dathan / farben / colours

Sprachgeschichte, -entwicklung, -wissenschaft zu Gälisch und indo-europäischen Sprachen
mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Mär 09, 2005 10:58 pm

Bha mi a' smaoineachadh mu na faclan airson nan dathan anns a' Ghàidhlig. Tha iad glè inntinneach, o chionn 's gu bheil cuid dhiubh gu math sònraichte, chan eil iad mar ann an cànanan eile.

Bha mi a' feuchainn ri ceangal a lorg eadar na faclan Gàidhlig agus faclan ann an cànanan mar Gearmailtis, Beurla, Seann Ghearmailtis, agus Laidinn...

geal - tha am facal sin a' ciallachadh "weiß / white" ann an Gàidhlig an-diugh, ach bha mi a' smaoineachadh a bheil e co-cheangailte ri faclan mar "gelb / yellow"? Seallaibh seo:
Seann Bheurla: geolu
Seann Ghearmailtis: gelo
Seann Lochlannais: gulr
Proto-Germanisch (glè sheann Ghearmailtis ;) ): *gelwaz
Innseach-Eòrpach ( ;) ): *ghel
'S dòcha gun robh am facal sin a' ciallachadh dath soilleir sam bith an toiseach, agus dh' atharraich an ciall anns na cànanan eadar-dhealaichte?
Ann an Seann Ghàidhlig Èireannach, tha trì faclan ann airson an dath geal: bán, finn agus ge(a)l. Chan eil fhios agam an-dràsda dè an eachdraidh a tha anns na faclan bán agus finn. Tha bàn air a chleachdadh anns a' Ghàidhlig an-diugh cuideachd, ach mar eisimpleir airson falt soilleir, nach eil?

Dè ur beachdan? Sgrìobhaidh mi tuilleadh mu na dathan eile uair eile.
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Gast

Beitragvon Gast » Do Mär 10, 2005 10:59 am

Ann's an Ghaeile na hÈireann, tha bán dìreach a' ciallachadh "weiß/white":
"dath an tsneachta nó an bhainne". Tha fionn cleachdte ris an dath na gruaige (tha mi duilich: dath am fuilt!), ach cuideachd:
"glan, soiléir; (le gruaig) geal, bán, éadrom i ndath".

Geal: "ar dhath an tsneachta nó an aoil; ar dhath an airgid; cosúil le solas an lae nó na gréine; glan, sona; áthasach, geanúil (anam geal, gáire geal, a ghrá geal, is geal an scéal liom é)". 'S e "leuchtend/shining" a tha ann am prìomh chiall dhen fhacal seo, tha mi a' creidsinn. Tha ceangal eadar geal agus gealach cuideachd: Tha solas na gealaich geal (agus coltach ri dath an airgead cuideachd: "Silber").

Tha facail eile ann an Seann-Ghàidhlig airso "weiß": "gabor", ach chan mòran eil fhios agam mu dheidhinn (seall air http://www.smo.uhi.ac.uk/gaeilge/foclora/duil-belrai/lorg.php", Faclair Seann-Ghàidhlig le Dennis King).

Lorg mi na eisimpleirean Ghaeilge an-seo: http://www.fainne.org/focloir/ ("Am Foclóir beag" bho an Gúm, buidheann oifigealach Èireannach).

Cuir sùil aig Faclair MhicBheathain cuideachd (MacBain), an aon ceangail aig SMO: http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/macbain/ agus air-loighne: http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/sbg/lorg.php agus atharraich an an "list-box" "Rùraich an..."

Olaf

Gast

Beitragvon Gast » Di Mär 15, 2005 6:25 pm

geal - tha am facal sin a' ciallachadh "weiß / white" ann an Gàidhlig an-diugh, ach bha mi a' smaoineachadh a bheil e co-cheangailte ri faclan mar "gelb / yellow"? Seallaibh seo:
Seann Bheurla: geolu
Seann Ghearmailtis: gelo
Seann Lochlannais: gulr
Proto-Germanisch (glè sheann Ghearmailtis ;) ): *gelwaz
Innseach-Eòrpach ( ;) ): *ghel

'S dòcha gun robh am facal sin a' ciallachadh dath soilleir sam bith an toiseach, agus dh' atharraich an ciall anns na cànanan eadar-dhealaichte?
Hallo, a Mhona!

B'e sin am freumh a bha 'nam inntinn nuair a thug mi tarraing air "slata" - gold, gilt, Geld, geallach, zloty amsaa. Tha mi a' dol leat mun chiall. Ach tha seòrsa de chuimhne 'nam cheann gu bheil trìoblaid ann leis a' chiad fhuaim 'san fhacal - cha bu chòir do "gold" agus "yellow" 'sa Bheurla thighinn bho'n aon fhreumh, m.e. 'S dòcha gu bheil dà fhreumh co-ionnann ann. Dè tha ar caraid seannfhasanta JP ag ràdh? :D


Ann an Seann Ghàidhlig Èireannach, tha trì faclan ann airson an dath geal: bán, finn agus ge(a)l. Chan eil fhios agam an-dràsda dè an eachdraidh a tha anns na faclan bán agus finn. Tha bàn air a chleachdadh anns a' Ghàidhlig an-diugh cuideachd, ach mar eisimpleir airson falt soilleir, nach eil?
Té bhàn, té bhàn, té bhuidhe bhàn heheh.

Finn = Cuimris gwyn < *windos; cf. Uindobona = Vienna; ach saoilidh mi gun robh facal neo ainm Lochlannais cuideachd de'n chumadh seo, oir tha iomadh duine Lochlannach ann de'n ainm Finn, nach eil?

Le meas,

Ceud.

FS. Amhlaoibh, chan fhaca mi SE gabor riamh roimhe - math fhèin! Mar sin, bhiodh 'a white goat' = gabor gabor 'san SE? :P


Zurück zu „Keltisch-Linguistisches“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast