Dè an spam as fhèarr leibh?

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Sep 14, 2007 6:24 pm

Gheibh mise mu 50 post-dealain spam gach latha. Uaireannan cha ghabh iad tuigsinn - is ann ann an Rùisis a tha iad - ach tha an còr ri thuigsinn ceart gu leòr.
Tha iad airson rudan a réic dhomh - càraichean, ceum acadaimigeach, bod nas fhaide agus cìochan nas motha.
Nisde: Tha fhios gu bheil sinn a' tighinn beò ann an saoghal iomadh-fhillteach gun teagamh ach dè nìthear le bod nas fhaide agus cíochan nas motha aig an aon àm?
Fáilte gu Silicon Valley! (neo silicon Bhallaigh ann an Uibhist a Tuath:-)
Am faigh mi nas saoire iad ma cheannaicheas mi ceum acadaimigeach a bharrachd?
Neo am fear á Afraga a tha cho beartach ri Sultan ach gu mì-fhortanach chan fhaigh e gréim air a chuid airgid mura faigh e toiseach toiseachaidh 30.000 Èoro bhuamsa.

B' fhéarr leam nan sgrìobhadh Imelda Marcos thugam ag iarraidh airgid airson brògan ùra a cheannachd.
Bhitheadh mu 5000 paidhir de bhrògan aice nuair a bha i a' fuireach ann an lùchairt mar bean prìomhaire ann am Manila an uair sin. an-diugh chan eil ach 20 paidhir aice. Mo thruaighe oirre!

Tha mi cinnteach gum faigh sibh fhéin spam cuideachd. Dè an fheadhainn as fhèarr leibh? Dè an fheadhainn a tha èibhinn?
Tha mi a' déanamh fiùghair mhòr ri leughadh mar a thachair dhuibh.


Mìcheal

a tha riaraichte leis a chuid chìochan :-))
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Fr Sep 14, 2007 10:04 pm

Cha bu chòir eagal a bhith ort ro spam a charaid. Cheannaich mise bod as ùir agus cìochan agus abair thusa gur e goireasan sgràthail fhèin math a th'annta. Tha farmad agam ort ge-tà cha d’fhuair mi dad a bha a’ tairgseach ceum acadaimigeach dhomhsa. An urrainn dhut fios a chur thugam. Ann an ùine nach bi fada bidh beagan airgid agam, bidh mise a’ cuideachadh fear snog o Nigeria gus $23,000,000 a ghluasad bho chunntas-banca san Eilbheis. Agus leis an toradh as a sin bidh cothrom ann gus ceum a cheannaich. A bheil fear Gearmailtis aca?
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Sep 14, 2007 10:07 pm

Am fear is fhèarr leam: Tha fios acasan ciamar a ghabhas mi cleachd leis na boireannaich fad na h-oidhche!

Bi nad mhillean-fhear ann an 15 mion! :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

tearlach_alascanach
Beiträge: 35
Registriert: Mo Aug 07, 2006 4:55 am

Beitragvon tearlach_alascanach » Fr Sep 14, 2007 10:28 pm

Feumaidh mi aideachadh nach eil mi a' faighinn cuid de spam idir cho inntinneach sa tha thusa a' faiginn. 'S e seoladh 'hotmail' a th'agam agus tha, a-nis, còig p-d san roinn 'Junk', a' ciallachadh cha d'fhuair mi ach 5 fad na seachdainn sa dh'fhalbh. Agus a bharrachd air a sin, chan eil guth air stuth a dheanadh cìochan 's bodan nas motha. Chan eil mi airson a bhith bragail ach 's dòcha gu bheil fios aca gu bheil ar chuid cìochan 's bodan mòr gu leòr mar tha ;) 's gum biodh iad a' caitheamh an cuid ùine.

Chuck

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Sa Sep 15, 2007 12:17 pm

Nam biodh thu ag iarraidh spam a bharrachd fhaighinn, b' urrainn dhomsa an seòladh post-d agad fhoillseachadh Bild
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Sep 19, 2007 9:04 am

Dìreach sa mhadainn an-diugh fhèin thàinig brath a-staigh bho Thamara às an Rùis. Sgrìobh i gur ann an-dè a bha Sex da-rìreabh aice sa chiad uair a-riamh, as dèidh dhi xyz ithe is gun do dh' fhàs a bod seasmhach is làidir.
Feumaidh gur e pillichean neonach a th' annta a dh' adhbharaicheas seasmhachd gu h-ìosal ach cuideachd seòrsa atharrachadh gnè is inntinn gu h-àrd.
Is iad na Rùisich a tha cho cruathachail leis an cuid stuth ceamaigeach
Neo an e buaidh Thearnobuil a th' ann?
Cò aig tha brath.....
:) Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mi Sep 19, 2007 9:51 am

Fhuair mi torr freagairtean do theachdaireachdan nach sgrìobh mi riamh an-diugh... no am biodh mi cho dìochuimhneachail? :shock:
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Sep 19, 2007 10:18 am

Nach bitheadh e inntinneach na ceistean a chruathachadh an uair sin?

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mi Sep 19, 2007 11:44 am

Biodh, ach tha mi den bheachd gum faigh mi spam gu leòr mu thrath...

Biodh e èibhinn spam a chur thucasan co-dhiù :P
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Sep 19, 2007 11:51 am


Biodh,



Bhiodh neo bhitheadh



Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Do Sep 20, 2007 11:19 am

Tapadh leat :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Sa Sep 22, 2007 7:17 pm

Tha daoine inntinneach a' clàradh dhan bhòrd-bràth seo cuideachd na laithean seo ;) "Dotairean", a-rèir coltais... le leigheasan annasach.
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Di Nov 27, 2007 3:59 pm

Engr. thomas brown,
(late), made you a eneficiary in his will, he left
Thirteen Million five Hundred thousand United States Dollars
(US$13.5MUSD) to you in the codicil and last
testament to his will.


Sin a fhuair mi an-diugh. Tòmas MacIlleDhonn nach maireann, abair duine a bh' ann agus esan cho beartach gum fàs mileannan eile a fhuair am pd seo toilichte gus bris an latha...



Mìcheal :)
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Nov 27, 2007 4:23 pm

eneficiary? Dè th' ann?

Abair duine bochd a bh' ann le tòrr airgid agus gun Bheurla mhath aige :P
'S e saoghal a th' anns gach cànan

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Di Nov 27, 2007 11:24 pm

(US$13.5MUSD) Faodaidh tu sianal gàidhlig a chur air bhog a-nis! BBC dùin an doras air ur rathad a-mach ;)
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?

Reul Chearbach Air Chuairt

http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf



Agus blog ri fhaicinn aig:

http://inbhirnarann.blogspot.com/


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast