Dè an spam as fhèarr leibh?

Sleite
Beiträge: 1739
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » So Feb 07, 2010 1:48 pm

Tha sinn uile eòlach air an seòrsa post-d far a bheil rìgh ann an Nigeria air bàsachadh agus air sgàth 's nach eil duine eile ag iarraidh na milleanan aige, gheibh THUSA an-airgead.... ach seallaibh na fhuair mise!

A DHUINE UASAIL,

THA MI A' SGRÌOBHADH THUGAIBH AS LETH MO PHIUTHAR, A' BHEAN UASAL AISHA NICMBANE, BEAN CHEANNARD AR DUTHCHA, NACH MAIREANN, CEANN-ARMAILT SANNI MACMBANE. THA MI AN DÒCHAS GUN TUIG SIBH AN EIGINN AGUS NA DUBHLAIN A TH' AGAM AGUS AM FEUM A TH' ORM AIR CUIDEACHADH AGUS CO-OBRACHADH BHUAIBH.

IS MISE PRIONNSA ISA AHMED, BRÀTHAIR OG NA MNA UASAIL AISHA NICMBANE. LORG I AN SEÒLADH AGAIBH 'S I A' DOL TRO LEABHARLANN A FIR, NACH MAIREANN, AGUS THA MI AN DÒCHAS GUN DÈAN SIBH COBHAIR OIRNN.

'S E THA FA-NEAR DHOMH LE BHITH A' SGRÌOBHADH THUGAIBH FICHEAD MUILLION 'S A COIG DEUG DOLAIREAN AMEIREAGANACH A THOIRT A-MACH À NIGERIA AGUS A-STEACH DHAN CHUNTAS AGAIBH FHÈIN. BHA AN T-AIRGEAD SEO MAR PHÀIRT DEN AIRGEAD A LORGADH ANN AN SEÒMAR PRÌOBHAIDEACH A FIR, NACH MAIREANN.

CHO LUATH 'S A CHAOCHAIL E AN-UIRIDH, THUG I BRATH DHOMH, ON AS MISE A RUITHEAS A' MHÒR-CHUID DEN GHNIOMHACHAS DHÌOMHAIR AICE AN DÀ CHUID AN SEO ANN AN NIGERIA AGUS THALL THAIRIS, AGUS ON A CHUIREAS I TORR EARBSA ANNAM, AGUS CHAIDH AGAINN AIR AN T-AIRGEAD A CHUR ANN AN CISTE MEATAILT GLAISTE DÌOMHAIR GUS AM BI AN T-SUIDHEACHADH RITHIST CIÙIN.

AN DRÀSTA, THA AN CEAN-ARMAILT, ABDUSALAMI MACABUBAKAR, NACH EIL ANN TUILLEADH, STAD A CHUR AIR NA CUNTASAN AGAINN UILE AIR SGÀTH CHASAIDEAN DE CHREACHADH AIRGEAD AR DUTHCHA FHÌN LE FEAR-SE, NACH MAIREANN, AN CEAN-ARMAILT SANNI MACMBANE.

ACH GU FÒRTANACH DHUINNE, THA SINN NISE FO RIAGHALTAS DEMOCRATAIGEACH AGUS 'S E SEO AN COTHROM AGAINN AN T-AIRGEAD A THOIRT A-MACH À NIGERIA.

THA SINN DEÒNACH TRICHEAD SA CHEUD DEN AIRGEAD A THOIRT DHUIBH AS DÈIDH A' GHNOTHAICH AIRSON UR CO-OBRACHAIDH. CHA LEIG SIBH LEAS ACH GEALLTAINN DHOMH GU BHEIL SIBH COFHURTAIL DEILGEADH LEIS NA TH' ANN DE DH'AIRGEAD, AGUS GUN URRAIN DHOMHSA EARBSA A CHUR ANNAIBH.

NA GABHAIBH DRAGH A BHEIL CUNNART SAM BITH AN SÀS, OIR THA MISE AIR GACH NÌ A CHUR AIR DÒIGH AN SEO ANN AN NIGERIA.

THA MI AIRSON 'S GUN SGRÌOBH SIBH THUGAINN AIR A' PHOST-DEALAIN AGAINN SA BHAD MA THA SIBH DEÒNACH CUIDEACHADH / CO-OBRACHADH 'S GUN URRAINN DHOMH AM FIOSRACHADH GU LÈIR A CHUR THUGAIBH AGUS COINNEAMH A CHUR AIR DÒIGH ANNS AN URRAINN DHUINN BRUIDHINN GU MIONAIDEACH AIR MAR A GHLUASAS SINN AN T-AIRGEAD.

MU DHEIREADH THALL, THA MI A' CUR EARBSA ANNAIBH GU BHEIL SIBH A' TUIGSINN CHO CUDROMACH 'S A THA E GUM BI SEO AIR A CHUMAIL DÌOMHAIR.

THA FADACHD ORM GUS CLUINNTINN BHUAIBH AGUS THA MI AN DÒCHAS DEAGH CHOMPAIRTEACHAS A STEIDHEACHADH CÒMHLA RIBH.

'S MISE LE MÒR-MEAS
AM PRIONNSA ISA MACAHMED


Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » So Feb 07, 2010 9:43 pm

Tha cànan beò ma gheibh thu spam ann :lol:

MU DHEIREADH THALL, THA MI A' CUR EARBSA ANNAIBH GU BHEIL SIBH A' TUIGSINN CHO CUDROMACH 'S A THA E GUM BI SEO AIR A CHUMAIL DÌOMHAIR.

Nach tusa a tha mì-mhodhail a' foillseachadh seo a-nis! :P
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mo Feb 08, 2010 8:55 am

Tha am Prìonnsa a' sgrìobhadh ann an GOC! Chan fhaigh e dad bhuam-sa.


Mìcheal :)
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Sleite
Beiträge: 1739
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Mo Feb 08, 2010 12:22 pm

Saoil cò bh' ann... chan eil mòran ann a sgrìobhas ann an Gàidhlig ealanta mar sin... feumaidh mi ràdh gun robh mi a' smaoineachadh ortsa an toiseach, a Mhìcheil, oir tha a' Ghàidhlig agad agus an fhealla-dhà.... ACh tha thu ceart mun GhOC...

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1029
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Mo Feb 08, 2010 1:09 pm

'S ann dìcheallach a bha cudeigin an sin, gu dearbh fhèin!!

Feumaidh gun robh spòrs gu leòr aige /aice le sin! :lol:

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Feb 09, 2010 10:20 am

Agus a h-uile rud ANN AN LITRICHEN MÒRA!

Uill, ged a tha GOC air tha agus sràcan air ann a h-uile dòigh :lol:
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Feb 09, 2010 10:45 am

Is dòcha gun do rinn Akerbeltz e 8)
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Di Feb 09, 2010 5:20 pm

mona nicleoid hat geschrieben:Is dòcha gun do rinn Akerbeltz e 8)


Cha dèanadh e mearachdan mar sin:

AN CEAN-ARMAILT, NA CUNTASAN an àite ceann-armailt agus cunntasan

Mìcheal


FS: Ach tha e math co-dhiubh
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Feb 09, 2010 6:24 pm

Abair sùilean geura a tha agad! Cha do mhothaich mi sin idir 8)
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Do Feb 11, 2010 11:08 am

mona nicleoid hat geschrieben:Abair sùilean geura a tha agad! Cha do mhothaich mi sin idir 8)


ma cheartaicheas tu deuchainnean a h-uile latha gheibh thu sùilean na h-ìolaire :)


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Feb 12, 2010 10:11 am

Cuibhle-fortaine sa Ghàidhlig: "Ceannaichidh mi h!"
'S e saoghal a th' anns gach cànan

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Dè an spam as fhèarr leibh?

Beitragvon NoClockThing » Do Mai 26, 2016 12:12 am

Uill, thug am post-d seo 6 bliadhna gus Beinn Na Faoghla a ruigsinn...

http://www.bbc.co.uk/news/uk-scotland-h ... s-36286053
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast