Lough = Loch

Sprachgeschichte, -entwicklung, -wissenschaft zu Gälisch und indo-europäischen Sprachen
Gast

Beitragvon Gast » Di Aug 10, 2004 1:10 pm

Chunnaic mi àite direach fo am balla romanach ris an canar 'Crag Lough' - A bheil 'lough' a'tighinn dhan Beurla bho na lochlannaich?


Graisg

Gast

Beitragvon Gast » Di Aug 10, 2004 2:21 pm

Feumaidh gu bheil freumh indo-eòrpach a tha air an fhacal seo. Chan e linguist a th`annam ach chì thu am facal ann an iomadach cànan `san Roinn Eòrpa
lacus - Laidin
le lac - Fraingis
lake - Beurla
lago - Eadailtis
loch - Gàidhlig
lough - Gaeilge
laach - ainm-àite faisg orm far a bheil loch mòr
an Laacher See
a.m.s.a.a.

dùrachd
Mìcheal

FS: Tha mi duilich, nach do choinnich sinn ann an Alba am bliadhna. Cha robh thusa ann an Inbhir Nis nuair a bha mise ann. An ath thuras...

Gast

Beitragvon Gast » Di Aug 10, 2004 9:53 pm

Ceart ma tha a Mhichael,
Tha mi ann an sasainn an dràsta - rinn me 124 miles air an t-slighe Phennine bhon Kirk Yethom anns na criochan - d'fhuair mi cus 'blisters' 's chaidh mi dhan Darlington 's treana gu deas 's ceilidh air mo bhrathair - chì mi thusa aon latha gun teagamh - co dhiù bha mòran ainmean àitechean beurla air am balla romanaich ach bhuail 'crag lough' orm mar rudeigin ceiltich.
Tioraidh
Des/Gràisg

Gast

Beitragvon Gast » Fr Aug 13, 2004 7:25 pm

Hei, a Ghraisg,

MDN mun 124 mìltean (gso, taing don Shealbh gur thusa a rinn sin agus cha mhise).

Ciamar a chaidh "(Crag) Lough" a fhuaimneachadh? Loch neo luff?

Tha sin 'gad ionndrainn 'san t-seòmar!

Ceud.

Gast

Beitragvon Gast » Fr Aug 13, 2004 7:41 pm

Feasgair math a Cheud, 'luff' mar rough? :-) Chan eil càil fhios agam. Dh'fuireach mi aon oidhche ann an àite ris an canar Belligham - chaidh sin air a fhuaimneachadh mar Belling-jum anns a'Bheurla! A bheil fhios agad gu bheil bratach aca-fhèin ann an Nothumberland an dràsta - buidhe 's orains. Sin agad e bhumsa a nochd :-)


Zurück zu „Keltisch-Linguistisches“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast