sgeulachd seann ghàidhlig

Sprachgeschichte, -entwicklung, -wissenschaft zu Gälisch und indo-europäischen Sprachen
mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Sa Aug 14, 2004 6:26 pm

a charaidean,
tha mi a' leughadh sgeulachd ann an seann ghàidhlig èireannach "scél mucci mic dathó", agus tha mi a' smaoineachadh, ged as cànan doirbh a th' ann, nach eil e cho eadar-dhealaichte bho gàidhlig albannach an-diugh.
chan eil mòran fios agam mu dheidhinn seann ghàidhlig fhathast, ach tha mi a' faicinn gu bheil mi a' tugsinn mòran faclan.

mar sin, bha mi a' smaoineachadh gur dòcha gu bheil ùidh aig cuideigin eile an-seo anns an seann chànan, agus a dh' fhaicinn ciamar a tha e càirdeach ri gàidhlig.

cuiridh mi a' chiad caibideil den sgeul an-seo, agus feuchaidh mi ri sgrìobhadh eadar-theangachadh anns a' ghàidhlig fo gach seantans.
bhitheadh mi toilichte nam bitheadh ùidh aig daoine eile (ceud mac magach? ;) ) cuideachadh agus innse dè a tha iad a' smaoineachadh...

Boí rí amra for Laignib, .i. Mac Dathó a ainm.

Bha rìgh ainmeil air (?) Laighnibh (Leinstermen), Mac Dathó (a) ainm (= an t-ainm air)

Bui cú oca. No-ditned in cu Lagniu uile.

Bha cù aige. Dhìonaicheadh an cù Laigin (Leinster) uile.

Ailbe ainm in chon, et lán hEriu dia aurdarcus.

(Is) Ailbhe ainm a' choin, agus (bha) Èireann làn (...?)

Tancas o Ailill ocus o Meidb do chungid in chon.

Thàinig (daoine?) bho Ailill agus bho Medb ag iarraidh (?) an cù.

I n-oen uair dano tancatar ocus techta Conchobair mic Nessa do chungid in chon chetna.

An aon uair (= aig an aon am) cuideachd thàinig agus teachdaire Conchobair mhic Nessa ag iarraidh an cù ceudna (an aon chù).

Ro-ferad failte friu uile, et ructha chuci-sium isin mh-bruidin.

... (?) fàilte riutha uile, agus (? participle "beir") (= bha iad air an cur?) thuige-san anns an talla.

... tha mi ro leisg airson tuilleadh an-dràsda. dè ur beachdan? 's dòcha gu bheil cuid mearachdan ann. bu toigh leam leughadh bhuaibh :)
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Gast

Beitragvon Gast » Sa Aug 14, 2004 10:00 pm

A Mhona, ma leughas tù nas fhaide, lorgaidh tù mi !!! Agus mo dhuanag fhèin cuideachd.

et lán hEriu dia aurdarcus ... agus (bha) Eire làn dhan chliù aige?

(Bha e 'ardderchog' gun teagamh HEHEHH. :D )

'S e teacsa sgoinneil agus air leth èibhinn a th'ann an SMMD 'nam bharail-sa.

Ceud.


Zurück zu „Keltisch-Linguistisches“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast