Schreckschraube o. ä.

Übersetzungen ausschließlich für Lerner, keine Tattoos, Sprüche etc. Jede Übersetzung ist eine freiwillige Leistung
Naosg
Beiträge: 69
Registriert: So Mär 19, 2017 8:28 pm

Schreckschraube o. ä.

Beitragvon Naosg » Do Jan 30, 2020 10:35 pm

Feasgar math,

Tha mi a' lorg droch fhacal airson boireannach crosta, leithid "Schreckschraube" sa Ghearmailtis. Na gabhaibh dragh, chan eil mi airson sin èigheachd air duine sam bith :D 'S ann airson sgeulachd a tha e.

Lorg mi "sgrog caillich" san Fhaclair Bheag agus chòrd e rium sa bhad, ach a bheil e freagarrach? A bheil e a' tarraing air coltas no caractar cuideigin? No a bheil sibh eòlach air facal eile a chleachdadh sibh anns a' cho-theacsa seo?

Mòran taing,

Naosg

Isbeal
Beiträge: 1034
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Schreckschraube o. ä.

Beitragvon Isbeal » Di Feb 25, 2020 12:21 am

Chan eil mi eòlach air "Schreckschraube" sa Ghearmailtis, ach chan eil sgrog caillich cho bitheanta, ged is e facal snog cruthachail a th' ann! (Coltas is caractar, chanainn-sa - sean, seacte, biorach)

Tha mi eòlach air gobag a thèid a chleachdadh airson boireannaich le teanga bhiorach, sean no òg. (Gob = Schnabel)

Naosg
Beiträge: 69
Registriert: So Mär 19, 2017 8:28 pm

Schreckschraube o. ä.

Beitragvon Naosg » Do Mär 05, 2020 10:04 pm

Mòran taing, Isbeal, tha seo inntinneach! 'S e facal cruthachail a th' ann an "Schreckschraube" cuideachd, thèid a chleachdadh airson boireannach a tha an-còmhnaidh crosta agus cas. Bha mi a' sgrìobhadh sgeulachd san robh sgoilearan a' cur sìos air tidsear a bha a' trod riutha. Am biodh "gobag" freagarrach anns a' cho-theacsa seo?

Isbeal
Beiträge: 1034
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Schreckschraube o. ä.

Beitragvon Isbeal » Fr Mär 06, 2020 2:40 am

Tha mi a' smaoineachadh gur e "bissig" a th' ann an biorach, agus mar sin, bhiodh gobag (boireannach biorach) ceart gu leòr.

Naosg
Beiträge: 69
Registriert: So Mär 19, 2017 8:28 pm

Schreckschraube o. ä.

Beitragvon Naosg » Fr Mär 06, 2020 1:52 pm

Mòran taing, Isbeal! :flur:

Sleite
Beiträge: 1745
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Schreckschraube o. ä.

Beitragvon Sleite » Mo Mär 09, 2020 12:47 pm

Glè inntinneach! Gobag. Tha mi 'n dòchas nach e sin na tha aig na h-oileanaich ormsa!
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Naosg
Beiträge: 69
Registriert: So Mär 19, 2017 8:28 pm

Schreckschraube o. ä.

Beitragvon Naosg » Mi Mär 25, 2020 8:05 pm

Ò, tha mi cinnteach nach bi iad ag ràdh sin a Shlèite :D Chan e gobag a th' annadsa!

Sleite
Beiträge: 1745
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Schreckschraube o. ä.

Beitragvon Sleite » Di Mär 31, 2020 10:42 am

Shaoilinn nach bi a h-uile duine ag aontachadh le sin. Gu sònraichte nuair a bhios agam ri cur nan cuimhne gur e àite Gàidhlig a th' ann an SMO :balla:
Cha dèan brògan tioram iasgach.


Zurück zu „von Deutsch gu Gàidhlig“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast