Seite 1 von 1

Geborgenheit

Verfasst: Sa Nov 14, 2009 1:00 am
von Sleite
Obh obh, tha mi ann an staing! Dh'iarr cuideigin orm rudeigin eadar-theangachadh gu Gàidhlig agus a-nis tha mi stucte.... A bheil fhios aig duine ciamar a chanas tu Geborgenheit sa Ghàidhlig? Tha an co-theacs ann an teaghlach no le bràmair.

Bhithinn fada nur comain airson ur cuideachaidh.

Slèite

Verfasst: Sa Nov 14, 2009 11:28 am
von Isbeal
Dè mu dhèidhinn:

faireachdainn de shàbailteachd

(B' fheudar dhomh an t-slighe tro Bheural a ghabhal - sense of security)

Ref. taing do Google :

[PDF] Community safety Strategy Gaelic Jan03Dateiformat: PDF/Adobe Acrobat - Schnellansicht
Fàireachdainnean de shàbhailteachd àrdachadh nar coimhearsnachdan .... faireachdainn de choimhearsnachd anns na h-eileanan mar nithean matha ach ...
www.cne-siar.gov.uk/.../Community%20saf ... 0Jan03.pdf

Verfasst: Sa Nov 14, 2009 12:25 pm
von Sleite
Tapadh leat Isbeal

Sin as adhbhar a tha an eadar-theangachadh cho doirbh. Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil facal Beurla ann a tha fregarrach don fhacal Geborgenheit, agus mar sin cha d' fhuair mi facal Gàidhlig. Is docha gu bheil facal aig na Mìcheil gun a bhith a' dol tron Bheurla. Ach mas e (faireachdainn de ) shàbhailteachd a th' ann, is dòcha gum feum mi gabhail ris.

beachdan eile?

Slèite

Verfasst: Sa Nov 14, 2009 1:10 pm
von mona nicleoid
Tha mi ag aontachadh le Slèite, chan e "sense of security" a-mhàin a tha ann an "Geborgenheit". 'S e rudeigin nas blàithe a th' ann... rudeigin eadar comhfhartail, socrach, laghach...

Hmm, bha cuimhne agam air facal bho bhàrdachd air choireigin: tlus. Thug mi sùil air ann an Dwelly's, agus tha e ag ràdh: 1. pity, ruth, compassion, 2. tenderness, affection, 3. mildness, genial warmth, balminess, 4. comfort, comfortable sensation, as clothes next to the skin, etc.

Ach is dòcha nach eil sin buileach freagarrach. Sin an rud a bheireas cuideigin thugad gus am bi thu a' faireachdainn "Geborgenheit".

Verfasst: Sa Nov 14, 2009 3:02 pm
von Sleite
Oh, tapadh leat a Mhona
Is toil leam sin.... beachdan aig daoine eile mu dheidhinn seo?

Slèite