Dè ur naidheachd?

Sleite
Beiträge: 1746
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mo Feb 20, 2012 9:53 pm

Bha deagh dheireadh-seachdain agam. Bha mi còmhla ri mo leannan bho fheasgar Dihaoine. Chaidh sinn air cuairt ghoirid a choimhead a-mach airson iolairean Disathairne agus air cuairt fhada Didòmhnaich. Choisich sinn bho Ghleann Ealchaig suas na monaidhean don Eas Ghlomach agus an uair sin dhan Mhormhaich. Chunnaic sinn iolair bhuidhe air a' bheinn. Bha e cho sàmhach agus bha sneachd ann. Bha e anabarrach brèagha. Ach bha mi uabhasach sgìth air an oidhche. B' fheàrr leam gun robh latha saor eile agam.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon NoClockThing » Mi Feb 22, 2012 11:59 am

:D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Micheal » Fr Feb 24, 2012 9:49 am

Tha mi fhìn a' teagasg aig Stòras-òran an-dràsda.
45 oileanach ann.
Glè mhath

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Sleite
Beiträge: 1746
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Fr Feb 24, 2012 1:11 pm

Gur math a thèid leat agus gum bi deagh spòrs agaibh!

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon NoClockThing » Sa Feb 25, 2012 3:00 pm

Sgoinneil! Tha mi toilichte gu bheil sibh cho soirbheachail :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Sleite
Beiträge: 1746
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mi Jun 27, 2012 1:25 pm

Tha mi air ais bho na saor-làithean agam. Bha mi ann an Nirribhidh agus bha e mìorbhaileach. Bha mi a' tadhal air banacharaid ann an Oslo agus chaidh an dithis againn dhan phàirc nàiseanta Rondane airson 4 làithean. Bha sinn a' coiseachd bho bhothan gu bothan (hytte). Bha tòrr sneachda ann fhathast ach bha i blàth agus air an latha mu dheireadh bha sinn a' coiseachd ann am briogais goirid agus lèine-t. Chaidh ar losgadh leis a' ghrèin beagan cuideachd.
Diluain, dhràibh sinn bho Oslo dhan phàirc nàiseanta. Thug e mu 4 uairean a thìde. Tha e eadar Bergen agus Oslo ach nas fhaide tuath. Bha an t-uisge ann ach cho luath 's a bha na brògan coiseachd oirnn sguir e agus bha i grianach fad na tìde. Thòisich sinn air coiseachd aig leth uair an dèidh sia feasgar agus ràinig sinn a' chiad bothan mu 9 uairean. Cha robh duine ann ach bha iuchair againn. Bha e glè chofhurtail agus blàth. An ath latha bha sinn a' coiseachd fad 5 uairean a thìde gu leth. Ghabh sinn air ar socair agus stad sinn gu tric airson dealbhan a thogail no cabadaich is ithe. Bha sneachd fhathast air pìosan den t-slighe agus air bruach na h-aibhne. Bha sin anabarrach brèagha. Ràinig sinn am bothan mu 4 uairean agus bha dithis às an Eilbheis ann. Bha e glè bhlàth oir bha an teine air. Ach taobh a-muigh cha robh i ach 6 degrees agus bha deigh air an loch.
An ath latha chaidh sinn suas beinn leis an ainm Storronden. Tha i os cionn 2000 meatair, ach tha an gleann àrd cuideachd. Cha tuig e fada ach nuair a bha sin mu leathach-slighe suas, thàinig na sgothan agus chan fhaca sinn dad sam bith. Chùm sinn oirnn dhan mhullach agus dh'fhuirich sinn an sin fad greis. Bha coltas ann gun atharraicheadh an t-sìde fhathast. Agus dh'atharraich dha-rìribh. Thàinig an sealladh as àile nuair a thog na sgothan agus bha mi air mo bheò-ghlacadh leis an àite. Thog mi tòrr dhealbhan. Ach bha i rud beag fuar an sin, mar sin bha againn ri falbh. Nuair a thàinig sinn sìos bha a' ghrian a' deàrrsadh agus bha deagh fheasgar againn taobh a-muigh a' bhothain. Bha e na bu bhlàithe cuideachd, a-nis 8 degrees ;-)
Diardaoin choisich sinn air ais an aon slighe. Stad sinn fad greis aig a' chiad bothan, ghabh sinn a' ghrian agus chùm sinn oirnn air ais dhan raon-parcaidh. Bha i teth dha-rìribh agus bha fìor deagh latha againn ged a bha an t-slighe fada. Dìreach ro dheireadh na slighe bha againn ri dol tro abhainn fuar, oir bha an drochaid air a briseadh.Bha e uabhasach goirt, ach gu fortanach bha fios againn fad an t-slighe gun tigeadh sin agus bha sinn deiseil air a shon.
Às dèidh sin bha fhathast 3 làithean againn ann an Oslo. Bha sinn ann an taigh-tasgaidh an t-sluaigh agus bha e uabhasach inntinneach. Chuir sinn seachad fad an latha an sin.

Bha na saor-làithean sgoinneil, ach a-nis tha mi toilichte a bhith air ais ann an Alba.
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon NoClockThing » Di Jul 10, 2012 3:11 pm

Tha mi fhìn fhathast air saor-làithean. Chaidh mi dhan Gearmailt gus na càirdean fhaicinn, gu Hamburg an toiseach is a-nis gu NRW. Tha e math a h-uile duine fhaicinn, ach bidh mi toilichte a bhith air ais ann an Alba nuair a thilleas mi. :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Sleite
Beiträge: 1746
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mo Jul 23, 2012 4:02 pm

Bha deireadh-seachdain glè inntinneach agam. Bha mi ann an Cille Brìghde an Ear còmhla ri mo leannan. Sin far an d' fhuair e àrach. Chaidh sinn ann airson bainnse, ach b' e deagh chothrom a bh' ann a bhith a' tadhal air an teaghlach aige. Thachair mi ris a phàrantan aon turas roimhe agus bha iad glè shnog, ged a tha iad gu tur diofraichte bho mo phàrantan-sa.

'S e caraid aige bhon chlub rugbaidh a bha a' pòsadh agus fhuair sinn cuireadh dol dhan dannsa air an oidhche. Bha an dannsa ann an togalach cianail fhèin spaideil faisg air Dùn Èideann, cha mhòr nach e caisteal a bh' ann. Cha bhithinn fhèin ag iarraidh banais cho daor sin! Bha na daoine uabhasach còir agus thachair mi ri bràthair mo leannain agus a bhean. Bha sin èibhinn. Cha tuirt i "Is math tachairt riut" no "Ciamar a tha thu?" ach "Aaaaaaaa tha thu cho brèagha!" Cha do thachair leithid de rud a-riamh rium! Bha na caraidean aige glè shnog, ach cha do chòrd a bhràthair rium idir. Bidh e ag òl cus agus cleachdaidh e cainnt dhrabasta.

Cha do chòrd e rium aig an taigh aige idir. Bha an TBh a' dol fad na h-ùine ged nach robh duine a' coimhead air. Chan eil TBh agam, mar sin chan eil mi cleachdte ri uimhir de dh'fhuaim fhad 's a tha thu a' feuchainn ri còmhradh a chumail. Bha nighean a bhràthar ann cuideachd agus fhuair ia h-uile rud a bha i ag iarraidh. Bha a mhàthair uabhasach còir, ach bha i gam chur beagan tuathal le bhith a' bruidhinn rium agus ri mo leannan mar gun robh sinn 5 bliadhna a dh'aois. Rinn i ceapairean dhuinn nuair a dh'fhalbh sinn agus bha i na leum fad na h-ùine a' feuchainn rudan a dhèanamh dhuinn. A bharrachd air sin bha mi a' faireachdainn gun robh an teaghlach air fad rud beag gòrach (ged a tha mo leannan gu math glic).

Madainn Didòmhnaich bha mi a' faireachdainn fo uallach. Bha mi a' smaoineachadh fada cus mun t-saoghal, mu mo dhèidhinn, mun dàimh againn, mu thogail chloinne agus dè thachradh san àm ri teachd nan robh agam ri bhith na b' fhaisge air an teaghlach sin. Bha e cho dona is gun robh mi a' rànail air an rathad dhachaigh. Ach bha mo leannan is mi fhìn a' bruidhinn fad ùine mhòr mu dheidhinn an t-suidheachaidh agus mhothaich mi nach eil e fhèin ag aontachadh leis a' mhòr-chuid a tha an teaghlach aige ris agus gu bheil sealladh air an t-saoghal gu math coltach againne ged a tha e cho diofraichte bhon teaghlach aige. Ach feumaidh mi fhèin ionnsachadh cuideachd gun a bhith cho trom air daoine eile agus feumaidh mi sgur feuchainn ris an t-saoghal a shàbhaladh. Bha mi cho toilichte gum b' urrainn dhomh bruidhinn ris mu dheidhinn sin agus gu bheil sinn a' tarraing air an aon ràmh.

(Faodaidh sibh seo eadar-theangachadh, ach feumaidh cuideigin eile sùil a chumail air, oir bidh mise a' dol air saor-làithean ann an dà latha, agus tillidh mi le tuilleadh sgeulachdan dhuibh)

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1746
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Di Aug 14, 2012 1:28 pm

Bha mi air saor-làithean a-rithist san Iuchar. Chaidh mi gu campa lùth-chleasachd cuibhle* anns an Òlaind. Bha mi a' dèanamh lùth-chleasachd cuibhle fad 13 bliadhna mus do ghluais mi a dh'Alba, ach cha do rinn mi mòran spòrs idir bhon uair sin.
Ràinig mi am baile Ede air Diardaoin agus bha tòrr dhaoine ann mar-thà, ach cha robh mi eòlach air gin dhiubh. Bha a h-uile duine glè òg, eadar 13 agus 18, ach bha fear no dithis nas sine. Bha sinn uile a' fuireach ann an talla-spòrs agus bha mu 40 leapannan ann an aon seòmar. Ach feumaidh mi ràdh gun do chuir e ionghnadh orm cho sàmhach agus a bha e tron oidhche. Bha teanta mòr taobh a-muigh far an do ghabh sinn ar biadh. Bha taigh-bidh a' dèanamh a' bhìdh dhuinn gach madainn, meadhan-latha agus feasgar, agus bha gu leòr ann. Bha sliseagan buntàta ann gach oidhche ach bha rudan na b' fhallain ann cuideachd. Cha do chòrd an lòn rium cho mòr oir bha rudan neònach air am praidhigeadh ann an tòrr ola ann.

Bho Dhihaoine bha sinn a' trèanadh eadar 2 agus 3 tursan gach latha. Bha diofar bhuidhnean ann agus diofar thallaichean airson diofar rudan. Bha baidhsagal aig gach duine (agus bha mu 200 ann!) airson faighinn dha na tallaichean. Bha an luchd-oide fìor mhath agus glè bhrosnachail agus thàinig iad bho dhùthchannan air feadh an t-saoghail. Cha robh leum thairis air a' chuibhle a' còrdadh rium idir agus cha deach mi ann ach aon turas. Bha mi a' faireachdainn ro shean air a shon agus leis nach bi mi a' dol gu co-fharpais a-rithist gu sìorraidh, cha robh mi airson bodraigeadh. Ach chòrd e rium gu mòr a bhith a' dol ann an loidhne dìreach (Geradeturnen) agus bha mi a' cheart cho math air is a bha mi 7 bliadhna air ais. Bha mi air rud beag de neart a chall agus cha robh mi buileach cho sùbailte, ach san fharsaingeachd dh'obraich e fìor mhath. Cha do rinn mi dona na bu mhotha a dhol gu snìomhach (Spiraleturnen), ged nach robh mi riamh math air sin.

Dihaoine chaidh mi gu bùth-obrach trampoilin agus chòrd sin rium glan. Bha tòrr spòrs agam agus b' urrainn dhomh a h-uile rud a dhèanamh fhathast a dh'ionnsaich mi aig an oilthigh bliadhnaichean air ais. Disathairne bha mi bochd. Bha mi air cur a-mach fad na h-oidhche agus cha robh neart sam bith agam an ath latha. Ach gu fortanach cha robh dad air a' chlàr-ama agam, agus mar sin chaidh mi air cuairt air a' bhaidhsagal tron phàirc nàiseanta. Didòmhnaich chaidh sinn uile air cuairt. Chaidh mi a dh'Amsterdam agus rinn sinn cuairt bàta tro na canalan. Chuala sinn tòrr mu dheidhinn eachdraidh agus cultar a' bhaile agus bha e uabhasach inntinneach.

Air adhbhar air choireigin bha m' amhaich rag bhon uair sin. Mar sin cha robh e cho furasta dhomh a bhith a' dèanamh lùth-chleasachd. Bha mi a' feuchainn beagan ach the e doirbh mur urrainn dhut do cheann a ghluasad. Bha mi uabhasach brònach agus feargach nach b' urrainn dhomh mòran a dhèanamh agus bha mi gu math goirt cuideachd. Chuir mi tòrr ùine seachad laighe sa ghrèin.

Diardaoin dh'fhalbh mi agus choinnich mi ri mo leannan air an trèana gu Koeln. Cha do thachair sinn ann an dà-rìribh, ach sin sgeul eile, agus ràinig sinn Koeln mu dheireadh thall. Chuir sinn seachad dà latha anns a' bhaile, chaidh sinn a-mach gu taigh-seinnse tradaiseanta agus gu taigh-seinnse faisg air an oilthigh gus am faiceadh e an cultar às a bheil mise. Choinnich sinn cuideachd ri cuid de charaidean agam agus bha e uabhasach snog am faicinn. Thadhail sinn air mo sheanmhair agus chaidh sinn air ais dhachaigh a dh'Alba Diluain.

Slèite


*Rhoenrad

Faodaidh sibh seo eadar-theangachadh....
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon NoClockThing » So Aug 19, 2012 6:44 pm

'S truagh gun do dh'fhàs thu tinn :(

Cha do rinn mi lùth-chleasachd, ach cha cuimhne agam nuair a fhuair an sgoil agam tampoilin ceart. Chòrd e rium glan, ach bha agam ri sgur dheth oir dh'fhalbh mo dhruim :boile:
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Isbeal
Beiträge: 1034
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Isbeal » So Aug 19, 2012 11:22 pm

Tha sin dìreach drùidhteach, a Shlèite!
:moladh:

Ach tha mi duilich mun trioblaid le d' amhaich - tha mi 'n dòchas gu bheil e nas fheàrr a-nis?

Sleite
Beiträge: 1746
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Sa Sep 01, 2012 7:30 pm

Tha mi ag obair an-diugh. Tha seachdain thrang romham agus bidh mi fiù 's ag obair a-màireach, ged as e Didòmhnaich a th' ann. Bidh na h-oileanaich ùra againn a' tòiseachadh agus bidh iad feumach air tòrr taic agus brosnachaidh gus am bi iad a' bruidhinn na Gàidhlig ri chèile. Bidh mi ag obair còmhla riutha fad na seachdaine. Ach ged nach eil e a' còrdadh rium a bhith ag obair aig an deireadh-sheachdain, tha an t-àm seo den bhliadhna a' còrdadh rium gu mòr. Is toil leam oileanaich ùra agus na rudan a nì sinn còmhla riutha.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1034
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Isbeal » So Sep 02, 2012 10:04 pm

'S e obair air leth cudromach a th' ann gu dearbh, leis gum feum iad fàs cleachte ri Gàidhlig mar chànan làitheil agus gum bi cleachdaidhean math aca bhon toiseach tòiseachaidh. Cùm ort leis! :moladh:

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon NoClockThing » Do Sep 06, 2012 5:24 pm

Tha mi 'n dòchas gun deach gu math leibh gu ruige seo is gun cleachd na h-oileanaich a' Ghàidhlig gu dìcheallach fad a' bhliadhna :D

Dè rinn mi fhìn an-diugh? Ùrachadh air an eadar-theangachadh phpBB is air na fòraman air an cleachd mi e. Abair latha tlachdmhor :roll: ach tha e deiseil a-nis! :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Sleite
Beiträge: 1746
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè ur naidheachd?

Beitragvon Sleite » Mo Jan 14, 2013 6:52 pm

Chaidh mi dhan Mhonadh Ruadh aig an deireadh-seachdain airson beagan spòrs air a' bhòrd-sneachda. Chan eil fhios agam an e sin am facal ceart, ach cleachdaidh mi e a-nis. Bha cùrsa aig mo chèile an sin co-dhiù, agus mar sin bha mi a' smaoineachadh gun rachainn còmhla ris. Bha mi airson sgitheadh ann an Alba fad bhliadhnaichean ach cha do rinn mi e riamh, air sgàth 's nach eil na h-àiteachan sgìthidh cho faisg orm, agus gu tric cha bhi sneachd gu leòr ann co-dhiù.

Cha robh mòran sneachda againn an t-seachdain seo chaidh agus bha i glè bhlàth. Mar sin chuir mi stuth airson a' bhùird-sneachda agus airson coiseachd sa chàr. Bha mi a' fuireach ann an ostail-òigridh ach cha robh ach 4rar ann agus bha seòmar agam dhomh fhìn. Bha mo chèile a' fuireach aig an àite far an robh an cùrsa, ach bha sin ro dhaor dhomh. Bha e rud beag gòrach ge-tà oir fhuair sinn a-mach gun robh dà leabaidh ann an seòmar mo chèile agus cha bhiodh fios aig duine sam bith nan robh mi a' fuireach ann.

Co-dhiù, rinn mi plana airson cuairt coiseachd agus fhuair mi fiosrachadh mun sgìtheadh, agus rinn mi co-dhùnadh sa mhadainn. Chaidh mi ann leis a' bhòrd-sneachda agam, agus bha e rud beag coltach ri àite anns na h-Alpan, ach fada nas lugha. Agus cha robh na daoine cho luath dol air an trèan no air an lioft. Ghabh daoine iongnadh mòr gun robh mi a' dol air leithid de bhòrd a bh' agamsa. Tha e glè shean agus mar a rinneadh anns na seann làithean, tha mise a' cleachdadh na bòtannan sgìthidh agam.

Aig an toiseach bha eagal mòr orm, oir cha robh mi eòlach air an sgìre agus tha mi glè glè dhona air a' bhòrd-sneachda. Dh'ionnsaich mi e nuair a bha mi 15, ach cha do rinn mi e tric gu leòr agus tha mi glè chugallach air. Ach dh'fhàs mi beagan na b' fheàrr às dèidh uair a thìde. Bha mi ann fad an latha a' dol suas is sìos na leathadan furasta, agus bha na daoine eile uile fada na bu mhiosa na mise. Cha do thachair sin rium riamh. Bha sin glè èibhinn. Thuirt fiù 's cuideigin rium "Tha thusa fìor mhath air seo" Gu dearbh fhèin cha tuirt duine sin rium riamh is mi cho cugallach is dona air a' bhòrd. Chùm mi a' dol gus an do dhùin iad aig 4 agus chaidh mi sìos. Bha an t-àite marbh an sin. Cha robh mòran daoine idir ann, cha robh bàr ann no daoine a' cabadaich. Bha e gu math neònach. Chaidh mi a thogail mo chèile agus chaidh sinn dhachaigh. Bha mi cho sgìth ri cù, agus an-diugh tha mi a' faireachdainn mo chuirp!

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 2 Gäste