tha mi a' sgrìobhadh aiste mu dheidhinn eachdraidh chuid ainmean àite ann an Roinn-Eòrpa a Tuath, agus chan eil mi buileach toilichte leis na rudan a fhuair mi a-mach gu ruige seo.
a Cheud no Kurt, no daoine eile, 's dòcha gu bheil smaoin no dhà agaibh, no comhairle beag thugam...
Am measg rudan eile, tha mi a' rannsachadh cò às a thàinig na ainmean "Orkney", "Hebrides" agus "Thule", cuin agus càite an robh i air cleachdadh, agus an robh ainmean eile air na àitean sin cuideachd. Tha a h-uile rud mu dheidhinn àm nan Ròmanach agus Meadhan Aoisean! Tha mi ag iarraidh faighinn a-mach mu dheidhinn contact / exchange eadar Ceiltich is Ròmanaich, agus Ceiltich is Lochlannaich
Lorg mi mòran fiosrachadh, ach tha beagan primary sources a dhìth orm... leugh mi mòran rudan dìreach ann an leabhraichean ùra mu dheidhinn dè sgrìobh iad anns na linntean 'sa chaidh, ach cha do lorg mi mòran original texts / mentioning - gu h-àraidh mu dheidhinn na rudan seo:
- dè na h-ainmean a bha aig na h-Èireannaich airson nan Eileanan Siar, Arcaibh agus Shetland mus tàinig na Lochlannaich?
- càit an lorg mi primary sources bho manachan Èireannach a sgrìobh mu dheidhinn "Thule" (leugh mi gun robh iad a' cleachdadh an ainm sin)? Mar eisimplir rudan a sgrìobh duine air an robh an t-ainm Dicuil anns an ochdamh linn.
- dè na h-ainmean a bha aig na h-Èireannaich airson dùthaich nan Lochlannach? Dìreach Lochlann? Agus cò às a thàinig an ainm sin?
Bithinn uabhasach toilichte nam faighinn beagan comhairle mu dheidhinn seann teacsan... gu h-àraidh rudan meadhan-aoiseanach à Èireann... tha e nas fhasa leis na Ròmanaich, agus na Lochlannaich, fhuair mi a-mach mòran rudan bhuaca.
Mòran taing!

mona