Feasgar math,
Bha caraid dhomh airson seo a ràdh anns a' Ghàidhlig: "Wann hast du das letzte Mal etwas zum ersten Mal getan?"
Chan eil sinn buileach cinnteach ciamar a tha sin ag obair a thaobh a' ghràmair: "Cuin a b ’e an turas mu dheireadh a rinn thu rudeigin a’ chiad uair?"
No is dòcha "Cuin an turas mu dheireadh..."? No rudeigin eile?
Bhiodh e sgoinneil nam b' urrainn dhuibh ar cuideachadh.
Mòran taing ro làimh!
Naosg
Wann hast du das letzte Mal...?
Wann hast du das letzte Mal...?
Dè an turas / uair mu dheireadh a rinn thu rudeigin (airson) a' chiad turas / uair?
Chanainn-sa gun cluinnear turas nas trice, gu h-àraidh le "mu dheireadh".
Dè do bheachdsa, a Shlèite?
Chanainn-sa gun cluinnear turas nas trice, gu h-àraidh le "mu dheireadh".
Dè do bheachdsa, a Shlèite?
Wann hast du das letzte Mal...?
Taing mhòr, Isbeal! 

Wann hast du das letzte Mal...?
Tha mi a' dol le Iseabail
Chanainn cuideachd "Cuin an turas mu dheireadh a rinn thu rudeigin airson a' chiad turais."
Slèite
Chanainn cuideachd "Cuin an turas mu dheireadh a rinn thu rudeigin airson a' chiad turais."
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.
Zurück zu „von Deutsch gu Gàidhlig“
Wer ist online?
Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast