Latha Feill Bhride

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Do Feb 01, 2007 12:02 pm

Tha Brighid no Bride ainmeil ann an dualchas nan Gaidheal. B' e ban-naomh a bha innte, agus roimhe sin bha ban-dhia ann leis an ainm seo cuideachd. Chaidh sgeulachdan mu Bhrighid a' bhan-naomh a sgrìobhadh ann an Seann Ghàidhlig anns na Meadhan Aoisean, agus a-rèir nan sgeulachdan seo rinn i mòran rudan iongantach, a' toirt leigheas do dhaoine is crodh, a' meudachadh aran, bainne, leann, is biadh eile, agus dh' fhàs a' ghaoth agus a' mhuir sàmhach nuair a sheinn i rann.

Is e Latha Feill Bhride a tha ann an ciad no dàrna latha a' Ghearrain. Bha iomadh seann bheus co-cheangailte ris an latha agus oidhche seo. Dhèanadh na daoine croisean Bhride à connlach, no liùdhag ann an cruth Bride, agus chuireadh iad fàilte air a' bhan-naomh no air a' bhan-dhia, gus an tig i a-steach dhan taigh san oidhche agus gun cuir i beannachd air na daoine agus air a' crodh. Chuireadh iad pìos fiodha sònraichte dhan teallach, agus bhitheadh lorgan no comharran Bhride rim faicinn air a' phìos sin an ath-mhadainn, coltach ri lorgan eòin.

Tha seann bheusan no cleachdaidhean sònraichte co-cheangailte ri "Lichtmess" no "Candlemass" anns a' Ghearmailt, ann an Sasainn no dùthchanan eile cuideachd. A bheil sibh eòlach air rudeigin?
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast