm mi orm gu àite beag far an robh taigh agus allt. An àite dol sìos chun a' chladaich far an robh an taigh, dh'fhàg mi an t-slighe agus chaidh mi suas an allt gus àite-cadail a lorg. Bha am feasgar brèagha agus ghabh mi amar eile san allt. Bha mo chasan uabhasach fliuch agus bha an craiceann geal agus bog, na stocannan agus na brògan bog fliuch. Chuir mi a h-uile rud sa ghrèin agus thiormaich e gu luath. An uair sin rinn mi pasta e sabhs tomàta agus tì meannt agus laigh mi sa ghrèin.

Ach nuair a chaidh a' ghrian fodha... uill fhad 's a bha i a' dol fodha.... thàinig A' MHEANBH-CHUILEAG! Gu luath ghlan mi m' fhiaclan agus leum mi a-steach nam phoca cadail agus nam phoca dìonach. Dhùin mi a h-uile rud, agus bha lìon ann a chumadh na biastagan a-muigh. Bha sgòthan dhiubh ann agus cha robh mi airson cus rùm a thoirt dhaibh air an lìon oir thig iad troimhe bho àm gu àm. Mar sin chùm mi am poca dùinte cho math ’s a b' urrainn dhomh, ach bha mi uabhasach teth cuideachd. Bha mi a' smaoineachadh gun robh mi a' bàsachadh leis an teas. Cha robh i ach leth uair an dèidh 7 agus cha b' urrainn dhomh cadal fhathast, gu sònraichte leis an uilebheist seo a' feitheamh rium. Bha am pathadh orm cuideachd, ach cha robh dòigh sam bith ann am poca fhosgladh air neo bhithinn air m' ithe sa bhad. Thog mi am poca bho àm gu àm airson beagan adhar a leigeil tron lìon, agus dh'fheuch mi ri beagan cadail fhaighinn gus am biodh i na b' fheàrr. Bha na sgòthan a' fàs dearg cuideachd, ach gu mì-fhortanach cha b' urrainn dhomh dealbhan a thogail. Mu 10 uairean thàinig oiteag gaoithe agus bha na biastagan air falbh gu ìre mhòr agus fhuair mi cothrom deoch uisge a ghabhail. Chaidh mi air ais gu cadail, ach bha e doirbh, oir cha robh àite rèidh ann idir. Ach bha mi air a bhith ro sgìth gus fear a lorg.

Fhuair mi cadail reusanta ach tràth sa mhadainn thòisich an t-uisge. Gu mì-fhortanach dhùin mi am poca nuair a bha e ro fhadalach agus bha mo phoca cadail air fàs fliuch air an taobh. Agus cha robh mi airson a dhùnadh uile gu lèir oir cha bhiodh an t-adhar cho math, ged a ghabhas sin dèanamh gun chunnart. Nuair a dhùisg mi a-rithist aig leth uair an dèidh 6, bha mo phoca cadail bog fliuch agus cha robh taghadh agam ach èirigh. Gu mì-fhortanach cha robh an lasair agam ag obair air sgàth ‘s gun robh e fliuch, mar sin bha agam ri fàgail as aonais bracaist. Ghabh mi bàr-gràin agus uisge agus dh'fhalbh mi cho luath 's a ghabhadh. Choisich mi fad leth uair a thìde gu Ceann Loch Shubhairne, agus an uair sin bha agam ri suidhe sìos agus am bonn-bròige agam a cheangail ris a' bhròig le barail, gus nach tuiteadh e dheth. Bha fhathast 10km de dh'astar agus 700m de dh'àirde agam ri coiseachd.

Bha an t-uisge mìn ann agus bha mi gu math fliuch, uill bha mo sheacaid fliuch, ach bha e dìonach agus bha mo chasan uabhasach fliuch ged a bha mi air a h-uile rud a thiormachadh an oidhche roimhe. Bha mo bhriogais beagan fliuch cuideachd air sgàth 's nach robh i buileach dìonach. Thòisich slighe throm, chruaidh suas a' bheinn san uisge. A bharrachd air sin cha robh an iùil furasta idir. Bha agam ri bhith uabhasach cùramach gus nach caill mi slighe, oir bha tòrr shlighean is ceanglaichean ann, chan eil soighnichean ann agus gu tric chan eil na ceumannan idir soilleir. A bharrachd air sin 's e aon de na h-àiteachan as iomallaiche ann an Alba a th' ann agus chan e slighe a th' ann air an coisich mòran daoine. Chan fhaca mi duine fad an latha. Ach rinn mi an gnothach agus ràinig mi abhainn far an d' fhuair mi anail domhainn agus aran-coirce mus do shreap mi gun slighe sam bith suas chun a' bhealaich. Bha an làr bog-fliuch agus bha an craiceann air bonn mo chasan fliuch, bog agus goirt. 'S e crois a bh' ann agus thuig e ùine fhada le 100 stad air an rathad gus an do ràinig mi am mullach. Bha mi a' faireachdainn gu math sgìth agus lag, agus shuidh mi sìos is dh'ith mi rudeigin. Cha robh mi air mòran ithe fhathast, oir cha robh an t-acras orm agus bha an t-sìde agus na meanbh-chuileagan ro ghrod airson stad fad ùine fhada. Ach bha lùths a dhìth orm, mar sin dh'ith mi rudeigin milis. Bha mi ann an deagh shunnd an uair sin oir bha fios agam gum bithinn aig an rathad ann an uair gu leth eile agus nach biodh agam ri dèanamh ach dol sìos bhon uair sin. Bha e doirbh aig an toiseach ach às dèidh greis dh'fhàs e na bu rèidh agus ràinig mi ceum ceart, agus mus do sheall mi orm fhèin ràinig mi an rathad. Sguir an t-uisge gu ìre mhòir cuideachd agus bha mi air teacsa fhaighinn bho Rule, ag ràdh gun togadh e mi bhon rathad, ged nach robh mi idir an dùil ris. Thuirt e gum biodh e ag obair Didòmhnaich. Sin a' chiad turas a bha signal agam air an fhòn agam, agus gu dearbh, thàinig e gam thogail. Cha robh mo bhonn-bròige ach ceangailte ri aon oisean a-nis ach bha mo sheacaid cha mhòr tioram. Nuair a chuir mi mo bhrògan dhìom, cha robh an sealladh idir cho brèagha, ach ghabh mi fras, dh'òl mi 4 cupannan tì milis agus ghabh mi bracaist.

’S e cuairt sgoinneil a bh’ ann, agus tha mi toilichte agus beagan moiteil gun do rinn mi sin leam fhìn. Tha craiceann mo chasan fhathast beagan goirt, agus m' fhèithean rud beag rag, ach tha mi slàn fallain! Cuiridh mi dealbhan suas air Facebook a dh’aithghearr.

Seo mapa den chuairt gu lèir. https://maps.google.co.uk/maps/ms?msid=211547817128905254846.0004a8810d83eddfeada1&msa=0&ll=57.170503,-5.538483&spn=0.235639,0.727158

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Steffi1
Beiträge: 508
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Steffi1 » Mi Aug 07, 2013 3:23 am

Abair turas àlainn tarraingeach a bh' agad. :P Faodaidh tu a bhith uabhasach moiteil asad fhèin gu sònraichte air sgàth ´s gun robh thu leat fhèin air an t-slighe fad na h-ùine. Mòran taing gun du chuir thu na dealbhan suas air facebook. Tha na dealbhan air leth math agus chunnaic mi gun robh sìde caochlaideach ann. Tha fhios gu do ghabh thu tlachd anns an t-sealladh air mullach na beinne nuair a thàinig an sealladh tro na sgòthan aig a´cheann thall. Air aon làimh tha mi a´smaoineachadh a-nis gum biodh e air a bhith spòrsail rid thaobh le camara digiteach. Ach air an làimh eile tha mi toilichte nach robh mi ann nuair a dh'innis thu an sgeul na thachair ri taobh an uillt aig an darna latha. Nuair a thàinig a´mheanbh-chuileag fhuair mi an t-eagal agus cha bu toil leamsa a bhith nad àite. Bu choltach gur e seòrsa de phrìosan a bh´anns a´phoca agad. Bha tòrr foighidinn agad ged a bha i cho teth is mì-chofhurtail anns a´phoca. Cò shaoileadh a-nis gun robh e spòrsail a bhith air turas mòr mar eisimpleir le uisge trom aig an treas latha ? Feumaidh gun robh thu uabhasach toilichte nuair a thàinig Rule gad thogail aig deireadh an turais agad. Tha tòrr spèis agam dhut. Cha bhithinn idir comasach air cuairt chruaidh a dhèanamh. Tha fhios nach bithinn beò fhathast às dèidh sin. Ach ge-tà feumaidh mi aideachadh gur e tlachd dhomh leughadh cho math a bha thu agus tha faireachdainn orm gur e tìodhlac sònraichte a th´ann gu bheil thu cho ceangailte leis an nàdar. Tha mi cinnteach gun robh a´chuairt gad dhèanamh toilichte a-rithist. Tha dùil is dòchas agam gun leugh mi barrachd a dh'aithghearr.
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Do Nov 14, 2013 5:44 pm

Tha mi fìor thoilichte gun tèid mi air saor-làithean an ath-sheachdain. Tha i cho garbh, fuar is fliuch san eilean seo agus gur e deagh àm a th' ann falbh gu àite nas blàithe. Thèid mi a Lanzarote còmhla ri mo ghaol. Bha mi ann aon turas roimhe nuair a bha mi mu 6 bliadhna a dh'aois, agus chan eil cuimhne agam ach air a' ghainmhich ghil agus na dromadairean.

Bidh sinn a' fuireach air an dùthaich, fad air falbh bhon luchd-turais aig a' chosta. Bidh taigh snog againn agus amar-snàimh beag còmhla ri daoine eile. Tha mi a' smaoineachadh gum bi baile beag faisg oirnn gus am faigh sinn cothrom dol a-mach airson bidhe no cervesa air an oidhche.

Chan eil planaichean mòra againn ach fois a ghabhail, leughadh, snàmh, beagan coiseachd agus gabhail air ar socair. Bidh sin snog. Tha mi air beagan Spàinntis ionnsachadh gus an urrainn dhomh a bhith modhail ri daoine. Bu toil leam biadh ionadail fheuchainn agus dol gu taighean-bidhe snoga.

Tha mi a' dèanamh fiughair mhòr ris agus ged nach bi sinn ann ach 9 latha, bidh mi a' falbh bhon taigh fad cola-deug.

Chì mi an uair sin sibh!

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Isbeal » Fr Nov 15, 2013 1:06 am

Turas math dhut, a Shlèite!
:D

Pheint thu dealbh gu math tàlaidheach, cha mhòr RO thàlaidheach - 's dòcha gun tig sinn uile còmhla ribh .... :spors:

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mo Mär 10, 2014 11:51 am

O mo chreach! Às dèidh 6 mìosan de dh'uisge agus gèiltean, tha a' ghrian a-nis a' dèarrsadh. Chuir mi fios dhan oifis nach bithinn a-staigh fad 3 latha. Thèid mi a choiseachd! Bidh mo chèile ag obair ann an gleann iomallach, agus thèid mi còmhla ris. Fhad 's a bhios esan ag obair Dimàirt, thèid mise suas beinn, agus chì mi a-rithist e air an oidhche. Tha i a' dol a bhith brèagha fad greis! :)

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon mona nicleoid » Mo Mär 10, 2014 5:40 pm

Tha thu fortanach gu bheil iad ceart gu leòr le sin aig an obair agad! :D Tha mi an dòchas gum bi laithean brèagha agaibh.

Tha i grianach is blàth an seo cuideachd, dìreach an-dràsda fhèin tha mi nam shuidhe air a' bhalcon le lèine-t is sgiorta goirid orm. Tha e cho soilleir, tha e doirbh an sgrìon fhaicinn gu ceart. Bu chòir dhomh an coimpiutair a chur dheth agus norrag a ghabhal sa ghrèin.
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Micheal » Mo Mär 10, 2014 11:31 pm

Nach sibhse tha fòrtanach. às dèidh nan cuirmean-ciùil còmhla ri Tòmas agus Ann Heymann, tha mi ann an cabhaig leis an leabhar ùr agam. Feumaidh am manuscript a bhith aca an ceann trì seachdainean.
Agus feumaidh mi aiste a sgrìobhadh airson leabhair eile.....

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon mona nicleoid » Di Mär 11, 2014 11:25 pm

Dè an leabhar ùr agad, a Mhìcheil? Leabhar teagaisg eile? No leabhar gràmair? No rudeigin gu tùr eadar-dhealaichte?
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Do Mär 13, 2014 6:29 pm

Bha na làithean ann an Gleann Afraig dìreach àlainn. Cha robh cabhag sam bith oirnn agus bha a' ghrian a' deàrrsadh fhad 's a bha sinn a' coiseachd dhan ghleann. Thug e mu 3 uairean a thìde, ach cha do choimhead mi air an uaireadair idir. Thog sin teine aig an taigh an sin, agus chuir sinn coinnlean air feasgar. Bha e uabhasach cofhurtail, ged a bha i beagan fuar rè na h-oidhche. An ath latha chaidh mi suas beinn agus cha b' urrainn dhomh creidsinn cho fortanach is a bha mi. Bha sneachd air na beanntan agus bha i blàth agus grianach. Ge-tà, bha tòrr sneachda ann agus gu sònraichte air bruthaichean an tuath, bha cunnart maoim-sneachda ann, mar sin cha do chùm mi orm air an druim an sin, ach chaidh mi air ais sìos. AN uair sin choisich mi (ann an lèine gun ghàirdean agus le tòrr uachdair-ghrèine) gu Loch Afraig, agus air ais. An-dè ghabh mi air mo shocair agus choisich mi air ais dhan Mhormhaich. Bha mi cho tràth is gun do stad mi an siud 's an seo gus tlachd a ghabhail anns an t-sìde, agus aon turas bha mi fiù 's nam laighe sa ghrèin fad uair a thìde.
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Micheal » Do Mär 20, 2014 10:34 am

ochan ochan, agus mise ann an oifis gun solas nàdarra agus an t-sìde a cheart cho àlainn an-seo. :gulach:
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Sa Apr 26, 2014 4:57 pm

Ochan ochan! Bha mi dìreach air teacsa fada fada a sgrìobhadh agus an uair sin phut mi am putan ceàrr! Is dòcha gun sgrìobh mi a-rithist e uair eile.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » So Apr 27, 2014 10:21 pm

Seo a-nis, an teacsa agam a-rithist:

BHa mi uabhasach trang sna seachdainean seo chaidh. Chuir mi crioch air an tràchdas agam mu dheireadh thall, agus chuir mi a-steach e. Bha mi aig eireadh mo neirt aig an àm sin, ged a bha mi deiseil cho tràth.

An uair sin chaidh mi a champachadh còmhla ri mo ghaol. Bha an t-sìde brèagha agus chaidh gu àiteachan glè glè iomallach. An toiseach chaidh sinn mu 10km air an rothair. Chuir mi uachdar-grèine ormsa mhadainn agus dh'fhàg mi an stuth aig an taigh, oir bha mi bhaga cho làn agus cho trom co-dhiù, agus tha gach rud beag a'cunntadh. Co-dhiù, dh'fhàg sinn na rothairean aig ceann an rathaid agus choisich sinn suas bealach agus sìos gu loch. Cha deach sinn buileach ann, ach 's e Loch Maol Àrdach an t-ainm a th' air. Chaidh mi suas beinn an sin fhad 's a bha esan a' coimhead air eòin. Thàinig sinn ri chèile a-rithist feasgar agus chuir sinn an teant suas ri taobh aibhne agus bha feasgar brèagha againn.

An ath latha choisich sinn suas bealach agus an uair sin chaidh esan a' choimhead air eòin agus ghabh mise air mo shocair. Choischmi an aon slighe, ach glè glè shlaodach, a' stad an siud 's an seo, a'gabhail fois agus tlachd anns an latha brèagha. Gu mì-fhortanach bha a' ghrian a' deàrrsadh a-rithist agus loisg m' aodann. Chuir sinn suas an teant ann an àite brèagha far an robh sinn dà thuras roimhe. 'S e àite glè iomallach a th' ann, mòrn mhìltean chun an ath rathad. Bha feasgar brèagha againn ach aig an deireadh bha sinn a' sabaid, agus mar sin bha oidhche glè fhuar againn.

Bha sinn fhathast a' strì an ath mhadainn (agus bha dèigh anns a' bhotail uisge), ach mu dheireadh thall fhuair sinn fuasgladh, thuirt sinn duilich, agus bha a h-uile rud ceart gu leòr a-rithist. Ghabhs inn bracaist sa ghrèin às dèidh dha falbh gus coimhead air eòin laigh mise sa ghrèin fad uair a thìde eile (le lèine air m' aodann). An uair sin choisich mi air ais (12km) air mo shocair agus ghabh mi tlachd anns an latha. Bha a' ghrian a' eàrrsadh a-rithist, agus chuir mi an lèine agam anns an abhainn gach leth uair a thìde gus nach bithinn ro theth. Nuair a ràinig mi an t-àite leis na rothairean, bha mi a' feitheamh fad greis feuch an tigeadh e, ach cha tàinig, mar sin chaidh mi air ais gu slaodach. Fhuair mi biadh Sìonach nns a' Chaol agus chaidh mi dhachaigh agus cha robh mo ghaol fada air mo chùlaibh.
Cha dèan brògan tioram iasgach.


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast